1127: Ùisdean Mac a' Mhuilleir agus Gràin-chinnidh (2)
Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.
Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
Ùisdean Mac a' Mhuilleir agus Gràin-chinnidh (2)
Bha mi ag innse dhuibh mun turas aig Frederick Douglass a dh’Alba ann an ochd ceud deug, ceathrad ʼs a sia (1846). Trì bliadhna roimhe sin, bha an Eaglais Shaor air a cruthachadh. Bha an Eaglais ann an staing a thaobh airgead – airson ministearan a phàigheadh, airson eaglaisean a thogail is mar sin air adhart. Chuir iad teachdairean a-null do na Stàitean Aonaichte airson airgead fhaighinn bho choitheanalan Clèireach an sin. Ge-tà, thàinig mòran dhen airgead a fhuair iad bho dhaoine a bha a’ cumail thràillean.
Bha Frederick Douglass aig ceann iomairt airson an t-airgead a chur air ais do na Stàitean Aonaichte. Dh’fhàs an iomairt gu math mòr – agus guineach. Bha òrain air an sgrìobhadh agus air am foillseachadh ann am pamflaidean. Seo rann à fear dhiubh:
Send back the money, ʼtis dark polluted gold,
ʼTwas wrung from human flesh and bones by agonies untold:
There’s not a mite in all the sum but what is stained with blood,
There’s not a mite in all the sum but what is cursed of God…
Seo far a bheil an sgrìobhadair, creag-eòlaiche, clachair is Crìosdaidh ainmeil – Ùisdean Mac a’ Mhuilleir – a’ nochdadh nar sgeul. Ged a bhuineadh e do Chromba ann an Ros an Ear, bha Ùisdean air a bhith a’ fuireach ann an Dùn Èideann airson beagan bhliadhnaichean. Bha e na dheasaiche air a’ phàipear-naidheachd, am Witness. Bha am Witness a’ riochdachadh bheachdan soisgeulach anns an Eaglais.
Nuair a chaidh an Eaglais Shaor a chur air chois, b’ e a Modaràtor an t-Urramach Tòmas Chalmers. Bha Chalmers gu math cliùmhor air feadh na rìoghachd. Bha e fhèin is Ùisdean Mac a’ Mhuilleir mòr aig a chèile, agus bhiodh Chalmers a’ cur a bheachdan an cèill air duilleagan a’ Witness.
Sgrìobh Chalmers gun robh e an aghaidh tràilleachd, ach bha e airson diofar a chomharrachadh eadar tràilleachd fhèin – a bha olc – agus na daoine leis an robh tràillean – uaireannan nach robh olc. Bha cuid a’ dèanamh sgaradh cuideachd eadar feadhainn a cheannaich tràillean agus feadhainn a cheannaich oighreachd air an robh tràillean mu-thràth. Cha do ghabh Frederick Douglass ris na beachdan sin a-muigh no mach. Ann an Ameireagaidh, thuirt e – gu connspaideach – tha am Bìoball agus luchd-seilbh thràillean an altaibh a chèile ... am fear a chleachdas a’ chuip tron t-seachdain, bidh e na sheasamh sa chùbaid air an t-Sàbaid.
Sgrìobh Mac a’ Mhuilleir colbhan-beachd a bha a’ dìon na h-Eaglaise. Sgrìobh e gun robh an iomairt ‘Send the Money Back’ air a bhith ro phearsanta mu cheannardan na h-Eaglaise Saoire agus gun robhar ag iarraidh ìre de ghlainead mhoralta a bha mì-reusanta. Bha deasbad mun airgead taobh a-staigh na h-Eaglaise cuideachd, ach chaidh an latha leis an Urramach Chalmers agus a chàirdean aig an Àrd-sheanadh. Cha deach an t-airgead a thoirt air ais.
Chan eil sin a’ ciallachadh nach robh Frederick Douglass soirbheachail. Thug e tràilleachd gu aire muinntir na dùthcha.
Ach dè mu dheidhinn cliù Ùisdein Mhic a’ Mhuilleir fhèin? Chan e a-mhàin gun robh e an aghaidh na h-iomairt ‘Send the Money Back’ airson an t-airgead a chur air ais, ach sgrìobh e cuideachd beachdan guineach mu bhoireannaich a bha a’ sireadh chòraichean dhaibh fhèin. Tha daoine air a bhith a’ dèanamh ath-sgrùdadh air na sgrìobhaidhean aige ann an co-theacsa na h-iomairt ‘Black Lives Matter’. An robh e ri gràin-chinnidh? Bheir sinn sùil air a’ cheist sin an-ath-sheachdain.
Faclan na Litreach: guineach: venomous; creag-eòlaiche: geologist; clachair: mason; Crìosdaidh: Christian; Ùisdean Mac a’ Mhuilleir: Hugh Miller; Dùn Èideann: Edinburgh; soisgeulach: evangelical.
Abairtean na Litreach: Trì bliadhna roimhe sin, bha an Eaglais Shaor air a cruthachadh: three years before that, the Free Church was created; ann an staing: in difficulty; chuir iad teachdairean a-null do na Stàitean Aonaichte airson airgead fhaighinn bho choitheanalan Clèireach: they sent messengers over to the United States to get money from Presbyterian congregations; aig ceann iomairt: at the head of a campaign; bha e na dheasaiche air a’ phàipear-naidheachd: he was the editor of the newspaper; b’ e a Modaràtor an t-Urramach Tòmas Chalmers: its Moderator was the Rev. Thomas Chalmers; bha X gu math cliùmhor air feadh na rìoghachd: X was renowned throughout the country; bhiodh X a’ cur a bheachdan an cèill: X would declare his opinions; cha do ghabh X ris na beachdan sin a-muigh no mach: X did not accept those opinions in any shape or form; am fear a chleachdas a’ chuip tron t-seachdain, bidh e na sheasamh sa chùbaid air an t-Sàbaid: the man who employs the whip during the week, he stands in the pulpit on Sunday; ro phearsanta mu cheannardan na h-Eaglaise Saoire: too personal about the leaders of the Free Church; gun robhar ag iarraidh ìre de ghlainead mhoralta a bha mì-reusanta: that an unreasonable level of moral purity was being required; chaidh an latha le X aig an Àrd-sheanadh: X won the day at the General Assembly; thug e tràilleachd gu aire muinntir na dùthcha: he brought slavery to the attention of the country’s people; beachdan guineach mu bhoireannaich a bha a’ sireadh chòraichean dhaibh fhèin: stinging opinions about women who were seeking rights for themselves; ath-sgrùdadh air na sgrìobhaidhean aige ann an co-theacsa na h-iomairt: a reanalysis of his writings in the context of the campaign; an robh e ri gràin-chinnidh?: was he a racist?
Puing-chànain na Litreach: dè mu dheidhinn cliù Ùisdein Mhic a’ Mhuilleir fhèin?: what about Hugh Miller’s own reputation? When you have a name of a person, both given name and surname, all in the genitive case, both elements are traditionally inflected for the genitive. Ùisdean becomes Ùisdein and Mac a’ Mhuilleir becomes Mhic a’ Mhuilleir [although note that this is not so strictly adhered to today]. Mart Raibeirt Mhic Coinnich ‘Robert MacKenzie’s cow’.
Gnàthas-cainnt na Litreach: an altaibh a chèile: intertwined with each other.
Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Litir do Luchd-ionnsachaidh
This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 823
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn