FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Abairtean co-cheangailte ris a’ mhuir

Tha coileach air na tuinn. Bha smùid na mara ga

Audio is playing in pop-over.

Abairtean co-cheangailte ris a’ mhuir

Tha coileach air na tuinn. Bha smùid na mara ga mo dhalladh. Chaidh e às an rathad, ’s e ri creagach. Trì abairtean co-cheangailte ris a’ mhuir. A bheil sibh gan tuigsinn? Canaidh mi a-rithist iad. Tha coileach air na tuinn. Bha smùid na mara ga mo dhalladh. Chaidh e às an rathad, ’s e ri creagach.

Tha coileach air na tuinn. Tha sin a’ ciallachadh there’s foam breaking on top of the waves. Far a bheil “eich bhàna” ann am Beurla, tha coilich againn ann an Gàidhlig. Bha smùid na mara ga mo dhalladh. The sea spray kept me blinded. Bidh sibh eòlach air an fhacal smùid, tha mi cinnteach. Tha e cuideachd a’ ciallachadh smoke no the blow of a whale. Agus, an gnàthas-cainnt eile – chaidh e às an rathad, ’s e ri creagach – he was drowned while fishing on the rocks.

Tha na trì abairtean seo air an aon duilleig ann an leabhar beag grinn a thàinig a-mach o chionn ghoirid – “Gnàthasan-Cainnt”. Tha an t-uabhas ghnàthasan-cainnt anns an leabhar. Bha iad air an cruinneachadh le Dòmhnall Greumach bho dhaoine à Leòdhas, Na Hearadh, Uibhist a Tuath agus Beàrnaraigh. Chan e seann rudan a th’ annta nach can daoine an-diugh. Tha iad fhathast air bilean an t-sluaigh.

Tha ceithir rudan aig na daoine as fheàrr a bhruidhneas Gàidhlig. Tha deagh ghràmar aca – eadhon nach d’ fhuair iad leasan gràmair riamh! Tha deagh bhlas aca. Tha briathrachas mòr aca. Agus tha a’ Ghàidhlig aca làn ghnàthasan-cainnt. Tha e follaiseach gu bheil iad a’ smaoineachadh anns a’ chànan.

Am measg nan dùbhlan a tha ro luchd-ionnsachaidh, tha a bhith a’ dèanamh an cuid Gàidhlig gnàthasach. Agus, dhaibhsan a tha faisg air fileantachd, bidh an leabhar ùr seo gu math feumail. Mar eisimpleir, seo cuid de na gnàthasan-cainnt a chruinnich Dòmhnall agus a chuir e fon tiotal “Nàdar an Duine”. A bheil sibh a’ tuigsinn dè tha iad a’ ciallachadh?

Tha e siud a’ fàgail snàithlean fad’ an droch thàilleir . He is leaving there the long thread of the tailor. Tha e siud a’ fàgail snàithlean fad’ an droch thàilleir. Seo an t-eadar-theangachadh: he’s not a very neat tradesman.

’S iomadh carraig ris an do shuath am fear sin. It’s many a rock on which that man rubbed . ’S iomadh carraig ris an do shuath am fear sin. Agus an t-eadar-theangachadh: that one’s had a few setbacks in his life.

Tha i cho faoin ri na h-uiseagan. She’s as silly as the larks . Tha i cho faoin ri na h-uiseagan. An t-eadar-theangachadh: she’s completely bonkers! Agus boireannach de sheòrsa eile – thàinig i à nead ghlan (she came from a clean nest). Thàinig i à nead ghlan. An t-eadar-theangachadh: she came from a respected family.

’S e fìor dheagh leabhar a th’ ann a chuireas snas air cainnt dhaoine. Ach feumaidh mi ràdh gun robh aon ghnàthas-cainnt aig Dòmhnall còir a chuir dragh orm. Agus seo e – an rud nach ith na coin, thoir do Ruairidh e (give it to the glutton). Carson a thagh e Ruairidh?! Ach tha e ag ràdh, ceart gu leòr, gum bithear a’ cleachdadh diofar ainmean ann an diofar àiteachan. Canaidh mise – an rud nach ith na coin, thoir do dh’Uilleam e. Agus, mas e Uilleam a th’ oirbh fhèin mar ainm, nach gabh sibh mo leisgeul!

Litir 610 Litir 610 Litir 612 Litir 612

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!