446: Pruidh, deirist, a bhò riabhach! ’S fheàirrd thu buarach!
Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.
Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
Pruidh, deirist, a bhò riabhach! ’S fheàirrd thu buarach!
Lorg mi abairt an latha eile ann an leabhar sheanfhaclan. Tha i a’ buntainn air daoine air a bheil cus cabhaig. Tha uiread de chabhaig orra rudeigin a dhèanamh ’s nach eil iad ga dhèanamh cho math ’s a bu chòir. ’S ann à Siorrachd Pheairt a tha i: Pruidh, deirist, a bhò riabhach! ’S fheàirrd thu buarach! Tha e a’ ciallachadh “Come, stand still, brindled cow! You would be the better of a fetter! Pruidh, deirist, a bhò riabhach! ’S fheàirrd thu buarach!
Air an dearbh latha a leugh mi sin, thàinig mi tarsainn air sreath ghairmean a bhios daoine a’ cleachdadh nuair a tha iad ag èigheachd air beathaichean, agus ag iarraidh orra dhol gan ionnsaigh. Bha iad à Bàideanach. Ri bò, chanadh muinntir Bhàideanach “Pruidh-dhè”. Pruidh-dhè.
Chaidh mi gu faclair Dwelly agus bha e ann a sin ceart gu leòr. Pruidh – call to cattle, cow or calf. Bha Pruidh-dhè ann cuideachd, agus pruidh-é agus pruidh-dhè bheag a bharrachd air pruidh seo agus pruigean.
Tha e coltach gun deach na h-abairtean sin bho Ghàidhlig gu Albais no bho Albais gu Gàidhlig, oir tha am faclair Albais agam a’ toirt seo: Prow, Pru, Prui, Prutchee, Ptru, Ptrui, Ptruch, Ptruchie agus Ptrumai mar dhòighean airson a bhith a’ gairm air crodh – agus uaireannan air each no air eich.
’S e an sgoilear Gàidhlig, Alasdair MacBheathain, a sgrìobh am pàipear mu abairtean à Bàideanach – oir ’s ann à Bàideanach a bha e fhèin. Agus thuirt e rudeigin inntinneach mun fhacal a chleachdadh iad airson a bhith a’ gairm air each. Chanadh iad “progaidh”. Progaidh. Thuirt MacBheathain gur ann bhon Albais a thàinig sin don Ghàidhlig, ach gur ann bhon Fhraingis a bha e bho thùs – bho approchez.
Cha chreid mi nach eil barrachd sa chumantas eadar a’ Ghàidhlig agus Albais na tha sinn ag aideachadh aig amannan. Bidh sibh eòlach, ’s dòcha, air an fhacal a chleachdas daoine airson bruidhinn ri caora no uan – ciridh. ’S ann tric a chuala mi muinntir na Comraich ag èigheachd “Ciridh, ciridh, ciridh!” ri caoraich nuair a bha mi òg. Uill, chaidh mi don fhaclair Albais agus bha am facal K-e-e-r-i-e ann – Keerie –– a call to a lamb or sheep.
Tha cuid de na gairmean eadar-nàiseanta. Mar eisimpleir, puisidh airson bruidhinn ri cat, agus diug no diugaidh airson labhairt ri cearc. Ach bha abairt inntinneach eile aig MacBheathain airson bruidhinn ri cat no piseag – ’s e sin stididh – no uaireannan tididh no stidean no stìdean. Bha e fhèin dhen bheachd gun tàinig iad sin bho Albais gu Gàidhlig oir tha cheet no cheetie ann an Albais a’ ciallachadh cat no piseag. Anns an t-seann Bheurla bha chit a’ ciallachadh beathach òg no piseag agus cluinnear kit fhathast airson cuilean sionnaich ann am Beurla.
Ach dè chanas sinn ri cù? Uill, tha facal agam a bhios mi ag èigheachd ris a’ chù agam agus bidh e an-còmhnaidh a’ tighinn thugam. Nise, feumaidh mi ràdh nach eil Beurla aig a’ chù agam ann. ’S e cù Gàidhealach a th’ ann agus ’s e abairtean Gàidhlig an aon fheadhainn air a bheil e eòlach. Mholainn sin do dhuine sam bith agaibh a tha a’ beachdachadh air cuilean fhaighinn. Cùm Gàidhlig ris. Cha leig thu leas ach beagan abairtean ionnsachadh, agus tha e uabhasach math airson a bhith a’ toirt air clann, aig nach eil ach Beurla, beagan Gàidhlig fheuchainn.
Agus an cù agamsa? Dè dh’èigheas mi ris a bheir e air ais thugam nuair a tha e a’ ruith sa phàirc? Dè th’ ann ach “Briosgaid!”
Faclan na Litreach: Siorrachd Pheairt: Perthshire; Bàideanach: Badenoch; pruidh-dhè: call to a cow; Albais: Scots (language); Alasdair MacBheathain: Alexander Macbain; progaidh: call to a horse; ciridh: call to a sheep or lamb; puisidh, stididh: call to a cat; diug, diugaidh: call to a hen; piseag: kitten; briosgaid: biscuit.
Abairtean na Litreach: ann an leabhar sheanfhaclan: in a book of proverbs; a’ buntainn air daoine air a bheil cus cabhaig: it concerns people who are in too much of a rush; tha uiread de chabhaig orra: they are in so much of a hurry; thàinig mi tarsainn air sreath ghairmean: I came across a series of calls; dhol gan ionnsaigh: to go towards them; airson a bhith a’ gairm air crodh: for calling cattle; bho thùs: originally; cha chreid mi nach eil barrachd sa chumantas eadar X agus Y: I reckon that X and Y have more in common; muinntir na Comraich: the people of Appleclross; cuilean sionnaich: fox cub; bidh e an-còmhnaidh a’ tighinn thugam: he always comes to me; an aon fheadhainn air a bheil e eòlach: the only ones he knows; mholainn sin do dhuine sam bith agaibh a tha a’ beachdachadh air cuilean fhaighinn: I’d recommend that to anyone among you who is thinking of getting a puppy; cùm Gàidhlig ris: speak [keep] Gaelic to him; cha leig thu leas ach beagan abairtean ionnsachadh: you only need to learn a few phrases; airson a bhith a’ toirt air clann, aig nach eil ach Beurla, beagan Gàidhlig fheuchainn: to make children, who only speak English, try a little Gaelic; dè dh’èigheas mi ris a bheir e air ais thugam?: what do I shout to him that brings him back to me?; a’ ruith sa phàirc: running in the park.
Puing-chànain na Litreach: The point I make in the Litir about using only Gaelic with your dog, even if you’re a learner, is deadly serious. It is a wonderful way of raising awareness in the community, of teaching basic Gaelic to children in a situation that they really enjoy and, of course, of encouraging the use of the language in your household. Here are the basic commands I use (and which I supply – with attached phonetic guide – to the kennels when he goes for a “holiday”): Suidhe [SOO-ee] sit; Trobhad [TROE-ut] come to me; Fuirich [FOOR-ich] stay/don’t move; Thig [heek] come with me; Laigh [lie] lie down; Cù math [Koo MAH] good dog; Biadh [BEE-ugh] food; Cuairt [KOO-urst] walkies; Sìos [SHEE-us] (get) down; Suas [SOO-uss] (jump) up; Spòg [spawk] (give me your) paw; and, of course, Briosgaid! [BRISK-utch] come to me – I have a treat for you!
Gnàthas-cainnt na Litreach: ’S fheàirrd thu buarach!: you would be the better of a fetter. ’S fheàirrd thu beagan fois – you would be the better of a little rest.
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Litir do Luchd-ionnsachaidh
This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 142
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn