Bha Dòmhnall MacAoidh ann an geòla faisg air Inbhir Theòrsa. Bha e fhèin is feadhainn eile a’ dol a dh’fhaighinn uisge ann am baraillean airson an
t-soithich aca. Bha Dòmhnall air a thoirt am bruid ceithir bliadhna roimhe. A-nise bha e faisg air an dachaigh aige ann an Dùthaich MhicAoidh.
Cò chunnaic e ann am bàta eile ach feadhainn bhon sgìre aige fhèin. Dh’aithnich e iad agus dh’aithnich iadsan esan. Dh’èigh iad air a chèile. Cho luath ’s
a thachair sin, thionndaidh na maraichean an geòla. Chaidh iad air ais don luing. Chuir iad an seòl an àirde agus dh’fhalbh iad.
Chaidh trì bliadhna eile seachad mus do rinn Dòmhnall dol-às. Bha e a-nise naoi bliadhn’ deug a dh’aois. Bha e air a dhol a-null gu soitheach eile beagan
mhìosan roimhe. Cha robh an criutha ùr cho eòlach air eachdraidh.
Co-dhiù, bha iad a’ seòladh faisg air costa mu thuath na h-Alba. Bha uisge a dhìth orra is chaidh iad gu Loch Eurabol. B’ e sin an loch far an deach
Dòmhnall a thoirt am bruid seachd bliadhna roimhe. Chuir e roimhe teicheadh dhachaigh.
Bha fios aige nach fhaigheadh e a thuarastal ach bu choma leis sin. Bha aodach is gnothaichean pearsanta aige air bòrd, ge-tà. Chuir e
aodach eile fon aodach obrach aige agus lìon e a phòcaidean le rudan. Bha e an dòchas nach mothaicheadh duine do na bha e a’ dèanamh.
Chaidh e fhèin is fear eile gu tìr ann an geòla. Nuair a bha na baraillean làn uisge, dh’iarr Dòmhnall air an fhear eile leum a-steach don bhàta. Tharraing
Dòmhnall an dà ràmh a-mach às na buthail-ràimh agus phut e an geòla gu muir. Cha robh comas snàimh aig an fhear eile. Dh’èigh e don fheadhainn air an
t-soitheach mhòr, “Dh’fhalbh am balach bho thìr-mòr!”
Dh’èigh Dòmhnall airsan, “Beannachd leat!” Agus theich e. Air mullach cnuic choimhead e air ais. Bha an fheadhainn air an luing a’ leigeil geòla eile. Rinn
Dòmhnall cabhag ach bha e uabhasach teth leis na bh’ air de dh’aodach. Bha am fallas air. Lorg e imir coirce. Bha adagan ann. Thug e sguab air falbh bho
adag. Chaidh e am falach am broinn na h-adaig. Chuir e an sguab air ais na h-àite.
Làigh e gu sàmhach. Chuala e na maraichean a’ ruith seachad air. An ceann greis, thill iad. Làigh Dòmhnall gu sàmhach airson greis a bharrachd. An uair
sin, dh’èirich e a-mach às an adaig. Cha robh sgeul air duine.
Chaidh e gu mullach cnuic. Chunnaic e na maraichean a’ cur nan geòlaichean air bòrd na luinge. Às dèidh seachd bliadhna bha Dòmhnall saor.
An làrna-mhàireach ràinig e Armadal. Chunnaic e athair ag obair anns an t-sabhal. Bha e air a dhol liath. Chunnaic an croitear an srainnsear òg seo a’
coiseachd dha ionnsaigh. Cha do dh’aithnich e e. Dh’iarr Dòmhnall cuid na h-oidhche air – rud a bha cumanta gu leòr sna làithean ud.
“Ceart gu leòr,” thuirt athair, “ach feumaidh mi bruidhinn ris a’ bhean agam.” Chaidh iad a-steach còmhla agus thàinig màthair Dhòmhnaill a-steach. Cha do
dh’aithnich ise e na bu mhotha.
Cha b’ urrainn do Dhòmhnall na bha e a’ faireachdainn a chumail dha fhèin tuilleadh. “O mo mhàthair!” dh’èigh e. “Nach eil sibh gam aithneachainn?!” Uill,
dh’aithnich an uair sin agus, às dèidh seachd bliadhna de dh’ionndrainn, tha mi cinnteach gu robh deòir an toileachais a’ sruthadh gu làidir.