Tha bliadhna thrang air a bhith aig Ailig O Hianlaidh. Mura h-eil sibh eòlach air, ma tha ùidh agaibh ann am poileataics, gu h-àraidh ann am Pàrlamaid na
h-Alba, ’s iongantach mura bi sibh a’ conaltradh ri Ailig ann an dòigh air choreigin anns an ùine romhainn, oir is esan Oifigear Gàidhlig na Pàrlamaid.
Agus tha na Gàidheil, is na meadhanan Gàidhlig gu sònraichte, a’ dèanamh feum mòr dheth.
Tha Ailig air a bhith na dhreuchd a-nise airson bliadhna agus ’s iomadh rud a dh’eadar-theangaich e, no a sgrìobh e bho thùs, airson luchd na Gàidhlig
thairis air an ùine sin. Tha feadhainn dhiubh sin air mo bheulaibh an-dràsta – bileagan no, gu dearbh, leabhrain air a bheil rudan mar “Thu Fhèin agus na
BPA agad” no “Atharrachaidhean ri Bilean Riaghaltais: Stiùireadh do bhuidhnean agus daoine bhon taobh a-muigh”. Tha leabhran ann a tha a’ toirt
“Fiosrachadh do Luchd-fianais a tha a’ nochdadh air beulaibh chomataidhean” agus fear eile air “Mar a tha Pàrlamaid na h-Alba ag obair”.
Nise, chleachd mi na litrichean BPA. Tha iad a’ seasamh airson Ball Pàrlamaid na h-Alba. Mar sin, tha iad co-ionann ri MSP ann am Beurla – Member of the
Scottish Parliament. Coimheadamaid a-rithist air tiotal an leabhrain anns a bheil BPA a’ nochdadh – “Thu Fhèin agus na BPA agad”. Tha dà rud a’ tighinn am
follais. Anns a’ chiad dol a-mach, tha BPA cuideachd a’ seasamh airson barrachd na aon duine – Buill Pàrlamaid na h-Alba. Chan eil diofar ann mar a tha ann
am Beurla eadar MSP singilte agus MSPs iolra.
’S e an dàrna rud as fhiach rudeigin a ràdh mu dheidhinn gu bheil an leabhar ag ràdh “na BPA agad”. Ann am Pàrlamaid na h-Alba, tha còrr is aon bhall
pàrlamaid aig gach duine, oir tha na buill air an taghadh ann an dà dhòigh. Tha feadhainn nam Buill Roinne-Pàrlamaid. Tha iad a’ seasamh airson aon sgìre
bheag agus tha daoine a’ bhòtadh gu dìreach air an son. Tha feadhainn eile air an taghadh le siostam air a bheil mòran eòlach mar “siostam PR” – far a
bheil feadhainn a’ faighinn a-staigh mar Bhuill-Liosta ann an sgìre mhòr – mar sgìre na Gàidhealtachd ’s nan Eilean. Agus, mura h-eil sibh eòlach air a’
Ghàidhlig airson PR no “Proportional Representation”, seo e, bho Fhaclair na Pàrlamaid: Siostam Riochdachaidh Co-roinneil.
Mura h-eil mòran ùidh agaibh ann am poileataics an là an-diugh, ach ma tha ùidh agaibh ann an eachdraidh na h-Alba, chanainn gun gabhadh sibh tlachd bho
bhith a’ leughadh leabhran eile air an do rinn Ailig O Hianlaidh obair. ’S e sin am fear air a bheil “An Dualchas Phàrlamaideach Albannach”. Tha sin a’
coimhead air rudan mar a’ chiad phàrlamaid aig Alba, an t-Ath-Leasachadh, Cunnradh an Aonaidh agus Linn Westminster.
Seo pìos dheth agus tha mi a’ dol a chur ceist oirbh aig an deireadh: “Chunnaic pàrlamaidean na h-Alba troimhe-chèile, briseadh agus sgaoileadh eadhon mus
tàinig an t-Aonadh ann an 1707. Às dèidh na bliadhna sin bha pàirt chudromach aig Alba ann am Pàrlamaid na RA ann an Westminster.” ’S e a’ cheist agam – dè
tha na litrichean “RA” a’ seasamh air a shon? Innsibh mi dhuibh anns an ath-litir.
Ach feumaidh mi aideachadh gun do sgrìobh Ailig aon rud a chuir gàire air m’ aghaidh, ann an ro-ràdh ann am fear de na leabhrain. Sgrìobh e: “Tha pàrlamaid
air a dèanamh suas le riochdairean taghte…” Tha sin ceart, ach tha cuid anns a’ choimhearsnachd nach canadh “taghte” idir ann an co-cheangal rin cuid
riochdairean anns a’ phàrlamaid!