Dè na sgìrean Gàidhealach ann an Alba anns an do mhair an creideamh Caitligeach on t-seann aimsir chun an latha an-diugh? Tha mi a’ ciallachadh le sin sgìrean far an robh, agus far a bheil, coitheanalan Caitligeach agus far a bheil Gàidhlig ga bruidhinn anns a’ choimhearsnachd – no far an robh i ga bruidhinn gu o chionn ghoirid.
Bidh sibh a’ beachdachadh, tha mi cinnteach, air na h-Eileanan a Deas – Barraigh, Èirisgeigh, Uibhist a Deas agus Beinn a’ Bhaoghla. Ach cha bu chòir dhuinn a bhith a’ dìochuimhneachadh gu bheil sgìrean Gàidhealach air tìr-mòr far a bheil Caitligeachd beò fhathast. Am measg sin, tha Bràigh Loch Abar – an dùthaich timcheall Drochaid an Aonachain agus Drochaid Ruaidh.
Bha mi ann an Drochaid Ruaidh o chionn ghoirid agus chaidh mi don eaglais Chaitligich – Eaglais Naoimh Mairead. ʼS e eaglais bhrèagha a th’ innte. Na broinn, tha ionad coisrigte do naomh aig an robh buntanas làidir don sgìre.
B’ ise Màiri NicIlp – an aon naomh Astràilianach. Ach bha buntanas aice do dh’Alba cuideachd – agus gu sònraichte don Drochaid Ruaidh. Tha fiosrachadh anns an eaglais a tha a’ mìneachadh a’ ghnothaich.
Bha màthair Màiri – Flòraidh – à Creithneachan ann an Gleann Ruaidh, faisg air Drochaid Ruaidh. Bha a h-athair – Alasdair – à Mùrlagan ann an Gleann Spiothain. Chan eil e soilleir an robh an dithis eòlach air a chèile aig an taigh, ach thachair iad ri chèile ann an Astràilia. Rinn Alasdair eilthireachd ann an ochd ceud deug, trithead ʼs a h-ochd (1838). Chaidh Flòraidh ann dà bhliadhna an dèidh sin. Bha càirdean aig an dithis aca air eilthireachd a dhèanamh do dh’Astràilia roimhe.
Rugadh Màiri faisg air Melbourne ann an ochd ceud deug, ceathrad ʼs a dhà (1842). B’ i a’ chiad leanabh de dh’ochdnar a bhiodh aig Alasdair agus Flòraidh. Bha Màiri dìleas don chreideamh aice. Mus robh i fichead bliadhna a dh’aois, bha fios aice gun robh i airson a bhith a’ dèanamh ‘obair Dhè’ mar a chanadh i fhèin.
Chuala mi bho dhaoine ann an Astràilia gun robh Alasdair agus Flòraidh a’ bruidhinn Gàidhlig ri chèile agus mar sin gun robh an cànan aig Màiri cuideachd. Chan urrainn dhomh sin a dhearbhadh.
Ach bha e air a bhith feumail dhi Gàidhlig a bhith aice oir, ann an ochd ceud deug, seachdad ʼs a trì (1873), thàinig Màiri a dh’Alba agus chaidh i a chèilidh air na càirdean aice ann an Creithneachan.
Roimhe sin, bha Màiri air buidheann ùr agus sgoil ùr a chur air dòigh. Thòisich i ann an ceann a deas Astràilia ach sgaoil a’ bhuidheann gu iomadh sgìre anns an dùthaich. ’S e an t-ainm a bh’ orra Peathraichean Iòsaph a’ Chrò-naomh.
Ge-tà, chaidh cùisean bhuaithe. Dh’fhuiling Màiri agus a’ bhuidheann air sàillibh mì-ghiùlan sagairt agus poilitigs na h-Eaglaise. Chaidh Màiri a chur a-mach às an Eaglais.
Gu fortanach dhi, dh’atharraich cùisean. Dh’aithnich am Pàp – Pius IX – gun robh i a’ dèanamh obair mhath. Choisinn i cliù taobh a-staigh na h-Eaglaise agus ann an naoi ceud deug, naochad ʼs a còig (1995), fada an dèidh a bàis, bha i air a h-aithneachadh mar ‘bheannaichte’. Chaidh a dèanamh na naomh ann an dà mhìle sa deich (2010). Tha an coitheanal Caitligeach ann an Drochaid Ruaidh, mar a bhiodh dùil, gu math moiteil aiste.