FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Dè a’ Ghàidhlig a th’ air… ?

Bidh sibh eòlach air faclan Beurla a thàinig às a’

Audio is playing in pop-over.

Dè a’ Ghàidhlig a th’ air… ?

Bidh sibh eòlach air faclan Beurla a thàinig às a’ Ghàidhlig bho thùs – rudan mar whisky, bard, cairn, ben, loch, kerfuffle is mar sin air adhart. Kerfuffle? Uill, a rèir an fhaclair Bheurla agam, a tha ag innse dhomh gu bheil an gnìomhair kerfuffle a’ ciallachadh “to put into disorder or disarray”, thàinig pàirt co-dhiù dhen fhacal bhon Ghàidhlig. Tuilleadh mu dheidhinn sin ro dheireadh na Litreach.

An là eile, chuir fear as aithne dhomh, aig a bheil fìor dheagh Ghàidhlig, ceist orm. “Dè a’ Ghàidhlig,” thuirt e, “a th’ air slogan?”

“’S e ceist a tha sin,” fhreagair mi. “Nach eil fios agad gu bheil a h-uile faclair Beurla ag ràdh gur ann às a’ Ghàidhlig a thàinig am facal slogan?”

“Uill,” fhreagair mo charaid, “cha robh fios agam. Agus dè a’ Ghàidhlig a bh’ ann às an tàinig e?”

“A, uill, ma ’s breug bhuam e, is breug thugam e,” thuirt mi, “ach thàinig e à “sluagh-ghairm” – mar a bhios sluagh neo feachd a’ gairm mus tèid iad gu cath – ‘Beatha neo bàs!’, ‘Fear eil’ airson Eachainn!’, ‘Cruachan!’ is gnothaichean mar sin. Sluagh-ghairm.”

“Uhuh,” fhreagair e, “agus dè chanas mi airson slogan, ma-thà, agus mi ag eadar-theangachadh pìos Beurla, nuair a tha slogan a’ ciallachadh rudeigin a tha sgrìobhte air sanas air botal neo poca plastaig?” Deagh cheist.

Uaireannan tha duilgheadas againn ann an Gàidhlig le bhith ag eadar-theangachadh faclan Beurla a thàinig bho thùs bhon chànan againne. Tha e gu cinnteach fìor mu ainmean-àite. Mar eisimpleir, cluinnear uaireannan daoine a’ bruidhinn mu dheidhinn “Beanntan a’ Chuilthinn” mar eadar-theangachadh air “The Cuillin Hills” nuair is e dìreach “An Cuiltheann” a’ Ghàidhlig cheart. Tha fios againn gur e beanntan a th’ anns a’ Chuiltheann.

Bho àm gu àm cluinnear cuideachd An Càrn Gorm mar eadar-theangachadh air “The Cairngorms” nuair is e “Am Monadh Ruadh” a’ Ghàidhlig cheart air na beanntan sin. Chan eil anns “a’ Chàrn Ghorm” ach aon bheinn anns a’ Mhonadh Ruadh – a’ bheinn far a bheilear a’ togail rathad-iarainn a bhios deiseil airson sgithearan an ceann dà mhìos. Agus tha Dualchas Nàdair na h-Alba air “am Monadh Ruadh” aithneachadh gu h-oifigeil. Tha a’ bhuidheann air moladh don Riaghaltas gum bi ainm dà-chànanach air a’ phàirce nàiseanta a thèid a stèidheachadh ann a sin a dh’aithghearr – Cairngorms National Park ann am Beurla, agus Pàirce Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh ann an Gàidhlig. Bidh sinn an dòchas gun gabh an Riaghaltas ris a’ mholadh sin.

A bharrachd air ainmean-àite, bidh sinn uaireannan a’ dìochuimhneachadh nam faclan a chaidh don Bheurla bhon Ghàidhlig. Dh’fhaighnich fear, a bha ag ionnsachadh a’ chànain, dhìom turas dè a’ Ghàidhlig a bh’ air bog. Cha robh e air mothachadh gur ann às a’ Ghàidhlig “bog” a thàinig bog. Feuch “boglach” thuirt mi ris.

Smaoinich e airson mionaid air faclan eile rudeigin coltach ri sin. “Mmm,” thuirt e, “is dè a’ Ghàidhlig a th’ air shut your gob? ‘Dùin do ghob’?”

Cha robh mi buileach cinnteach co-dhiù ’s ann ri mì-mhodh a bha e gus nach ann, ach bha e glè cheart, ged is e “dùin do chab” as trice a chanadh daoine – ma tha iad cho mì-mhodhail ’s gu feum iad a leithid a ràdh idir. Ach tha deagh choltas ann gun tàinig gob às a’ Ghàidhlig “gob”.

Ach kerfuffle? Chaidh mi a dh’ionnsaigh Faclair Nàiseanta na h-Alba agus, ga rèir, dh’èirich am facal bhon Ghàidhlig “car”, a twist or turn, agus fuffle, facal às a’ Bheurla Albannaich a tha a’ ciallachadh “to handle roughly”. Agus dè a’ Ghàidhlig a chuireadh sibh air kerfuffle? Fàgaidh mi sin agaibh airson meòrachadh air anns an t-seachdain a tha romhainn.

Litir 121 Litir 121 Litir 123 Litir 123

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!