FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1119: A’ Ghàidhlig aig Oilthigh Ghlaschu (3)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

A’ Ghàidhlig aig Oilthigh Ghlaschu (3)

Gaelic Gàidhlig

Anns a’ cheala-deug a dh’fhalbh, bha mi ag innse dhuibh mun làraich-lìn ‘Sgeul na Gàidhlig aig Oilthigh Ghlaschu’. Anns an Litir mu dheireadh, bha mi ag aithris mu mar a bha Seanadh Earra-Ghàidheal de dh’Eaglais na h-Alba ag iarraidh eadar-theangachadh dhen t-Seann Tiomnadh gu Gàidhlig. Ge-tà, cha do thachair e.

Carson? Uill, bha strì a’ dol eadar na Clèirich agus na h-Easbaigich ann an Alba. Airson greis bha làmh-an-uachdar aig na h-Easbaigich, agus chaidh Gilleasbuig Caimbeul, Marcas Earra-Ghàidheal, a chur gu bàs. Bha esan na Chlèireach gu a smior. Chaidh na pròiseactan ‘Clèireach’ – leithid eadar-theangachadh an t-Seann Tiomnaidh – far an rathaid. Bhiodh ceud gu leth bliadhna ann mus nochdadh an Seann Tiomnadh ann an Gàidhlig.

Bha an suidheachadh cànain doirbh dhaibhsan a bha ag iarraidh a bhith nam ministearan ann an Earra-Ghàidheal. Dh’fheumadh Gàidhlig a bhith aca. Bhiodh an Seanadh a’ cur deuchainn cànain orra. Ach tha e coltach nach robh mòran Gàidhlig anns na sgoiltean sgìreil ann an Earra-Ghàidheal. Agus cha robh an cànan air a theagasg ann an Oilthigh Ghlaschu.

Anns an ochdamh linn deug, thathar a’ smaoineachadh gun robh am bàrd ainmeil, Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair, na oileanach ann. Chan eil dearbhadh air sin, ge-tà. Ach tha lethbhreacan de sgrìobhaidhean is leabhraichean aige ann an leabharlann an oilthigh. Tha iad prìseil thar tomhais.

Anns an ochdamh linn deug, bha Glaschu, agus an t-oilthigh, taiceil don riaghaltas ann an Lunnainn, agus nàimhdeil do na Seumasaich. A dh’aindeoin sin, bha gu leòr de dh’uaislean na Gàidhealtachd – co-dhiù bha iad nan Seumasaich no nach robh – a’ cur an cuid mhac ann mar oileanaich.

Anns an naoidheamh linn deug, chaidh Comunn Oiseanach a chur air dòigh anns an oilthigh. Bha na coinneamhan agus geàrr-chunntasan aca ann an Gàidhlig. An toiseach bha iad ag amas air deasbadan foirmeil a chumail. Bha a’ chiad deasbad aca air co-dhiù bha e na b’ fheàrr airson sonas duine a bhith pòsta no singilte.

Seo agaibh cuid de na cuspairean eile a bha iad a’ deasbad anns a’ Chomunn Oiseanach: an robh na Gàidheil ceart ann a bhith a’ toirt taic don Phrionnsa Teàrlach ann an seachd ceud deug, ceathrad ʼs a còig (1745)?; am bu chòir do na tràillean dubha anns na h-Innseachan Breatannach a bhith air an saoradh sa bhad?; am bu chòir daoine ciontach a chur gu bàs?; agus, dè as fheàrr – am pòsadh òg no sean?

Agus chùm an Comunn deasbadan air dà chuspair air am bi Gàidheil fhathast a’ deasbad – am bu chòir litreachadh na Gàidhlig atharrachadh?; agus, an robh an ceangal ri Sasainn gu buannachd na h-Alba? Cha chan mi an còrr air cuspair seach cuspair sin!

Ochd bliadhna an dèidh gun deach an Comunn a chur air chois, thòisich na buill air strì gus ollamhachd Ghàidhlig a stèidheachadh san oilthigh. Bha sin ann an ochd ceud deug, trithead ʼs a naoi (1839). Chuir iad athchuinge gu Rùnaire na Dùthcha, am Morair Iain Ruiseal. Thuirt na h-oileanaich gur e cùis uabhais a bh’ ann mar a bha cion ullachaidh ga thabhann air ministearan Gàidhealach. Bha iad a’ faighinn iomadh sgil, ach cha robh iad a’ faighinn oideachadh sam bith anns a’ chànan anns am biodh iad a’ searmonachadh. Ciamar a chaidh don iarrtas sin nuair a ràinig e an riaghaltas? Innsidh mi dhuibh an-ath-sheachdain.

Faclan na Litreach: làrach-lìn: website; làmh-sgrìobhainn: manuscript; Seanadh Earra-Ghàidheal: Argyll Synod; Marcas: Marquis; Comunn Oiseanach: Ossianic Society; Rùnaire na Dùthcha: The Home Secretary; am Morair Iain Ruiseal: Lord John Russell; oideachadh: instruction.

Abairtean na Litreach: Anns a’ cheala-deug a dh’fhalbh: in the last fortnight; eadar-theangachadh dhen t-Seann Tiomnadh: a translation of the Old Testament; bha strì a’ dol eadar na Clèirich agus na h-Easbaigich: a struggle was taking place between the Presbyterians and the Episcopalians; bha làmh-an-uachdar aig na h-Easbaigich: the Episcopalians had the upper hand; bha esan na Chlèireach gu a smior: he was a committed Presbyterian; chaidh X far an rathaid: X went off the rails; bhiodh ceud gu leth bliadhna ann mus nochdadh X: a century and a half would elapse before X appeared [would appear]; bha an suidheachadh cànain doirbh dhaibhsan a bha ag iarraidh a bhith nam ministearan: the linguistic situation was difficult for those that wanted to be ministers; bhiodh an Seanadh a’ cur deuchainn cànain orra: the Synod would test their Gaelic; cha robh an cànan air a theagasg ann an Oilthigh Ghlaschu: the language was not taught at the University of Glasgow; thathar a’ smaoineachadh gun robh X na oileanach ann: it is thought that X was a student there; chan eil dearbhadh air sin, ge-tà: there is no proof of that, however; nàimhdeil do na Seumasaich: hostile to the Jacobites; a’ cur an cuid mhac ann: sending their sons there; bha a’ chiad deasbad aca air co-dhiù bha e na b’ fheàrr airson sonas duine a bhith pòsta no singilte: their first debate was about whether it was better for a person’s happiness to be married or single; am bu chòir do na tràillean dubha anns na h-Innseachan Breatannach a bhith air an saoradh sa bhad?: should the black slaves in the British Indies be freed immediately?; am bu chòir litreachadh na Gàidhlig atharrachadh?: should the Gaelic spelling system be changed?; cha chan mi an còrr air cuspair seach cuspair sin!: I won’t say more on those two subjects!; strì gus ollamhachd Ghàidhlig a stèidheachadh san oilthigh: campaign to establish a Gaelic professorship in the university.

Puing-chànain na Litreach: Dh’fheumadh Gàidhlig a bhith aca: they were required to have Gaelic. Dh’fheumadh can be either the conditional form of feum ‘be in need of’ eg dh’fheumadh tu falbh ‘you would have to leave’, and I might have said dh’fheumadh iad Gàidhlig a bhith aca ‘they would have to have Gaelic’. But it can also be a past passive construction ‘were required’ without the need for the pronoun.

Gnàthas-cainnt na Litreach: Tha iad prìseil thar tomhais: they are priceless.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 815

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean