FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Mar a Fhuair Fionn Bran (1)

Dè cho eòlach ?s a tha sibh air sgeulachdan na Fèinne?

Audio is playing in pop-over.

Mar a Fhuair Fionn Bran (1)

Dè cho eòlach ʼs a tha sibh air sgeulachdan na Fèinne? An aithne dhuibh, mar eisimpleir, ainm cù Fhinn MhicCumhail? Bha uair ann, agus fios aig a h-uile leanabh Gàidhealach eadar Corcaigh is Gallaibh air sin!

Bran. B’ e sin ainm a’ choin. Bha e cho cumhachdach ʼs gum b’ urrainn dha stad a chur air trì batalianean de nàimhdean, gun taic. Bha e cho treun is cho glic is cho uasal mar chù ʼs a bha Fionn mar dhuine. Bha measgachadh de dhathan air. Bha a spògan buidhe agus a bhrù bàn. Bha sliasaidean dubha aige, druim uaine agus cluasan a bha dearg agus biorach.

Tha mi a’ dol a dh’innse dhuibh mar a fhuair Fionn Bran. Latha a bha seo, bha Fionn sa mhonadh leis fhèin. Thàinig fear thuige. ‘Cò th’ agam an seo agus cà ’l thu a’ dol?’ dh’fhaighnich Fionn dheth.

‘’S e sgalag a th’ annam,’ fhreagair am fear eile, ‘agus tha mi a’ lorg maighstir math.’

‘Agus dè na sgilean a th’ agad?’ dh’fhaighnich Fionn.

‘Cha d’ fhuair mi norrag cadail riamh,’ ars am fear eile. ‘Chan fhaigh rud sam bith seachad orm gun fhiosta oir chì mi e.’

‘Tha sin math,’ thuirt Fionn. ‘Thig cuide rium agus gheibh thu duais mhath.’

Goirid an dèidh sin, nochd fear eile.

‘Cò th’ agam an seo agus cà ʼl thu a’ dol?’ dh’fhaighnich Fionn.

‘’S e sgalag a th’ annam,’ fhreagair am fear ùr, ‘agus tha mi a’ lorg maighstir.’

‘Dè na sgilean a th’ agad?’ dh’fhaighnich Fionn.

‘Nuair a dh’èisteas mi, cluinnidh mi am feur a’ fàs,’ ars am fear ùr. ‘Chan fhaigh rud sam bith seachad orm gun fhiosta oir cluinnidh mi e.’

‘Tha sin math,’ thuirt Fionn. ‘Thig cuide rium agus gheibh thu duais mhath bhuam.’

Goirid an dèidh sin, nochd treas fear. ‘’S e sgalag a th’ annam,’ thuirt e. ‘Tha mi a’ lorg maighstir.’

‘Dè na sgilean a th’ agad?’ dh’fhaighnich Fionn.

‘Nuair a gheibh mi grèim air rudeigin, chan fhaigh e air falbh,’ ars am fear eile. ‘ʼS e greimiche a th’ annam.’

‘Math fhèin,’ thuirt Fionn. ‘Thig cuide rium agus gheibh thu duais mhath.’

Thàinig ceathramh fear agus bha an aon chòmhradh aca.

‘Dè na sgilean a th’ agad?’ thuirt Fionn.

‘Tha mi math air goid,’ ars am fear eile. ‘Goididh mi an t-ugh bhon chorra-ghrithich fhad ʼs a tha i a’ coimhead orm le a dà shùil.

‘Thig cuide rium agus gheibh thu duais mhath,’ thuirt Fionn.

Cha b’ fhada gus an do nochd còigeamh fear. Bha am fear seo math, thuirt e fhèin, air sreap. ‘Sreapaidh mi balla a tha còmhdaichte le craiceannan easgannan,’ thuirt e.

‘Ma thig thu cuide rium,’ thuirt Fionn, ‘gheibh thu tuarastal math.’

Abair an latha a bh’ aig Fionn sa mhonadh, oir thàinig siathamh fear dha ionnsaigh. ‘Tha mi nam sgalaig,’ thuirt e, ‘agus tha mi a’ lorg maighstir. Tha mi nam bhoghadair agus bidh mi a’ losgadh saighead a bhios a’ sgàineadh ball fuilt.’

‘Bidh thu feumail dhomh,’ arsa Fionn, ‘agus gheibh thu tuarastal math bhuam.’

Bha an sgioba aige a-nise làn. Dh’fhalbh Fionn agus an t-sianar eile còmhla thairis air naoi cnuic is naoi glinn is naoi aibhnichean gus an do ràinig iad lùchairt aig Rìgh. Agus innsidh mi dhuibh an-ath-sheachdain, mar a fhuair Fionn grèim air Bran.

Litir 917 Litir 917 Litir 919 Litir 919

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!