FaclairDictionary EnglishGàidhlig

An galar ronnach

O chionn beagan seachdainean, dh’èirich duilgheadas ùr ann an saoghal

Audio is playing in pop-over.

An galar ronnach

O chionn beagan seachdainean, dh’èirich duilgheadas ùr ann an saoghal na Gàidhlig. Nochd galar as ùr ann am Breatainn, galar a tha a’ bualadh air beathaichean ladhrach. Ann am Beurla, canaidh iad “Foot and Mouth Disease” ris. Ach dè bha sinne, a tha ag obair anns na meadhanan Gàidhlig, a’ dol a ghabhail air?

Ann an Gàidhlig na h-Eireann, canaidh iad “galar crúibe is béil” ris. Tha sin na eadar-theangachadh air a’ Bheurla. Ann an Cuimris, ’s e eadar-theangachadh a th’ acasan cuideachd. Ach dè mu dheidhinn anns a’ chànan againn fhìn?

’S iomadh facal ùr a dh’fheumas sinn cruthachadh ann an Gàidhlig airson dèiligeadh ri gnothaichean an latha an-diugh, ach tha prionnsabal cudthromach ann, saoilidh mi – ’s e sin, ma tha seann fhacal neo abairt Ghàidhlig ann airson rudeigin, is ma dh’aithnicheas cuid e fhathast, cleachd e. O shean, agus suas chun an latha an-diugh, chanadh cuid de Ghaidheil “an galar roilleach” ris a’ ghalar seo.

Uill, tha sin fìor ann an cuid de dh’àiteachan. Ann an àiteachan eile, chanadh iad, agus canaidh iad fhathast, “an galar ronnach” neo “an galar roinneach”. Tha iad uile a’ ciallachadh na h-aon rud – an galar far am bi uisge a’ ruith as beòil nam beathaichean. “The slavering disease” ann am Beurla.

Ach tha sin a’ fàgail duilgheadas. Am bu chòir dhuinn gabhail ri aon fhacal air a shon air feadh saoghal na Gàidhlig? Mura h-eil am facal “roilleach” ann an Gàidhlig Ile, mar eisimpleir, carson a chanadh na h-Ilich “an galar roilleach”? Cha bhiodh e a’ dèanamh ciall dhaibh. Seo an seòrsa ceist ris a feum sinn dèiligeadh gu tric nuair a tha sinn ag obair gu làitheil, agus aig ìre nàiseanta, ann an Gàidhlig.

Bha mi a’ coimhead tro sheann bhàrdachd airson iomradh sam bith air a’ ghalar seo, ach chan fhaca mi càil. ’S dòcha nach biodh an cuspair uabhasach taitneach do bhàrd! Ach lorg mi am facal “ronn”, a’ ciallachadh “slaver” aig Mac Mhaighstir Alasdair agus, cuideachd, ann an dàn a sgrìobh Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir.

Rinn Donnchadh aoir air fear Uisdean a bha na phìobaire. Neo pìobaire de sheòrsa air choreigin. Cha do shaoil Donnchadh mòran dheth, a rèir choltais. Seo rann às an dàn “Aoir Uisdean Phìobair’”:

Ciamar a nì Uisdean òg dhuibh

ceòl gu dannsa,

Nuair a chìtheadh tu sruth ronn

on a h-uile toll a bh’ air an t-seannsair:

’S sgeul tha fìor a dh’innseas mise,

gur h-e dh’fhàg e nis cho manntach,

Gun tug iad dheth leis an t-siosar

bàrr na teanga.

Uill, cha chreid mi gu bheilear a’ sgrìobhadh bàrdachd mar sin an-diugh. Nan nochdadh a leithid, agus Uisdean còir fhathast beò, ’s iongantach mura biodh e air a’ fòn sa bhad don luchd-lagh’ aige! Co-dhiù sin am facal “ronn” ann am bàrdachd, ged nach eil sgeul air crodh, caoraich, mucan neo lighichean-sprèidh!

Saoilidh mi gu bheil còir againn a bhith mothachail do dh’aon rud gu h-àraidh co-cheangailte ris a’ ghalar roilleach. ’S e sin mar a bhiodh galairean de dh’iomadh seòrsa a’ sgapadh am measg an t-sluaigh, gun luaidh air beathaichean, gu math luath, anns na làithean a dh’fhalbh.

Ach cha robh ar sinnsirean gun dòchas mu a leithid. Tha seanfhacal ann a tha a’ sealltainn gu robh iad dhen bheachd gun gabhadh leigheas dèanamh air galar sam bith: “Ruigidh an ro-ghiullachd air an ro-ghalar”. The best of nursing may overcome the worst disease. Ruigidh an ro-ghiullachd air an ro-ghalar. Bidh sinn an dòchas, a thaobh a’ ghalair roillich ann am Breatainn agus anns an Roinn Eòrpa, an-dràsta agus anns an àm ri teachd, gu bheil an seanfhacal ceart.

Litir 96 Litir 96 Litir 98 Litir 98

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!