FaclairDictionary EnglishGàidhlig

An Cù-eunaich Buidhe

Dè an cù as motha a tha a’ comharrachadh Alba?

Audio is playing in pop-over.

An Cù-eunaich Buidhe

Dè an cù as motha a tha a’ comharrachadh Alba? ʼS dòcha anns a’ chiad dol a-mach, gum bi sibh a’ beachdachadh air abhagan – an abhag dhubh Albannach, no abhag bhàn taobh an iar na Gàidhealtachd – a’ ‘westie’. No dè mu dheidhinn abhag Sgitheanach – an seòrsa dham buineadh Greyfriars Bobby ann an Dùn Èideann anns an naoidheamh linn deug? Bha esan dìleas, mura robh e càil eile, a’ cumail faire air uaigh a mhaighstir airson ceithir bliadhn’ deug an dèidh a bhàis.

ʼS dòcha gum biodh cuid dhen bheachd gur e an coilidh – no cù-chaorach – as motha a bhiodh a’ comharrachadh Alba. Tha iad cho math air trusadh nan caorach, nach eil?

Ach do gu leòr air feadh na cruinne, ʼs e an cù-eunaich buidhe a thigeadh don inntinn nuair a bhiodh iad a’ smaoineachadh air coin agus Alba. An cù-eunaich buidhe? Bidh sibh eòlach air mar ‘golden retriever’. Chaidh an seòrsa coin seo a chruthachadh air Gàidhealtachd na h-Alba ann an Taigh a’ Ghiùthsachain faisg air Tomaich ann an ochd ceud deug, seasgad ʼs a h-ochd (1868). Tha Tomaich faisg air Canaich gu siar air Loch Nis.

B’ e am fear a chruthaich e am Morair Tweedmouth leis an robh Taigh a’ Ghiùthsachain. Rinn e a dh’aona-ghnothach e oir bha e ag iarraidh cù le beul bog a bhiodh math air eòin mharbh a thoirt air ais gun chron a dhèanamh orra, ach cuideachd a bhiodh comasach air coiseachd thar nam boglaichean is mòintich air a’ Ghàidhealtachd.

Dh’fheumadh an cù-eunaich seo a bhith comasach air seasamh ri droch shìde. Mar sin, bhathar ag iarraidh gum biodh bian fada, dìonach air. Chuir am Morair Tweedmouth dà sheòrsa eile ri chèile – wavy-coated retriever agus Tweed water-spaniel. Agus b’ e an cù-eunaich buidhe – an golden retriever – a dh’èirich às, ged nach b’ e sin an t-ainm oifigeil air gu naoi ceud deug is fichead (1920) nuair a chaidh an Golden Retriever Club a chur air chois.

A-nise tha fèill mhòr air an t-seòrsa seo air feadh an t-saoghail, ach gu seachd àraidh ann an Astràilia, Ameireagaidh a Tuath agus san Roinn Eòrpa. Cha bhi mòran de na coin sin an sàs ann an eunach, ge-tà. ʼS e peataichean a th’ annta. Tha iad, mar as trice, gu math dòigheil, laghach nan nàdar. Tha iad air leth foighidneach le clann.

Tha Taigh a’ Ghiùthsachain a-nise na thobhta. Ach do mhòran air feadh an t-saoghail – a tha air leth measail air a’ chù-eunaich bhuidhe – ʼs e àite sònraichte a th’ ann. Bidh feadhainn a’ dol ann air eilthireachd.

Am-bliadhna, tha ceud gu leth bliadhna air a dhol seachad bhon a chaidh an seòrsa seo a chruthachadh. Thàinig na ceudan cruinn còmhla ann an Tomaich is Canaich airson sin a chomharrachadh. Bha mi fhìn a’ bruidhinn ri feadhainn às na Stàitean Aonaichte agus Astràilia a thàinig a dh’Alba a dh’aona-ghnothach air sgàth ʼs gun robh an fhèill seo a’ dol air adhart. Agus bha gu leòr ann à Breatainn agus dùthchannan Eòrpach a thug an coin leotha.

Air an latha mu dheireadh dhen fhèill, chaidh dealbh a thogail air beulaibh Taigh a’ Ghiùthsachain. Tha trì cheud, seasgad ʼs a h-aon coin – dhen aon seòrsa – anns an dealbh! Tha mi an dòchas gun do lorg na daoine na coin cheart aca fhèin an dèidh làimhe!

Litir 1003 Litir 1003 Litir 1005 Litir 1005

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!