FaclairDictionary EnglishGàidhlig

917: Naomh Munnu (2)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Naomh Munnu (2)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh mu Mhunnu, seann naomh Ceilteach. B’ e Finten ainm-baistidh. Dhiùlt Aba Ì, Baithéne, Finten a ghabhail mar mhanach. Thuirt e gun robh Calum Cille nach maireann air a ràdh ris gun tigeadh fear Finten mac Thalchain às Èirinn. ‘Bidh e ag iarraidh a bhith na mhanach dhut,’ thuirt e, ‘ach chan fhaod e. Tha e an dàn dha a bhith na aba, seach na mhanach – fear a bhios a’ stiùireadh dhaoine eile a dh’ionnsaigh rìoghachd Dhè.’

Chan e sin a-mhàin a thuirt Calum Cille ri Baithéne. ‘Na leig le Finten fuireach ann an Ì,’ thuirt e. ‘Cuir air ais a dh’Èirinn e ann an sìth. Leig leis manachainn a thogail ri taobh na mara. An sin, bidh e na bhuachaille do threud chaorach aig Crìosd agus bheir e na h-uibhir de dh’anaman gu ruige an dachaigh ann an Nèamh.’

Nuair a chuala e na briathran seo, thug Finten taing do Chrìosd. Sheòl e a dh’Èirinn. Thàinig an cunntas sin à Beatha Chaluim Chille, a chaidh a sgrìobhadh le Eònan, naoidheamh aba Ì.

Tha cunntasan againn mu Fhinten, feadhainn às Èirinn. Nuair a bha e na ghille, bha e ri buachailleachd. Ach bhiodh e a’ fàgail a chruidh anns a’ choille fhad ʼs a bha e ag ionnsachadh aig manachainn. Agus bha a’ choille làn mhadaidhean-allaidh.

Thug athair trod dha. ‘Na biodh eagal oirbh, athair,’ thuirt Finten. ‘Ma leigeas sibh leam a bhith ag ionnsachadh an cois searbhantan Dhè, cha chaill sibh gin dhen chrodh agaibh do na madaidhean-allaidh.’ Agus air an làrna-mhàireach, chunnaic athair Fhinten dà mhadadh-allaidh anns a’ choille. Bha iad a’ coimhead às dèidh a’ chruidh mar a bhiodh dà chù dròbhaidh!

Ged a chuir e seachad a’ chuid mhòr de a bheatha ann an Èirinn, tha Finten – àno Munnu – air a chuimhneachadh cuideachd ann an Alba. Tha e a’ nochdadh ann an ainmean pearsanta, mar eisimpleir. Anns an t-seann aimsir, ghabh feadhainn an t-ainm Gille Mhunnu mar urram dha. Mar sin, nochd an t-ainm cinnidh Mac Gille Mhunnu. Ann an dreach na Beurla, tha sin a’ nochdadh anns na seann làmh-sgrìobhainnean mar a leanas: Macelmwyn, Makilmone, Mckilmoun, Makmun, Vellnund agus M’Ilfun.

Anns an latha an-diugh, tha na h-ainmean-cinnidh MacMunn agus Munn cumanta gu leòr. ʼS ann à MacMhunnu a thàinig iad. Bidh sibh a’ cuimhneachadh gum b’ e Finten – no Fintan – ainm-baistidh an naoimh. Mar sin, nochd an t-ainm Gille Fhintain mar urram dha – agus an t-ainm-cinnidh Mac Gille Fhintain. Às a sin, thàinig na h-ainmean-cinnidh a th’ againn an-diugh – MacClinton agus McAlinden. Tha dùil cuideachd gu bheil MacClintock – Mac Gill’ Fhionntaig – a’ comharrachadh an dearbh dhuine. Ma dh’fhaodte gu bheil McLentick agus McIllandag a’ tighinn bhon aon fhreumh – agus gun deach ainmean dhen t-seòrsa seo a ghiorrachadh gu Lindsay cho tràth ris an t-seachdamh linn deug.

An do mhothaich sibh do dh’aon rud? Tha an t-ainm MacClinton – agus Clinton – a’ cuimhneachadh Finten. Mar sin, tha ainm an naoimh Ghàidhealaich seo air a chuimhneachadh anns an tè a bha a’ strì o chionn ceithir mìosan airson ceannas nan Stàitean Aonaichte. ʼS dòcha gur e Hillary Nic Gill’ Fhiontain a bu chòir dhuinn a bhith a’ gabhail oirre ann an Gàidhlig!

Faclan na Litreach: an làrna-mhàireach: the next day; làmh-sgrìobhainnean: manuscripts; Comhghall: Cowal.

Abairtean na Litreach: Dhiùlt Aba Ì, Baithéne, Finten a ghabhail mar mhanach: Baithéne, the Abbot of Iona, refused to take Finten as a monk; a bhios a’ stiùireadh dhaoine eile a dh’ionnsaigh rìoghachd Dhè: who leads others to the Kingdom of God; cuir air ais a dh’Èirinn e ann an sìth: send him back to Ireland in peace; leig leis manachainn a thogail ri taobh na mara: let him build a monastery beside the sea; bidh e na bhuachaille do threud chaorach aig Crìosd: he will be a shepherd to a flock of Christ’s sheep; bheir e na h-uibhir de dh’anaman gu ruige an dachaigh ann an Nèamh: he will take a large number of souls to their home in Heaven; bhiodh e a’ fàgail a chruidh anns a’ choille: he would be leaving his cattle in the forest; bha a’ choille làn mhadaidhean-allaidh: the forest was full of wolves; thug athair trod dha: his father scolded him; ag ionnsachadh an cois searbhantan Dhè: learning along with the servants of God; mar a bhiodh dà chù dròbhaidh: as two droving dogs would; mar urram dha:to show him respect; far as làidire a tha dualchas Mhunnu:where Munnu’s heritage is strongest; ainm-baistidh an naoimh:the saint’s baptismal name; a’ comharrachadh an dearbh dhuine: marks (commemorates) the same man; gun deach ainmean dhen t-seòrsa seo a ghiorrachadh: that names of this nature were shortened; ceannas nan Stàitean Aonaichte: the leadership of the United States; a bu chòir dhuinn a bhith a’ gabhail oirre ann an Gàidhlig: that we should call her in Gaelic.

Puing-chànain na Litreach: Eònan is the most common Scottish Gaelic form of Adamnan, although you will also hear ‘Amhnan’ – the ‘d’ is not generally pronounced in Scottish tradition, although those who adhere solely to the written form will call him ‘Adam-nan’. It is the Eònan form that is found in place-names in Perthshire, examples being Eilean Eònain and Milton Eonan (Baile Mhuilinn Eònain) in Glen Lyon, where the saint is reputed to have spent some time living, and where, according to oral tradition, he drove a plague from the glen and saved its people.

Gnàthas-cainnt na Litreach: Tha e an dàn dha a bhith na aba: he is destined to be an abbot.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 613

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean