Bha mi ag innse dhuibh mu Chath Ghlinn Freòin. Thachair e gu siar air Loch
Laomainn anns a’ bhliadhna sia ceud deug ʼs a trì (1603). Bha an latha a’
dol leis na Griogaraich agus bha Clann a’ Chombaich a’ ruith romhpa sìos
Gleann Freòin.
Thachair na Griogaraich air ceannard Oilthigh Dhùn Bhreatann agus
oileanaich aige – trithead ʼs a seachd daoine gu lèir. Thuirt an ceannard
ri ceann-cinnidh nan Griogarach, Alasdair Dubh, gun robh e a’ cur na
h-òigridh fo a chùram-san.
Bha sabhal faisg air làimh. Dh’òrdaich Alasdair Dubh gum biodh na
h-oileanaich air an cur don t-sabhal fo chùram fear de na daoine aige,
Eòghann Dubh na Dubh-leitir. Nise, cha b’ e Eòghann an cuilean a bu ghlice
san àl. Cha do thuig e dè bha fa-near dha. Bha esan dhen bheachd gun robh
na gillean nam prìosanaich aige. Sheas e le a chlaidheamh taobh a-muigh
doras an t-sabhail agus ghlas e an doras.
Co-dhiù, lean an ruaig. Aig bonn Ghlinn Freòin sgaoil na saighdearan aig
Sir Umfra Mac a’ Chombaich. Chuir Alasdair Dubh stad air an ruaig.
Chruinnich e a dhaoine còmhla agus chaidh iad dhachaigh tron ghleann. Mus
do ràinig iad an sabhal far an robh na h-oileanaich, mhothaich Alasdair do
Eòghann Dubh na Dubh-leitir. ‘Eòghainn,’ thuirt an ceann-cinnidh, ‘carson a
tha thus’ an seo? Dè rinn thu leis na gillean a dh’fhàg mi fod chùram?’
Dh’aidich Eòghann gun robh e air a h-uile mac màthar dhiubh a mharbhadh.
‘Gun sealladh Dia oirnne,’ thuirt Alasdair Dubh. ‘Ma mharbh thu na balaich,
fuilingidh sinn. Cha chluinnear iomradh air na Griogaraich an dèidh seo.’
Chaidh Alasdair a-null don t-sabhal far an do dh’fhàg e na gillean fo
chùram Eòghainn. Bha na gillean uile nan laighe marbh nam fuil fhèin. Cha
do thuig Eòghann gun robh e air dad ceàrr a dhèanamh. A rèir choltais, bha
na gillean ag iarraidh faighinn a-mach a chionn ʼs gun robh an t-àile air a
thruailleadh am broinn an t-sabhail. Cha robh Gàidhlig aca ʼs cha robh
Beurla aig Eòghann. Bha iadsan ag iarraidh àile glan a ghabhail air an
anail. Bha esan a’ smaoineachadh gun robh iad a’ feuchainn ri dol-às a
dhèanamh. Agus mharbh e iad uile.
Ged a chaidh an latha leotha, bha na Griogaraich gu math diombach mu na
thachair do na h-oileanaich. Bha iad deimhinne gun tigeadh dìoghaltas orra
bhon Ghalltachd, agus bha iad ceart.
Thathar ag ràdh, an dèidh Cath Ghlinn Freòin, gun tug na banntraich aig
saighdearan Cloinn a’ Chombaich lèine fhuilteach leotha, gach tè air bior
sleagh, agus na boireannaich air muin-eich. Chaidh iad a Dhùn Èideann, feumaidh, oir thathar ag ràdh gun do sheall iad na
lèintean don Rìgh agus gun do dh’iarr iad air na Griogaraich air fad a
dhèanamh nan eucoirich.
ʼS dòcha gum bi cuimhne agaibh, anns a’ chiad Litir mu Chath Ghlinn Freòin,
gun do dh’inns mi dhuibh mar a mharbh na marsantaich Ghriogarach molt le
earball geal – agus gur e sin a bu mhotha a chuir air a’ chroich iad, agus
a dh’adhbharaich an cath.
Uill, an dèidh a h-uile càil, a rèir choltais, bha gnàth-fhacal aig na
Griogaraich nam measg fhèin: B’ fheàrr nach do rugadh a-riamh molt dubh an
earbaill ghil. B’ fheàrr nach do rugadh a-riamh molt dubh an earbaill ghil.
B’ fheàrr, gu dearbh.