FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1012: Alasdair MacIlleMhìcheil

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Alasdair MacIlleMhìcheil

Gaelic Gàidhlig

Nuair a bha mi ann an Lios Mòr as t-fhoghar, chaidh mi a choimhead air làrach an t-seann taighe anns an do thogadh Alasdair MacIlleMhìcheil – am fear a tha cliùmhor airson Carmina Gadelica a dhèanamh. Rugadh e ann an Croit an Lochain faisg air Loch Baile a’ Ghobhainn ann an ochd ceud deug, trithead ʼs a dhà (1832). B’ e an leanabh a b’ òige de naoinear cloinne.

Fhuair e a sgoil ann an Lios Mòr agus, a rèir choltais, Grianaig. Fhuair e obair mar ghàidsear. Bha e stèidhichte ann an Grianaig, Baile Atha Cliath, Ìle agus san Eilean Sgitheanach. Air a’ Ghàidhealtachd, thòisich e air beul-aithris a chruinneachadh fo sgèith Iain Òg Ìle.

Bha e anns a’ Chòrn airson dà bhliadhna. Ann an ochd ceud deug, seasgad ʼs a ceithir (1864) thill e a dh’Alba. Bha e stèidhichte an toiseach ann an Loch nam Madadh. Bha Uibhist iongantach dha oir bha beartas de bheul-aithris ann a bha cho math ri àite sam bith air taobh an iar na Roinn Eòrpa. Thòisich e air cruinneachadh a dhèanamh de sgeulachdan, òrain, orthachan, laoidhean, seanfhaclan, dubh-fhaclan is eile.

Phòs MacIlleMhìcheil Màiri Frangag NicBheathain ann an ochd ceud deug, seasgad ʼs a h-ochd (1868). Bha iad a’ fuireach ann an Creag Ghoraidh ann am Beinn a’ Bhaoghla. An ceann greis, thòisich e air sgrìobhadh airson a’ phàipeir-naidheachd radaigich, The Highlander. Bha e eòlach air deasaiche a’ phàipeir, John Murdoch. Bha iad air a bhith ann am Baile Atha Cliath aig an aon àm.

An dèidh dhaibh a bhith ann an Uibhist, agus greis san Òban, chaidh iad a dh’fhuireach ann an Dùn Èideann, far an robh Alasdair an sàs ann an coimhearsnachd nan inntleachdach Gàidhealach. Ann an ochd ceud deug, ochdad ʼs a trì (1883), thug Coimisean Napier sùil air cor nan croitearan ʼs nan coitearan air a’ Ghàidhealtachd. Dh’iarr Napier air MacIlleMhìcheil pìosan a chur ris an aithisg aige. Tha iad sin air leth inntinneach, gu h-àraidh an eàrr-ràdh aige air dòigh-beatha is nòsan nan daoine. Ann an sin, chithear bunaitean Charmina Gadelica, an cruinneachadh mòr a rinn e, stèidhichte air a’ bheul-aithris a fhuair e anns na h-eileanan.

Tha ceist ann mu co-dhiù chuir Alasdair gleans air na chruinnich e airson tuill a lìonadh agus an cruinneachadh a dhèanamh nas tarraingiche, ach tha Carmina Gadelica gu math cudromach mar thaisbeanadh de ghuth nan seann Ghàidheal. Nochd dà leabhar dheth anns a’ bhliadhna naoi ceud deug (1900).

Phòs a nighean Ella an sgoilear Gàidhlig Uilleam MacBhàtair. Thug ise eagran ùr dhen chiad dà leabhar a-mach ann an naoi ceud deug, fichead ʼs a h-ochd (1928), sia bliadhn’ deug an dèidh bàs a h-athar. Thug a mac-se, Seumas MacIlleMhìcheil MacBhàtair, a bha cuideachd na sgoilear Gàidhlig, an treas is ceathramh leabhar a-mach aig toiseach an Dàrna Cogaidh.

Bha Seumas ann an Lios Mòr ann an naoi ceud deug, trithead ʼs a seachd (1937). Tha a sheanair air a thiodhlacadh ann an seann chladh Eaglais Chill Moluag anns an eilean. Chuir e iongnadh air Seumas mar nach robh daoine uabhasach measail air Alasdair. Eadhon an latha an-diugh, chan eil cuid de Liosaich uabhasach bàidheil ris. Mar a sgrìobh an sàr-Liosach, Dòmhnall MacIlleDhuibh nach maireann, anns an leabhar aige ‘Sgeul no Dhà às an Lios’ – ‘Bha fàidh riamh gun urram na dhùthaich fhèin.’

Faclan na Litreach: Lios Mòr: Lismore; cliùmhor: renowned; Grianaig:Greenock; gàidsear: exciseman; Baile Atha Cliath: Dublin; Loch nam Madadh: Lochmaddy; Màiri Frangag NicBheathain: Mary Frances MacBain; Creag Ghoraidh:Creagorry; Beinn a’ Bhaoghla: Benbecula; deasaiche:editor; Uilleam MacBhàtair: William J Watson; a mac-se:her son; Eaglais Chill Moluag: St Moluag’s Church.

Abairtean na Litreach: chaidh mi a choimhead air làrach an t-seann taighe: I went to look at the site of the old house; anns an do thogadh Alasdair MacIlleMhìcheil: in which Alexander Carmichael grew up; b’ e an leanabh a b’ òige de naoinear cloinne:he was the youngest of nine children; fo sgèith Iain Òg Ìle: under the auspices of John Francis Campbell of Islay; anns a’ Chòrn: in Cornwall; bha beartas de bheul-aithris ann a bha cho math ri àite sam bith air taobh an iar na Roinn Eòrpa: there was a richness of oral tradition there that was as good as any place in western Europe; an ceann greis, thòisich e air sgrìobhadh airson a’ phàipeir-naidheachd radaigich: after a while he started to write for the radical newspaper; far an robh X an sàs ann an coimhearsnachd nan inntleachdach Gàidhealach: where X was involved with the community of Gaelic intellectuals; cor nan croitearan ʼs nan coitearan: the condition of the crofters and cottars; gu h-àraidh an eàrr-ràdh aige air dòigh-beatha is nòsan nan daoine: particularly the appendix about the way of life and customs of the people; co-dhiù chuir X gleans air na chruinnich e airson tuill a lìonadh agus an cruinneachadh a dhèanamh nas tarraingiche: whether X polished what he collected to fill gaps and to make the collection more attractive; mar thaisbeanadh de ghuth nan seann Ghàidheal: as a display of the voice of the old Gaels; aig toiseach an Dàrna Cogaidh: at the start of the Second War; tha a sheanair air a thiodhlacadh: his grandfather is buried; nach robh daoine uabhasach measail air X: that people weren’t particularly keen on X; mar a sgrìobh an sàr-Liosach, Dòmhnall MacIlleDhuibh nach maireann: as the exceptional native of Lismore, the late Donald Black, wrote.

Puing-chànain na Litreach: Bha fàidh riamh gun urram na dhùthaich fhèin: a prophet was always without honour in his own country . Remember the use of the structure na for ‘in his’ (with lenition) or na for ‘in her’ without lenition ie na dùthaich fhèin ‘in her country’. The alternative would be anns an dùthaich aige/aice fhèin which is more wordy.

Gnathas-cainnt na Litreach: Fhuair e a sgoil : he got his education.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 708

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean