FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1202: Faclan airson 'uisge'

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Faclan airson 'uisge'

Gaelic Gàidhlig

Dè am prìomh fhacal a th’ ann airson water ann an Gàidhlig Dhùthaich MhicAoidh – ann am fìor cheann a tuath na h-Alba? Nan canadh sibh uisge, bhiodh sibh ceàrr. Ged a thuigeas na daoine am facal uisg’, ʼs e am prìomh fhacal a th’ aca airson water – bùrn. Chan ann a-mhàin ann an Leòdhas agus Na Hearadh a chluinneas sibh bùrn ach ann an cuid de dh’àiteachan air tìr-mòr cuideachd.

Tha faclair air mo bheulaibh an-dràsta – Gàidhlig Dhùthaich MhicAoidh leis an sgoilear dhualchainntean, Seumas Grannd. Airson ‘did you drink the water?’, tha an d’ òl thu am bùrn? Airson ‘a drink of water’, tha deoch de bhùrn.

Nas fhaide deas ann an sgìre Gheàrrloch, ʼs e uisge am facal cumanta airson water. Ach nochdaidh bùrn cuideachd gu h-àraidh anns an t-Srath ann an Geàrrloch. An sin, cha bhi bùrn a’ seasamh airson an uisge a thuiteas às an adhar. Anns an fhaclair mhòr aige mu dhualchainnt Gheàrrloch, tha am faclairiche Roy Wentworth a’ toirt na h-abairt seo dhuinn: Cha chanadh sinn ‘bùrn’ ri uisg’ an adhair idir ‘we would never call rain ‘bùrn’.

Chan eil e co-ionann ann an Dùthaich MhicAoidh, ge-tà. Anns na h-abairtean co-cheangailte ri rain anns an fhaclair aig Seumas Grannd, tha seo: tha e a’ bùrn ‘it’s raining’; tha e a’ dul do bhùrn ‘it’s going to rain’; bùrn mìn no smùid de bhùrn ‘drizzle’; bùrn aotrom ‘light rain’; bùrn dubh ‘torrential rain’; bùrn nan seachd siantan ‘driving rain’.

Tha an Litir gu bhith rudeigin uisgeach no bùrnach an-diugh. Tha mi airson sùil a thoirt air faclan is abairtean co-cheangailte ri uisge.

Anns an t-seann Ghàidhlig, bha am facal dobhar ann. Tha sin ceangailte ris an fhacal Chuimreach dŵr airson uisge. Chan eil dobhar beò ann an cainnt làitheil nan Gàidheal an-diugh ach tha e ann an ainmean-àite agus ann am faclan co-cheangailte ri nàdar. Tha mi a’ smaoineachadh air dobhar-chù airson otter agus dobhar-lus airson watercress.

Ann an cuid de sgìrean tha uisge cuideachd a’ ciallachadh ‘abhainn’. Canaidh sinn Uisge Spè airson [the] River Spey agus Uisge Tatha airson [the] River Tay. Agus bidh sinn a’ cleachdadh ‘uisge’ uaireannan airson freshwater. Canaidh sinn ‘loch-uisge’ airson freshwater loch agus ‘loch-mara’ airson sea loch. Ma tha sinn airson a bhith uile-gu-lèir soilleir gur e freshwater a th’ ann, canaidh sinn fìor-uisge. Loch fìor-uisge ‘a freshwater loch’.

Tha facal eadar-dhealaichte againn airson seawater no salt water - ʼs e sin sàl. Tha Seumas air sàl ‘James is at sea’. Tha am bàta a’ leum thar an t-sàl ‘the boat is skipping over the sea’. Ach cluinnidh sibh ‘uisge’ cuideachd ann an co-cheangal ris a’ mhuir – leithid uisgeachan Bhreatainn ‘British waters’ no uisgeachan Iapain ‘Japanese waters’.

Aig an àm seo dhen bhliadhna, bidh sinn gu tric a’ bruidhinn mu dheidhinn ‘watering’, a’ cur uisge air lusan. A bheil gnìomhair ann airson watering ann an Gàidhlig? Tha. Uisgich no uisgeachadh. Uisgich na flùraichean! ‘water the plants!’. Tha mi ag uisgeachadh nan craobhan ‘I’m watering the trees’. Tha siostam uisgeachaidh agam anns a’ ghàrradh. A bheil a leithid agaibh fhèin?

Faclan na Litreach: Dùthaich MhicAoidh: the land of Mackay (North Sutherland); cumanta: common; faclairiche: lexicographer; co-ionann: equal, equivalent; uisgeach, bùrnach: watery; Cuimreach: Welsh; dh’fhaodamaid: we could; gnìomhair: verb.

Abairtean na Litreach: fìor cheann a tuath na h-Alba: the far north of Scotland; nan canadh sibh X, bhiodh sibh ceàrr: if you said X, you’d be wrong; chan ann a-mhàin ann an Leòdhas agus Na Hearadh a chluinneas sibh: it’s not only in Lewis and Harris that you hear; air mo bheulaibh: in front of me; an sgoilear dhualchainntean, Seumas Grannd: the dialect scholar, Seumas Grant; nas fhaide deas ann an sgìre Gheàrrloch: further south in the Gairloch area; a’ seasamh airson an uisge a thuiteas às an adhar: standing for the water that falls from the sky; chan eil dobhar beò ann an cainnt làitheil nan Gàidheal an-diugh: dobhar is not alive in Gaelic vernacular today; tha e ann an ainmean-àite agus ann am faclan co-cheangailte ri nàdar: it is in place-names and in words connected to nature; ma tha sinn airson a bhith uile-gu-lèir soilleir: if we want to be entirely clear; aig an àm seo dhen bhliadhna, bidh sinn gu tric a’ bruidhinn mu dheidhinn: at this time of year, we often talk about; tha siostam uisgeachaidh agam anns a’ ghàrradh: I have a watering system in the garden; a bheil a leithid agaibh fhèin?: do you have the same sort of thing?

Puing-chànain na Litreach: an d’ òl thu am bùrn?: did you drink the water? You might have been taught that the ‘correct’ form of this structure is an do dh’òl thu am bùrn? but dialectally the do dh’ can be replaced by d’ (e.g. in Sutherland and Ross). This happens in front of the past tense form of a verb that starts with a vowel or a (silent) lenited ‘f’ e.g an d’ fhairich thu a’ chuthag? ‘did you hear the cuckoo?

Gnàthas-cainnt na Litreach: bùrn nan seachd siantan ‘driving rain’. In other dialects, the same expression is uisge nan seachd sian ‘the rain of the seven elements’.

Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 898

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean