FaclairDictionary EnglishGàidhlig

“Breun” ann an Ainmean-àite

Dè na h-ainmean-àite Gàidhlig a tha a’ comharrachadh fàileadh no boladh?

Audio is playing in pop-over.

“Breun” ann an Ainmean-àite

Bha mi ann an Beinn nam Fadhla turas. Thuirt cuideigin rudeigin rium mu dheidhinn ‘Stinky Bay’ – camas air taobh an iar an eilein. Chuir sin iongnadh orm oir bha sinn a’ còmhradh ann an Gàidhlig. Tha e coltach gur e sin an t-ainm a thathar a’ cleachdadh a-nise anns an eilean – ann am Beurla agus Gàidhlig.

An latha a bha mise ann, cha robh fàileadh neo-àbhaisteach ann air an tràigh. Ach, aig amannan, bidh brùchdan feamainn ann. Nuair a tha an fheamainn a’ grodadh, bidh fàileadh ann.

Thug sin orm smaoineachadh mu ainmean-àite Gàidhlig. A bheil gin ann a tha a’ comharrachadh fàileadh no boladh? Uill, tha, agus tha iad uaireannan co-cheangailte ri feamainn.

Cumaibh sùil a-mach airson na h-eileamaid breun – B-R-E-U-N. Seo na tha am Faclair Beag ag ràdh. Breun: foetid, putrid, disgusting, filthy, nasty, stinking. Tha ìm breun a’ ciallachadh ‘rancid butter’. Tha breun-anail a’ ciallachadh ‘bad breath’. Agus tha an samhladh seo ann: cho breun ri saobhaidh an t-sionnaich ‘as foul-smelling as the fox’s den’. Cho breun ri saobhaidh an t-sionnaich.

Anns a’ Ghearasdan, tha camas mòr ann eadar beul a’ Chanàil Chailleannaich agus beul na h-aibhne. ’S e an t-ainm a th’ air Am Breun Chamas. Tha an t-Suirbhidh Òrdanais a’ dearbhadh gur e an fheamainn a bhios a’ grodadh an sin as coireach ris an ainm.

Ann an Eilean Dhiùra, tha dà àite air a’ chladach an iar air a bheil Breun-Phort mar ainm. Stinky harbour. Tha e inntinneach anns a h-uile eisimpleir sin gu bheil breun a’ tighinn ron ainmear. Breun-Phort seach Port Breun.

Chithear sin cuideachd anns na h-ainmean-àite Allt na Breun-choille agus Cnoc na Breun-choille ann am Bràigh Chat. Cha chreid mi gu bheil coille nàdarrach sam bith ann an sin a-nise, ach feumaidh gun robh uaireigin. Tha an talamh fliuch agus feumaidh gun robh a’ choille fhèin fliuch le fàileadh de ghrodadh ann.

Chan ann a-mhàin ann an Diùra a tha an t-ainm Breun-Phort a’ nochdadh. Tha àite air a’ chladach faisg air Breacais anns an Eilean Sgitheanach, agus ’s e Breun-Phort a chanas muinntir an àite ris. A rèir Ainmean-Àite na h-Alba, a rinn rannsachadh air an ainm (nach eil air mapa sam bith), tha e a’ ciallachadh ‘putrid port, a smelly area of stale water’. Tha mi a’ dèanamh dheth gu bheil Brainport (B-R-A-I-N) air Loch Fìne ann an Earra-Ghàidheal a’ ciallachadh an aon rud.

Ann an Gleann Afraig, ann an Siorrachd Inbhir Nis, tha àite air taobh a deas Loch Beinn a’ Mheadhain air a bheil Breun-leitir. Faisg air làimh, tha Bealach na Breun-leitir. Bhithinn an dùil gu bheil Breun-leitir a’ ciallachadh ‘hillside that smells of decomposition’. Ge-tà, tha an t-Suirbhidh Òrdanais a’ cumail a-mach gu bheil breun an sin a’ ciallachadh ‘coarse’. Chan eil fhios a’m dè tha ceart, ach tha Sròn na Breun-leitir ann an Loch Abar faisg air Gleann Cuaich. Tha an t-Suirbhidh Òrdanais ag ràdh gu bheil sin a’ ciallachadh ‘snout of the stinking or corrupt hillside’. Tha mi cinnteach, air latha grianach, gu bheil an t-àite brèagha gu leòr!

Litir 1306 Litir 1306 Litir 1308 Litir 1308

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!