O chionn naochad bliadhna – no ceithir fichead bliadhna ʼs a deich mar a chanadh a’ mhòr-chuid aig an àm – bha stailc ann. Tha mi a’ ciallachadh le ‘stailc’ gun robh luchd-obrach a’ diùltadh a bhith ag obair. ʼS e boireannaich a bh’ annta agus bha an t-uabhas de luchd na Gàidhlig nam measg. B’ iad sin clann-nighean an sgadain.
Bha na boireannaich sin, cuid mhath dhiubh òg, a’ siubhal timcheall costa Bhreatainn, a’ leantainn iasgairean an sgadain. Agus bha na h-iasgairean a’ leantainn nan sgaothan sgadain a bha a’ gluasad gu nàdarrach.
ʼS ann ri cutadh nan sgadan a bha na boireannaich. ʼS e obair chruaidh, neo-thlachdmhor a bh’ ann. Bha na h-èisg air an cur ann am baraillean le salann. Bha na mìltean de bharaillean làn sgadan air an cur don mhargaidh thall thairis.
Bhiodh na sgadain pailt aig deireadh an earraich agus toiseach an t-samhraidh anns a’ Chuan Sgìth. Bhiodh clann-nighean an sgadain a’ faighinn obair ann an àiteachan mar Steòrnabhagh. Ach, tron t-samhradh, bhiodh na h-èisg a’ falbh gu deas, gu àiteachan mar Mhalaig, Eilean Mhanainn agus ceann a tuath na h-Èireann. As t-fhoghar, agus gu faisg air deireadh na bliadhna, bhiodh na sgaothan sgadain air leth pailt anns a’ Chuan a Tuath, far chosta sear Shasainn. Bhiodh a’ chlann-nighean an uair sin a’ dol gu puirt-mhara mar Great Yarmouth agus Lowestoft.
Bha am beatha air leth doirbh. Bha an salann agus salachar an èisg a’ faighinn a-steach do lotan anns na làmhan aca. Bha iad uaireannan ag obair airson còrr is dusan uair a thìde gach latha. Bha àiteachan fuirich air an cur air dòigh dhaibh leis na companaidhean a bha gam fastadh. Ach tha iomadh aithris ann gun robh na h-àiteachan sin fuar agus salach, gun taighean-beaga annta.
Ann an naoi ceud deug is seachd-deug (1917), bha stailc ann an Steòrnabhagh. Bha a’ chlann-nighean ag iarraidh àrdachadh anns an tuarastal aca bho chòig air fhichead sgillinn gach seachdain gu trithead sgillinn gach seachdain. Agus bha stailcean beaga an siud ʼs an seo ann an diofar phuirt, co-cheangailte ri cumhaichean obrach na cloinn-nighean. Bha gu leòr dhen bheachd nach robh ann ach aon dòigh airson gnothaichean a thoirt am feabhas, agus b’ e sin le bhith a’ gairm stailc.
Ann an naoi ceud deug, trithead ʼs a sia (1936) bha stailc mhòr ann an Great Yarmouth, agus bailtean eile ann an East Anglia, a thàinig gu aire mòr-shluagh Bhreatainn. Air a’ chòigeamh latha air fhichead dhen Dàmhair, bha ceann-naidheachd mòr aig an Daily Express – ‘3000 Scots Fisher-girls on Strike’.
Bha a’ chlann-nighean a’ diùltadh obair sam bith a dhèanamh gus am biodh àrdachadh anns an tuarastal aca bho dheich sgillinn gach baraille gu tastan (sin dusan sgillinn) gach baraille.
Ann an Yarmouth, thàinig na poilis air muin-eich agus sgaoil iad na boireannaich. Ach ghèill an riaghaltas agus na companaidhean, agus fhuair cuid dhen chloinn-nighean Ghàidhealach an deagh naidheachd mun àrdachadh tuarastail bho mhinistear anns a’ chùbaid ann an Gàidhlig.