Ann am meadhan an naoidheamh linn deug, bha aig a h-uile proifeasair oilthigh ann an Alba ri dearbhadh gu robh e na Phròstanach. Gu dearbh, bha earrann ann
an Cunnradh an Aonaidh (eadar Alba is Sasainn) a dh’iarr air a h-uile proifeasair cumail ris an doigh-adhraidh a bh’ aig Eaglais na h-Alba. Agus, a
bharrachd air sin, b’ fheudar dha gabhail gu poblach ri Aidmheil Westminster. ’S e “Deuchainnean Oilthigh” a chainte ris na gnothaichean seo.
Bha am fear mu dheireadh dhiubh sin na dhuilgheadas do dh’Iain Stiùbhart Blackie. Nuair a fhuair e cuireadh a bhith na phroifeasair ann an Obar Dheathain
ann an ochd ceud deug, trithead ’s a naoi (1839), chuir e ainm ris an Aidmheil mu choinneimh buill Clèir Obair Dheathain na h-Eaglaise. Ach an uair sin,
dh’iarr e orra cothrom a thoirt dha rudeigin a mhìneachadh dhaibh.
Thuirt e riutha gu robh e na charaid don Eaglais, agus gur e an nòs adhraidh aca an seòrs’ a b’ fheàrr leis. Ach thuirt e cuideachd nach robh e fiosrachail
gu leòr mu dhiadhachd airson aontachadh ris an Aidmheil gu lèir. Agus dh’iarr e air a’ Chlèir cur air clàr na coinneimh gun do chuir e ainm-sgrìobhte ris
dìreach mar phroifeasair agus nach do rinn e sin ann an seagh prìobhaideach.
Bha cuid de na buill mì-thoilichte agus dhiùlt iad gabhail ri mhìneachadh. Mar sin, chuir Blackie a bheachdan gu pàipear-naidheachd, agus cha b’ fhada gus
an robh fios aig a’ mhòr-shluagh gu dè bh’ air tachairt. Tuigidh sibh gun do chuir sin an clamhan am measg nan cearc.
Dh’iarr a’ Chlèir air Blackie coinneachadh riutha a-rithist, agus an teisteanas a thug iad dha, agus a leig leis a bhith na phroifeasair, a thoirt air ais.
Thug iad an teisteanas dha mus do mhìnich e a bheachd air Aidmheil Westminster. Bha cuid dhen bheachd gu robh e seòlta ann a bhith a’ faighinn an
teisteanais gun a bhith ag ràdh guth ro làimh mu na teagamhan aige.
Chaidh Blackie a Dhùn Eideann far an d’ fhuair e comhairle bho charaidean a bha nan luchd-lagha. Chomhairlich iad dha gun an teisteanas a thoirt air ais
agus gun a bhith a’ nochdadh aig coinneamh na Clèir. An àite sin, sgrìobh e litir gu Modaràtor na Clèir, a’ mìneachadh na cùise dha. Rinn Blackie sgaradh
eadar proifeasairean Diadhachd agus proifeasairean chuspairean eile, agus bha e airson ’s nach biodh aig a leithid-san ri gabhail ri Aidmheil Westminster.
Chaidh a’ chùis air ais ’s air adhart eadar luchd-lagha, luchd-stiùiridh an oilthigh, agus Clèir na h-Eaglaise, agus chaidh dà bhliadhna seachad mus d’
fhuair Blackie cead a chathair a ghabhail. Chuir e seachad an ùine sin ann an Dùn Eideann, a’ sgrìobhadh airson irisean, is a’ leughadh is a’ rannsachadh
litreachas Greugach is Gearmailteach. Thill e don oilthigh ann an Obar Dheathain as t-fhoghar ochd ceud deug, ceathrad ’s a h-aon (1841).
Tha fo-sgrìobhadh inntinneach ann don ghnothach. Am measg buill Clèir Obair Dheathain, bha feadhainn a bhiodh a’ fàgail Eaglais na h-Alba anns an sgaradh
mhòr a bha gu bhith ann dìreach dà bhliadhna as dèidh do dh’Iain Blackie tòiseachadh na dhreuchd – sgaradh ris an can mòran “Briseadh na h-Eaglaise”. Às
dèidh a’ bhrisidh, bha na Deuchainnean Oilthigh air an cleachdadh airson muinntir na h-Eaglaise Saoire a chumail a-mach à cathraichean oilthigh. Bha ùpraid
ann mu dheidhinn, agus fhuaradh cuidhteas na Deuchainnean deich bliadhna às dèidh an sgaraidh.
’S e annas eachdraidh a th’ ann gu robh an gnothach a thòisich Iain Blackie air a thoirt gu buil leis an fheadhainn a bh’ air a bhith gu dubh na aghaidh
dìreach dusan bliadhna roimhe.