Ann an Litir ceud, ceathrad ’s a h-aon (141), dh’inns mi dhuibh mu
bhana-ghaisgeach Ghàidhealach a tha ainmeil ann an eachdraidh ar-a-mach nan
Seumasach. B’ ise Anna Nic an Tòisich. Ann am Beurla, bha am far-ainm oirre
‘Colonel Anne’.
O chionn ghoirid bha mi anns a’ Mhòigh, nach eil fada o Inbhir Nis. ’S e
àite sàmhach, sìtheil a th’ ann an-diugh, le loch àlainn air a
chuairteachadh le coille. Tha e eucoltach ris mar a bha e air an t-siathamh latha deug dhen Ghearran, seachd ceud
deug, ceathrad ’s a sia (1746) nuair a bha am Prionnsa Òg ann – dà mhìos
chun an latha ro Bhlàr Chùil Lodair. Cha robh a’ Mhòigh buileach cho
sàmhach an uair sin.
Thig mi gu sin an ceartuair. Ach an toiseach, tha mi airson innse dhuibh mu
Anna Nic an Tòisich. B’ e sin a h-ainm às dèidh dhi pòsadh. Rugadh i ann an
seachd ceud deug, fichead ’s a trì (1723) do dh’Iain MacFhearchair à Inbhir
Call. Bha Iain na Sheumasach gu a smior. Bha, agus Anna
fhèin.
Bha Anna gu math bòidheach. Nuair a bha i gu bhith ochd bliadhn’ deug a
dh’aois, phòs i fear a bha mòran na bu shine na i. B’ esan Aonghas,
ceann-cinnidh Clann ’ic an Tòisich – an dàrna ceannard air fhichead dhen
chinneadh sin. Cha robh esan na Sheumasach idir. Gu dearbh, ’s ann air
taobh nan Hanoibhèirianach a bha e.
Ged a bha an duine aice ann an arm nan Hanoibhèirianach, mar phàirt de
rèisimeid a’ Mhorair Loudon, bha Anna trang ann a bhith a’ cruinneachadh
shaighdearan airson a’ Phrionnsa. Thathar ag ràdh, taobh a-staigh
ceala-deug, gun tug i a-steach sia ceud duine ann an adhbhar Theàrlaich
Òig. Nam measg bha mòran a bhuineadh do Chloinn ’ic an Tòisich.
Air an t-siathamh latha deug dhen Ghearran seachd ceud deug, ceathrad ’s a
sia (1746), bha Aonghas ann an Inbhir Nis cuide ri rèisimeid a’ Mhorair
Loudon. Air an dearbh latha sin, thàinig am Prionnsa Òg a dh’fhuireach anns
a’ Mhòigh còmhla ri Anna. Fhuair Loudon fios bho neach-brathaidh gun robh
Teàrlach Òg anns a’ Mhòigh, gun ach feachd beag de Chamshronaich ga dhìon.
Bha am Prionnsa a-nise ann am fìor chunnart. Rinn am Morair Loudon agus
mìle gu leth saighdear air a’ Mhòigh airson grèim fhaighinn air. Ach bha
gille air a dhol na dheann à Inbhir Nis gu ruige a’ Mhòigh airson rabhadh a
thoirt don Phrionnsa gun robh a nàimhdean air a thòir. Tha cuid dhen
bheachd gur e Mac an Tòisich a dh’iarr air a’ ghille a dhol ann, ann an
dìomhaireachd.
Sa mhionaid a fhuair i an naidheachd, chuir Anna gobha na Mòighe, Dòmhnall
Friseal, agus ceathrar luchd-taice gu àite eadar Inbhir Nis agus a’ Mhòigh
airson sùil a chumail air an rathad. Bha fìor dhroch shìde ann. Bha an
còignear fhear sgapte sa mhonadh eadar cruachan mònach, oir bha iad ann an
àite far am biodh muinntir na Mòighe a’ buain na mònach.
Nuair a chunnaic iad na saighdearan Hanoibhèirianach a’ tighinn, dh’iarr
Dòmhnall air càch fuaim a dhèanamh agus an cuid ghunnaichean a losgadh. A
rèir aithris, dh’èigh iad na sluagh-ghairmean aig fineachan Seumasach.
Dh’èigh Dòmhnall fhèin, ‘Air adhart, a bhalachaibh. Cha chreid mi nach eil
na madaidhean againn a-nise!’
Agus dè rinn rèisimeid mhòr Loudon? Innsibh mi dhuibh an-ath-sheachdain!