FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Fèill-Màrtainn

Tha Fèill-Màrtainn dìreach air a dhol seachad airson bliadhna eile.

Audio is playing in pop-over.

Fèill-Màrtainn

Tha Fèill-Màrtainn dìreach air a dhol seachad airson bliadhna eile. Chan eil fhios agam a bheil Fèill-Màrtainn a’ ciallachadh mòran dhuibh. Dhomhsa tha i tlachdmhor, oir bidh fèis sgeulachdan ann aig an àm seo a h-uile bliadhna ann an Siorrachd Rois, le sgeulaichean matha ann bho air feadh Alba agus eadhon bho dhùthchannan eile.

Ach do chroitearan na h-Alba, anns an naoidheamh linn deug, cha robh Fèill-Màrtainn tlachdmhor idir. B’ e sin an t-àm as t-fhoghar nuair a bha aca ri màl a phàigheadh. Anns na ceithir ficheadan dhen linn sin, bha am màl aig ìre mhì-reusanta aig àm nuair a bha daoine bochd, agus nuair a bha cuid de dh’uachdarain air fearann a thoirt air falbh bho chroitearan. Cha robh còraichean aig croitearan fon lagh, agus bha iad feargach.

Mun àm sa, ann am meadhan na Samhna, o chionn sia fichead bliadhna, nochd bàta-smùid aig Mac a’ Bhriuthainn far costa an Eilein Sgitheanaich. Mar bu trice, cha bhiodh sin annasach. Ach an turas seo, bha e annasach, oir bha am bàta ann airson ’s gum biodh àiteachan-fuirich ann do chuid a bha a’ tadhal air an eilean.

Bidh sibh mothachail gu bheil gainnead de dh’àiteachan-fuirich na trioblaid aig àm a’ Mhòid Nàiseanta, mar eisimpleir ann an Leòdhas. ’S e aon fhuasgladh bàta mòr a thoirt ann, anns a bheil seòmraichean-cadail. Ach cha robh mòd anns an Eilean Sgitheanach as t-fhoghar ochd ceud deug, ochdad ’s a ceithir (1884).

Bha bàta Mhic a’ Bhriuthainn, air an robh an “Locheil” mar ainm, anns an sgìre sin an cois dà bhàta eile. Bha tè dhiubh a’ giùlain trì cheud saighdear-mara. Agus bha an tè eile armaichte le gunnaichean mòra. Agus bha an Locheil gu bhith na àite-fuirich do dh’fheachd de phoilis. B’ e seo àm ar-a-mach nan croitearan, agus bha na h-ùghdarrasan airson an t-ar-a-mach a cheannsachadh.

Chan e nach robh àiteachan-fuirich gu leòr air tìr, anns an Eilean Sgitheanach. Bha. Ach dhiùlt òstairean an eilein cead do na poilis fuireach anns na taighean-òsta aca. Agus chaidh an “Locheil” don eilean. Ach nuair a dh’ionnsaich an criubha dè dìreach a bha romhpa, leig a’ chuid a bu mhò aca an dreuchdan dhiubh. Bha an sgiobair nam measg.

’S ann air na croitearan air oighreachd Chille Mhoire a bu mhò a bha na saighdearan-mara ag amas. Bha na h-ùghdarrasan an dòchas gun gabhadh na croitearan eagal, is gum pàigheadh iad am màl. Ach cha do ghabh iad eagal. Agus cha mhòr gun do phàigh duine a mhàl air an oighreachd sin aig Feill-Màrtainn. Agus bha sin fìor ann am mòran àiteachan san Eilean Sgitheanach. B’ iad sin gaisgich an fhearainn.

Thug na gaisgich sin buaidh air poileataics na h-Alba goirid às dèidh sin. Bha na tagraichean a bha taiceil do na croitearan gu math soirbheachail anns an taghadh nàiseanta ann an ochd ceud deug, ochdad ’s a còig (1885). Agus bhrosnaich a’ bhana-bhàrd ainmeil, Màiri Mhòr nan Òran, na Gàidheil gus taic a thoirt dhaibh. Seo na sgrìobh i anns an dàn Brosnachadh nan Gàidheal:

Cuiribh Teàrlach suas le aighear

’S deagh MhacPhàrlain suas le caithreim;

Cuiribh Aonghas suas le buaidh

Air ceann an t-sluaigh far ’n d’ fhuair e aran .

Cò bh’ ann an Teàrlach, MacPhàrlain is Aonghas? Uill bha Teàrlach Friseal Mac an Tòisich a’ seasamh airson Siorrachd Inbhir Nis, agus bha Aonghas Sutharlanach a’ seasamh ann an Cataibh. Agus MacPhàrlain? B’ esan Dòmhnall Horne MacPhàrlain agus cluinnidh sibh tuilleadh mu dheidhinn anns an ath-litir.

Litir 280 Litir 280 Litir 282 Litir 282

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!