FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Faclair Armstrong (1)

Ann an Litir mìle, naochad ?s a sia (1096), bha mi ag innse dhuibh mu Raibeart Gilleasbuig Armstrong, fear-teagaisg agus faclairiche à Siorrachd Pheairt.

Audio is playing in pop-over.

Faclair Armstrong (1)

Ann an Litir mìle, naochad ʼs a sia (1096), bha mi ag innse dhuibh mu Raibeart Gilleasbuig Armstrong, fear-teagaisg agus faclairiche à Siorrachd Pheairt. Rinn e faclair Gàidhlig ainmeil ann an ochd ceud deug is còig air fhichead (1825). Thug sinn sùil air faclan fillte bhon fhaclair sin ann an Litrichean seachd ceud, seachdad ʼs a còig (775) agus seachd ceud, seachdad ʼs a sia (776). Leis gu bheil am faclair dà cheud bliadhna a dh’aois am-bliadhna, shaoil mi gum biodh e iomchaidh agus inntinneach sùil às ùr a thoirt air.

Tha mi a’ dol a thaghadh faclan a tha a’ tòiseachadh le gach litir dhen aibidil. An toiseach, am facal àille. Tha e a’ ciallachadh ‘beauty, handsomeness, comeliness’. Tha Armstrong a’ toirt dhuinn dà eisimpleir: thàinig i na h-àille ‘she came in her beauty’ agus àille talmhaidh ‘earthly beauty’. Às àille, tha sinn a’ faighinn nam faclan àilleach ‘beautiful’ agus àilleachd ‘beauty’.

Tha àilleag a’ ciallachadh ‘pretty young maid’ agus tha àillean a’ ciallachadh ‘a young beau’. Tha am facal àilleagan ann cuideachd – ‘a term of affection for a young person; a pretty maid’ agus cuideachd ‘a little jewel’. Àilleagan. Tha àilleanta a’ ciallachadh ‘beautiful, handsome,’ agus tha àilleantachd ann cuideachd – ‘personal beauty’. Agus àillidh ‘bright, resplendent, beauteous, fair’.

A-nise, an litir ‘b’. Tha mi air ainm-àite a thaghadh – Baile-Mhòid le ‘mhòid’ air a litreachadh M-H-O fada-I-D. Tha e a’ ciallachadh ‘Rothesay, literally, the town where the court of justice is held’. Dh’fhaodamaid eadhon a ràdh ‘the town where the Mod is held’! Co-dhiù, tha sin inntinneach oir, anns an latha an-diugh, tha na sgoilearan ag ràdh gur e Rothesay Baile Bhòid le ‘b’, a’ ciallachadh ‘the town of Bute’. Chaidh a chlàradh mar sin ann am bàrdachd Ghàidhlig aig deireadh an ochdamh linn deug.

Fon litir ‘c’, tha mi air facal gu math feumail a thaghadh – caog. Tha caog na ainmear agus na ghnìomhair. Tha e a’ ciallachadh ‘wink’ no ‘take aim by shutting the eye’ – rud a bhios boghadair a’ dèanamh. Tha e cuideachd a’ ciallachadh ‘connive’.

Tha am faclairiche a’ toirt na h-abairt seo dhuinn: caog ris ‘wink at him’. Agus tha faclan eile stèidhichte air caog – leithid caogach ‘winking, squint-eyed’, caogadh ‘a winking, a conniving’, caog-shùil ‘an eye that winks, a squint eye’ agus caog-shùileach ‘squint-eyed, winking, blinking’. Caog-shùileach.

A-nise an litir ‘d’. A bheil sibh a’ tuigsinn seo – dearg-shùil? ʼS e facal fillte a th’ ann, air a dhèanamh de dearg agus sùil. Tuigidh sibh gu bheil e a’ ciallachadh ‘red eye, bloodshot eye’.

Agus, fon litir ‘e’, tha mi air seo a thaghadh – eudach. E-U-D-A-C-H. Tha eudach a’ ciallachadh ‘jealous’ no ‘zealous’. Ach, ann am faclair Armstrong, tha e cuideachd a’ ciallachadh ‘clothes, dress, garment ...’ Tha e a’ cur nar cuimhne gun robh eudach na sheann riochd air an fhacal aodach.

Litir 1329 Litir 1329 Litir 1331 Litir 1331

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!