FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Alasdair MacIlleMhìcheil

Nuair a bha mi ann an Lios Mòr as t-fhoghar, chaidh mi a choimhead air làrach an t-seann taighe anns an do thogadh Alasdair MacIlleMhìcheil – am fear a tha cliùmhor airson Carmina Gadelica a dhèanamh.

Audio is playing in pop-over.

Alasdair MacIlleMhìcheil

Nuair a bha mi ann an Lios Mòr as t-fhoghar, chaidh mi a choimhead air làrach an t-seann taighe anns an do thogadh Alasdair MacIlleMhìcheil – am fear a tha cliùmhor airson Carmina Gadelica a dhèanamh. Rugadh e ann an Croit an Lochain faisg air Loch Baile a’ Ghobhainn ann an ochd ceud deug, trithead ʼs a dhà (1832). B’ e an leanabh a b’ òige de naoinear cloinne.

Fhuair e a sgoil ann an Lios Mòr agus, a rèir choltais, Grianaig. Fhuair e obair mar ghàidsear. Bha e stèidhichte ann an Grianaig, Baile Atha Cliath, Ìle agus san Eilean Sgitheanach. Air a’ Ghàidhealtachd, thòisich e air beul-aithris a chruinneachadh fo sgèith Iain Òg Ìle.

Bha e anns a’ Chòrn airson dà bhliadhna. Ann an ochd ceud deug, seasgad ʼs a ceithir (1864) thill e a dh’Alba. Bha e stèidhichte an toiseach ann an Loch nam Madadh. Bha Uibhist iongantach dha oir bha beartas de bheul-aithris ann a bha cho math ri àite sam bith air taobh an iar na Roinn Eòrpa. Thòisich e air cruinneachadh a dhèanamh de sgeulachdan, òrain, orthachan, laoidhean, seanfhaclan, dubh-fhaclan is eile.

Phòs MacIlleMhìcheil Màiri Frangag NicBheathain ann an ochd ceud deug, seasgad ʼs a h-ochd (1868). Bha iad a’ fuireach ann an Creag Ghoraidh ann am Beinn a’ Bhaoghla. An ceann greis, thòisich e air sgrìobhadh airson a’ phàipeir-naidheachd radaigich, The Highlander. Bha e eòlach air deasaiche a’ phàipeir, John Murdoch. Bha iad air a bhith ann am Baile Atha Cliath aig an aon àm.

An dèidh dhaibh a bhith ann an Uibhist, agus greis san Òban, chaidh iad a dh’fhuireach ann an Dùn Èideann, far an robh Alasdair an sàs ann an coimhearsnachd nan inntleachdach Gàidhealach. Ann an ochd ceud deug, ochdad ʼs a trì (1883), thug Coimisean Napier sùil air cor nan croitearan ʼs nan coitearan air a’ Ghàidhealtachd. Dh’iarr Napier air MacIlleMhìcheil pìosan a chur ris an aithisg aige. Tha iad sin air leth inntinneach, gu h-àraidh an eàrr-ràdh aige air dòigh-beatha is nòsan nan daoine. Ann an sin, chithear bunaitean Charmina Gadelica, an cruinneachadh mòr a rinn e, stèidhichte air a’ bheul-aithris a fhuair e anns na h-eileanan.

Tha ceist ann mu co-dhiù chuir Alasdair gleans air na chruinnich e airson tuill a lìonadh agus an cruinneachadh a dhèanamh nas tarraingiche, ach tha Carmina Gadelica gu math cudromach mar thaisbeanadh de ghuth nan seann Ghàidheal. Nochd dà leabhar dheth anns a’ bhliadhna naoi ceud deug (1900).

Phòs a nighean Ella an sgoilear Gàidhlig Uilleam MacBhàtair. Thug ise eagran ùr dhen chiad dà leabhar a-mach ann an naoi ceud deug, fichead ʼs a h-ochd (1928), sia bliadhn’ deug an dèidh bàs a h-athar. Thug a mac-se, Seumas MacIlleMhìcheil MacBhàtair, a bha cuideachd na sgoilear Gàidhlig, an treas is ceathramh leabhar a-mach aig toiseach an Dàrna Cogaidh.

Bha Seumas ann an Lios Mòr ann an naoi ceud deug, trithead ʼs a seachd (1937). Tha a sheanair air a thiodhlacadh ann an seann chladh Eaglais Chill Moluag anns an eilean. Chuir e iongnadh air Seumas mar nach robh daoine uabhasach measail air Alasdair. Eadhon an latha an-diugh, chan eil cuid de Liosaich uabhasach bàidheil ris. Mar a sgrìobh an sàr-Liosach, Dòmhnall MacIlleDhuibh nach maireann, anns an leabhar aige ‘Sgeul no Dhà às an Lios’ – ‘Bha fàidh riamh gun urram na dhùthaich fhèin.’

Litir 1011 Litir 1011 Litir 1013 Litir 1013

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!