FaclairDictionary EnglishGàidhlig

864: ‘Leabaidh’ ann an Ainmean-àite

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

‘Leabaidh’ ann an Ainmean-àite

Gaelic Gàidhlig

Dè an t-àite as fheàrr air beinn airson fois a ghabhail? Air a’ mhullach? Aig a’ bhonn? No air cùl creige far nach eil a’ ghaoth ro làidir? No dè mu dheidhinn air leabaidh? ’S dòcha gu bheil a’ cheist car gòrach ach tha grunn ‘leabannan’ rin lorg air a’ Ghàidhealtachd anns a’ mhonadh. Chan eil mi a’ ciallachadh leabannan le bobhstairean is cluasagan is plaideachan, ach ainmean-àite anns a bheil ‘leabaidh’ a’ nochdadh.

Bha mi air leabaidh anns a’ mhonadh o chionn beagan bhliadhnaichean – Leabaidh an Daimh Bhuidhe. Air na mapaichean, ’s e sin ainm an torra air mullach Beinn Athfhinn air taobh sear a’ Mhonaidh Ruaidh – Leabaidh an Daimh Bhuidhe. Ainm annasach, nach e? Tha mi an dùil gu bheil e co-cheangailte ri sgeulachdan na Fèinne, ach tha am fios air tùs an ainm air chall. Ma tha sibh eòlach air stòiridh mun Fhèinn anns a bheil ‘Damh Buidhe’, nach cuir sibh fios thugam.

Bha mi a’ leughadh ann an leabhar mun ainm-àite agus bha an t-ùghdar dhen bheachd gum b’ e ‘Leabaidh an Daimh Bhuidhe’ an t-ainm ùr air an tòrr as àirde air mullach Beinn Athfhinn. Agus gum b’ e an seann ainm air a’ mhullach – Stob Dubh Easaidh Mòr. Saoilidh mi gun robh am fear seo ceàrr. ’S e Stob Dubh Easaidh Mòr an t-ainm a bu chòir a bhith air a’ mhullach fhathast. Faisg air làimh tha tòrr eile a tha nas ìsle air a bheil Stob Dubh Easaidh Beag – ged a tha e anns an àite cheàrr air mapaichean an OS, le ainm ceàrr air – ‘Stob Dubh an Eas Bhig’.

Chan e ‘leabaidh’ a bu chòir a bhith air an stob air mullach na beinne oir bidh ‘leabaidh’ a’ seasamh airson lag no glac, chan ann airson mullach, ged a bhios ainm coire uaireannan a’ gluasad chun a’ mhullaich faisg air làimh. Tha mi an dùil gur e a bh’ ann an Leabaidh an Daimh Bhuidhe an lag ri taobh a’ mhullaich.

Thòisich mi air sùil a thoirt air mapaichean airson ‘leabannan’ eile. Agus tha feadhainn ann. Tha Leabaidh Fhèidh na lag anns a’ mhonadh faisg air Srath Òiceall. Tha Leaba Bhaltair deas air Gleann Chailbhidh agus faisg oirre tha Leaba Bhruic. Air cladach an Rubha ann an Leòdhas, tha Leabaidh a’ Mhinisteir.

Tha cuid de na ‘leabannan’ car coltach ri uamh ach chan eil iad cho domhainn ri uamh. ’S e lagan a th’ annta, far am biodh daoine a’ dol am falach. Agus bhiodh creag ann far am faigheadh an duine fasgadh is dìon bhon uisge. ’S e ‘leabannan-dìonaidh’ a chanadh daoine riutha anns an t-seann aimsir. Tha tè dhiubh ann an Raineach air a bheil Leaba Dhonnacha Dhuibh a’ Mhonaidh.

Bha Donnchadh Dubh na Chamshronach agus na Sheumasach. Chaidh e am falach anns an ‘leabaidh’ aige an dèidh Blàr Chùil Lodair. Bha na saighdearan dearga a’ coimhead air a shon agus bha iad faisg air grunn tursan, ach chan fhac’ iad e, agus e am falach anns an leabaidh aige.

Bha Donnchadh ainmeil. Nuair a bha armailt Theàrlaich Òig a’ cur sèist ri Caisteal Shruighlea, chaidh Donnchadh a chur don Ghearasdan air gnothach a’ Phrionnsa. Bhathar ag ràdh gun do ràinig e an Gearasdan taobh a-staigh aon latha – sin ochdad ’s a h-ochd mìle. Tha fhios gun robh e feumach air leabaidh cheart an dèidh sin!

Faclan na Litreach: car gòrach: somewhat foolish; na Fèinne: of the Fingalians, Fenians; ùghdar: author; lag, glac: hollow; Srath Òiceall: Strath Oykell; Gleann Chailbhidh: Glen Calvie; Raineach: Rannoch; Blàr Chùil Lodair: The Battle of Culloden.

Abairtean na Litreach: airson fois a ghabhail: to take a rest; air cùl creige far nach eil a’ ghaoth ro làidir: behind a rock where the wind isn’t too strong; leabannan le bobhstairean is cluasagan is plaideachan: beds with mattresses and pillows and blankets; Beinn Athfhinn air taobh sear a’ Mhonaidh Ruaidh: Ben Avon on the eastern side of the Cairngorms; tha am fios air tùs an ainm air chall: the knowledge of the name’s origin is lost; faisg air làimh tha tòrr eile a tha nas ìsle: nearby there is another torr that is lower; ged a bhios ainm coire uaireannan a’ gluasad chun a’ mhullaich faisg air làimh: although a corrie’s name sometimes moves to the adjacent summit; air cladach an Rubha: on the shore of Point; chan eil iad cho domhainn ri uamh: they’re not as deep as a cave; far am faigheadh an duine fasgadh is dìon bhon uisge: where the person would get shelter and protection from rain; bha Donnchadh Dubh na Chamshronach agus na Sheumasach: Black Duncan was a Cameron and a Jacobite; chaidh e am falach: he hid; bha na saighdearan dearga a’ coimhead air a shon agus bha iad faisg air grunn tursan: the redcoat soldiers were looking for him and they were close to him a few times; bhathar ag ràdh gun do ràinig e an Gearasdan taobh a-staigh aon latha: it was said that he reached Fort William within a day; gun robh e feumach air leabaidh cheart: that he needed a proper bed.

Puing-chànain na Litreach: Leabaidh an Daimh Bhuidhe: literally, ‘the bed of the yellow stag’. Can you explain the grammar? Damh slenderises to daimh in the genitive singular. The article is ‘an’ because it is a masculine noun and starts with a ‘d’. And buidhe is lenited to bhuidhe because the adjective follows the ‘standard’ inflexion pattern for a masculine noun cf leabaidh a’ bhalaich bhuidhe. However damh, starting with a ‘d’, is not lenited in the genitive singular cf aghaidh an dorais, ceann an duine ; regardless of that, a lenitable consonant at the beginning of the adjective is lenited.

Gnàthas-cainnt na Litreach: Nuair a bha armailt Theàrlaich Òig a’ cur sèist ri Caisteal Shruighlea: when Bonnie Prince Charlie’s army was besieging Stirling Castle.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 560

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean