Bha mi ag innse dhuibh mu sheann gheamannan a bhathar a’ cluich ann an Uibhist. Anns a’ Cheltic Review rinn an t-ùghdar, Alasdair Moireasdan, tuairisgeul de dh’fhichead geama.
Tha Falach Fead co-ionann ri hide and seek. Bidh aon chluicheadair a’ còmhdachadh a shùilean fhad ’s a thèid càch am falach. Le fead, bidh an sealgair a’ fosgladh a shùilean, agus a’ lorg gach duine. Nuair a tha a h-uile duine aige, bidh a’ chiad duine a lorg e a’ dol na àite.
Tha Sgipiteach coltach ri tig ann am Beurla. Bidh sealgair a’ ruith chàich gus am buin e ri cuideigin. An uair sin, bidh an neach sin na shealgair.
Tha Mireag nan Cruach a’ cur Falach Fead agus Sgipiteach còmhla. Bha e air a chluich aig àm na buana nuair a bha cruachan arbhair ann. Tha an sealgair a’ ruith chàich, mar a tha ann am Falach Fead – agus na daoine eile am falach am measg nan cruach – ach chan eil e math gu leòr na daoine fhaicinn. Feumaidh e buntainn riutha mar a dh’fheumas ann an Sgipiteach.
Bha geama ann coltach ri Blind Man’s Buff. ’S e Bodachan an Doille Bhodaich a bh’ air. Bha neapaiginn air a ceangal timcheall ceann cuideigin, ga dhèanamh ‘dall’. Bha aige ri feadhainn eile a ghlacadh.
Bha an geama sin air an cluich a-muigh no am broinn taighe, ach bha Bualadh nam Boisean air a chluich a-mhàin fo chabair. Tha cuideigin a’ cur aodann air glùn duine eile. Tha e a’ cur a làmhan a-mach air a chùlaibh, agus na basan – no boisean – suas. Tha neach eile a’ bualadh basan a’ chiad duine. Feumaidh an duine ‘dall’ a ràdh cò th’ ann.
’S e geama eile a bh’ air a chluich a-staigh Falach a’ Phàipeir. Tha a h-uile duine ach aonan a’ fàgail seòmar. Tha an neach am broinn an t-seòmair a’ cur pìos pàipeir am falach. Thig càch a-steach agus nì iad rùrachadh airson a’ phàipeir. Nuair a tha cuideigin faisg air, bidh am falachair ag èigheachd, ‘Teth, teth!’ Nuair a tha iad a’ gluasad air falbh bhon phàipear, bidh e ag èigheachd, ‘Fuar, fuar!’ Nuair a lorgas cuideigin am pàipear, cha chan e guth, ach bidh e a’ suidh sìos. Tha a’ geama a’ leantainn gus an lorg a h-uile duine am pàipear.
Tha an cunntas a’ cur nar cuimhne mar a bhiodh daoine ri spòrs is dibhearsain nuair nach robh telebhisean no an t-eadar-lìon aca. Cuiridh mi crìoch air mo chunntas fhèin le tuairisgeul dhen gheama MacCruslaig ’s na Mucan.
’S e aon chluicheadair a’ Mhuc Mhòr. Air a cùlaibh, tha clann bheaga ann an sreath singilte. Is iad na ‘h-uirceanan’. Tha a h-uile ‘uircean’ a’ gabhail grèim air aodach an neach a th’ air thoiseach orra.
Tha ‘MacCruslaig’ a’ tighinn a-steach. Tha e ag ràdh ris a’ Mhuic Mhòir, ‘Chuir MacLeòid a dh’iarraidh muic mi. Am faigh mi i seo ...? Tha e a’ buntainn ri uircean.
Tha a’ Mhuc Mhòr a’ freagairt, ‘Chan fhaigh!’ Tha MacCruslaig an uair sin a’ dèanamh an aon rud leis a h-uile uircean. Leis an fhear mu dheireadh, bidh a’ Mhuc Mhòr a’ leum air beulaibh MhicCruslaig. Bidh an fheadhainn bheaga a’ feuchainn ri teicheadh agus bidh MacCruslaig a’ feuchainn ri greim a ghabhail air fear dhiubh. Spòrs gu leòr, gun teagamh!