FaclairDictionary EnglishGàidhlig

735: Flòdaigearraidh agus Eilean a’ Chinn Mhòir (1)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Flòdaigearraidh agus Eilean a’ Chinn Mhòir (1)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ann am Flòdaigearraidh anns an Eilean Sgitheanach o chionn ghoirid. ’S e àite brèagha a th’ ann, anns an Taobh Sear ann an ceann a tuath an eilein. Bha mi fhìn is feadhainn eile air a’ chladach air latha teth grianach cuide ri Dùghall Ros, a bhuineas don sgìre.

Tha Dùghall na eòlaiche air fosailean. Tha e air mòran dhiubh a lorg thar nam bliadhnaichean, a’ coisinn cliù nàiseanta dha fhèin. Tha taigh-tasgaidh aige, anns a bheil mòran rudan iongantach air an taisbeanadh – cnàmhan dìneasair nam measg.

‘Tha ammonite am broinn na cloiche seo,’ thuirt Dùghall rium, agus e a’ comharrachadh loidhnichean beaga geala air uachdar na cloiche a bha na làimh. Bha mi rudeigin amharasach oir cha robh mi fhìn a’ faicinn dad a bha gu follaiseach a’ buntainn ri ainmhidh àrsaidh.

Ach bha Dùghall ceart. Le òrd is sgeilb, bhris e a’ chlach agus – mar a bha e air innse – bha fosail brèagha gleansach ann de dh’ammonite. Bha e mar a bhith a’ fosgladh seann chiste robach, agus a’ lorg bhràistean òir na broinn!

Cha b’ fhada gus an robh a’ mhuir a’ lìonadh agus a’ sìor chòmhdachadh a’ chladaich. Bha obair nam fosailean seachad. Bha an gille agam, Calum, cuide rinn. Thuirt e gun robh e ag iarraidh falbh a-mach don eilean mu ar coinneimh. Air na mapaichean ’s e Eilean Flodigarry a th’ air mar ainm. Ach an fheadhainn a bhuineas don àite aig a bheil Gàidhlig – agus sin a’ chuid mhòr fhathast – canaidh iadsan Eilean a’ Chinn Mhòir ris. Tha creag àrd chas aig ceann an ear an eilein – ’s e sin an Ceann Mòr. Air an taobh an iar, mu choinneimh Fhlòdaigearraidh fhèin, chan eil cladach an eilein ro chas idir.

Tuigidh sibh nach robh bàta de sheòrsa sam bith aig Calum. B’ e snàmh a bha fa-near dha. Le deise-fhliuch, bha e dhen bheachd gun dèanadh e an gnothach, ged a chosgadh e beagan ùine. ’S toigh leis a bhith a’ snàmh a-muigh – ann an lochan, aibhnichean no muir.

Dh’aontaich mise fuireach air a’ chladach air a shon, agus sùil a chumail air le prosbaig. ‘Ma ruigeas tu letheach-slighe, agus tu a’ fàs sgìth,’ thuirt mi ris, ‘tionndaidh agus till an seo.’ Dh’aontaich e gun dèanadh e sin.

Dh’fhalbh e a shnàmh agus bha e a’ dèanamh na cùise glè mhath. Chunnaic mi sgarbh, ròn agus farspag a’ dol faisg air, agus a’ toirt sùil air. Bha mi dìreach an dòchas nach robh madaidhean-cuain anns an nàbachd. An latha roimhe, chunnaic sinn muc-mhara a-mach bho Stafainn. Ach saoilidh mi gur e an seòrsa a bh’ ann ris an canar ‘miongaidh’.

Gu letheach-slighe, bha Calum a’ dèanamh gu math. An uair sin thòisich e air a dhol air fiaradh leis an t-sruth-mhara. An àite an t-eilean a ruigsinn mu mo choinneimh, bha e air a dhol gu deas mu thrì cheud slat. Ach co-dhiù, rinn e a’ chùis, agus thill e gu sàbhailte cuideachd.

Nuair a bha e air ais cuide rium air talamh tioram, chuir mi meal a naidheachd air, agus dh’fhaighnich mi an robh fios aige mun fhear a bhiodh a’ snàmh a’ chaolais sin gu tric anns an t-seann aimsir. Cha robh fios aige, agus dh’inns mi dha an stòiridh mu Ailean agus Màiri. Innsidh mi dhuibh fhèin e an-ath-sheachdain.

Faclan na Litreach: Flòdaigearraidh: Flodigarry; an Taobh Sear: Trotternish to the east of the ridge, taking in Staffin; amharasach: suspicious; deise-fhliuch: wetsuit; tionndaidh: turn; muc-mhara: whale.

Abairtean na Litreach: Dùghall Ros, a bhuineas don sgìre: Dugald Ross, who belongs to the area; na eòlaiche air fosailean: an expert on fossils; a’ coisinn cliù nàiseanta dha fhèin: establishing a national reputation for himself; anns a bheil mòran rudan iongantach air an taisbeanadh: in which many amazing things are exhibited; cnàmhan dìneasair: dinosaur bones; am broinn na cloiche seo: inside this stone; air uachdar na cloiche: on the surface of the stone; a bha gu follaiseach a’ buntainn ri ainmhidh àrsaidh:that was obviously belonging to an ancient animal; mar a bhith a’ fosgladh seann chiste robach, agus a’ lorg bhràistean òir na broinn: like opening a ragged old kist, finding golden brooches inside it; cha b’ fhada gus an robh a’ mhuir a’ lìonadh: it wasn’t long until the tide was flowing; falbh a-mach don eilean mu ar coinneimh: going out to the island opposite us; tha creag àrd chas aig ceann an ear an eilein: there is a high steep crag on the east side of the island; b’ e snàmh a bha fa-near dha:it was intention to swim; sùil a chumail air le prosbaig: to keep an eye on him through binoculars; ma ruigeas tu letheach-slighe: if you reach halfway; chunnaic mi sgarbh, ròn agus farspag: I saw a cormorant, seal and black-backed gull; nach robh madaidhean-cuain anns an nàbachd: that there were no killer whales in the vicinity; saoilidh mi gur e an seòrsa a bh’ ann ris an canar ‘miongaidh’: I think it was the type called ‘minke’; gu deas mu thrì cheud slat: about three hundred yards to the south; chuir mi meal a naidheachd air: I congratulated him; mun fhear a bhiodh a’ snàmh a’ chaolais sin gu tric anns an t-seann aimsir: about the man who would often swim that strait in olden times.

Puing-chànain na Litreach: a’ sìor chòmhdachadh a’ chladaich: steadily covering the seashore. Sìor is an adjective meaning ‘continual, incessant’ but it is most usually encountered in an adverbial context. Often, as in the Litir, it appears with the verbal noun, causing lenition. Other examples are tha iad a’ sìor dhol am meud ‘they are continually getting bigger’; tha e a’ sìor fhàs greannach ‘he’s steadily getting grumpy [ie grumpier]’.

Gnàthas-cainnt na Litreach: thòisich e air a dhol air fiaradh leis an t-sruth-mhara : he started moving sideways/obliquely with the sea current. Also air fhiaradh.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 431

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean