Nuair a bha a’ chlann agam òg, agus sinn a’ fuireach san Eilean Sgitheanach, bhithinn a’ dol gu tric don chròileagan còmhla riutha. Tha cuimhne
agam air aon òran a ghabhamaid. Bha sinn a’ togail gach corraig, tè às dèidh a chèile, nuair a bha an t-òran seo ag iarraidh oirnn. Bha e a’ dol mar seo: “Calum corrag, Calum corrag, ca’ bheil thu? Tha mi seo, tha mi seo, ciamar a tha thu?”
An uair sin bha sinn a’ dol don dàrna corraig. “Fionnlagh fada, Fionnlagh fada, ca’ bheil thu? Tha mi seo, tha mi seo, ciamar a tha thu?” Tuigidh
sibh nach robh sinn a’ bodraigeadh leis an tuiseal ghairmeach! Cha robh a h-uile duine ag aontachadh gur e Fionnlagh fada a th’ air a’
mheur as fhaide. Bha cuid a’ gabhail Màiri fhada oirre. No gunna fada. Ach bha a h-uile duine aig a’ chròileagan, aig an robh Gàidhlig, ag aontachadh mun chorraig air am bithear a’
gabhail the ring finger ann am Beurla – mac an aba.
Nise, sgrìobh mi beagan mu ainmean nan corragan, no nam meur, ann an Litir 37 anns a’ Ghearran 2000. Dh’aidich mi aig an àm nach robh fios agam cò
às a thàinig an t-ainm mac an aba. Gu litreachail, tha e a’ ciallachadh “the son of the abbot”. Ach chan eil sin a’ dèanamh mòran
cèill dhomh. Agus gach duine air an cuirinn a’ cheist, cha robh freagairt aca.
Ach o chionn ghoirid tha amharas agam gur dòcha gun tàinig mi tarsainn air an fhuasgladh. Agus, ma thàinig, ’s e tuiteamas a bh’ ann. Chan e sin
a-mhàin ach cha robh mi ann an Alba aig an àm, ach ann an Èirinn. Agus tha am fuasgladh air leth sìmplidh.
Bha mi ann an ceann a tuath na h-Èireann. Chaidh mi a chèilidh air fear a tha air leth fiosrachail mun Ghaeilge a thathar, agus a bhathar, a’
bruidhinn ann an Aontram agus ann an Eilean Reachrann – Rathlin Island – eadar ceann a tuath na h-Èireann agus Alba. Is esan Brian
MacLochlainn. Tha Gaeilge agus Gàidhlig aige, agus bha e eòlach air na daoine mu dheireadh ann an Reachrainn aig an robh an cànan.
Chruinnich Brian fiosrachadh air iomadach rud bho fhear Alex Morrison ann an Reachrainn. Bha Alex air leth fiosrachail. Mar eisimpleir, thug e
seachad ceithir cheud ainm-àite nach robh clàraichte roimhe. Agus dh’innis e do Bhrian gu dè na h-ainmean a bh’ aca ann an Reachrainn airson nan
corragan.
Nise, mus innis mi iad sin dhuibh, bu chòir a ràdh gun robh a’ Ghaeilge ann an Reachrainn, agus air tìr-mòr Aontraim, car coltach ann an dòighean
ri Gàidhlig na h-Alba. Mar eisimpleir, bhiodh mh no bh ro fhuaimreag leathann a’ dèanamh “v” seach “w” – mar Ballyvaddy no Baile a’ Mhadaidh. Bha an “u” car coltach ris a “u” ann an Gàidhlig.
Chanadh iad “cur” seach “cur” agus “rud” seach “rud”. Chanadh iad “deas” an àite “deas”. Agus chleachdadh iad “cha” an àite “nì” ann an gnìomhairean àicheil.
Co-dhiù, air ais do na corragan, no na meuran. Chanadh Alex Morrison méar fada ris a’ chorraig as fhaide. Agus ’s e na bh’ aige air a ring finger – mac an fhada. Mac a’ mheòir fhada. Mac an fhada. Gu litreachail “the son of the long finger” no “the smaller one next to the long finger”. Tha sin a’ dèanamh ciall, nach eil?
Saoil an do dh’atharraich mac an fhada ann an Alba gu mac an aba? Ma tha fiosrachadh agaibh air a’ chùis, bu math leam cluinntinn bhuaibh. Mar sin leibh an-dràsta.