FaclairDictionary EnglishGàidhlig

899: Phrases and proverbs connected to water 899: Abairtean is seanfhaclan ceangailte ri uisge

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Abairtean is seanfhaclan ceangailte ri uisge

Gaelic Gàidhlig

Anns an Litir mu dheireadh bha mi a’ toirt sùil air bùrn agus uisge, dà fhacal airson water ann an Gàidhlig. An t-seachdain seo, tha mi a’ dol a thoirt sùil air abairtean is seanfhaclan co-cheangailte ri uisge. Seo fear dhuibh: Bha rudeigin de dh’uisge far na bhàthadh an gamhainn. Tha e co-ionann ris an t-seanfhacal ann an Albais – there’s aye some water whaur the stirkie drowns. Tha bàthadh a’ ghamhna a’ dearbhadh gu bheil uisge domhainn anns an àite sin.

Uaireannan, tha uisge a’ seasamh airson ‘rain’ mar anns an abairt: Tha currac air a’ bheinn, siud an t-uisg’ a’ tighinn ‘the mountain has a cap on it, there’s the rain coming.’ Tha currac air a’ bheinn, siud an t-uisg’ a’ tighinn. ʼS e ceò no sgòth a th’ anns a’ churrac.

Seo fear eile: Cadal a’ mhuilleir ’s an t-uisg’ a’ dol seachad. The miller asleep and the water running past. Cadal a’ mhuilleir ’s an t-uisg’ a’ dol seachad. Tha sin a’ buntainn ri muileann-uisge ri taobh allt a bhios a’ sruthadh fad na h-ùine.

Tha abairt eile car coltach ri sin: Cha b’ e ’m muileann nach meileadh ach an t-uisge nach ruitheadh. It wasn’t the mill that wouldn’t grind but the water that wouldn’t run. Bha sinne comasach air an gnothach a choileanadh, ach bha an dealan dheth, mar eisimpleir. Cha robh cothrom air. Cha b’ e ’m muileann nach meileadh ach an t-uisge nach ruitheadh.

Agus dè ur beachdan air an t-seanfhacal seo? Cha do rinn uisge glan riamh leann math. Clean water never made good ale. Tha amharas agam nach biodh an fheadhainn a tha a’ dèanamh leann ag aontachadh ris! Ach tha e a-mach air daoine, nach eil? Eadhon ged nach eil thu fìor-ghlan, dh’fhaodadh tu a bhith math air rudeigin. Cha do rinn uisge glan riamh leann math.

Leis an t-seanfhacal mu dheireadh, tha sinn a’ tilleadh don fhacal bùrn. Is duilich bùrn glan a thoirt à tobar salach. Tha sin fìor, nach eil? It’s difficult to draw clean water from a dirty well. Is duilich bùrn glan a thoirt à tobar salach.

Phrases and proverbs connected to water

English Beurla

In the last Litir I was looking at bùrn and uisge, two words for ‘water’ in Gaelic. This week, I am going to look at phrases and proverbs connected to water. Here is one for you: Bha rudeigin de dh’uisge far na bhàthadh an gamhainn. It’s equivalent to the proverb in Scots – there’s aye some water whaur the stirkie drowns. The drowning of the stirk proves that there is deep water in that place.

Sometimes uisge stands for ‘rain’ as in the phrase: Tha currac air a’ bheinn, siud an t-uisg’ a’ tighinn ‘the mountain has a cap on it, there’s the rain coming.’ Tha currac air a’ bheinn, siud an t-uisg’ a’ tighinn. The cap is mist or cloud.

Here’s another one: Cadal a’ mhuilleir ’s an t-uisg’ a’ dol seachad. The miller asleep and the water running past. Cadal a’ mhuilleir ’s an t-uisg’ a’ dol seachad. That concerns a watermill beside a burn that is running all the time.

There is another saying [that is] a little like that: Cha b’ e ’m muileann nach meileadh ach an t-uisge nach ruitheadh. It wasn’t the mill that wouldn’t grind but the water that wouldn’t run. We were able to complete the matter but the electricity was off, for example. It couldn’t be helped. Cha b’ e ’m muileann nach meileadh ach an t-uisge nach ruitheadh.

And what are your opinions of this proverb? Cha do rinn uisge glan riamh leann math. Clean water never made good ale. I suspect that those who make ale would not agree with it! But it concerns people, doesn’t it? Even if you are not pure, you could be good at something. Cha do rinn uisge glan riamh leann math.

With the final proverb, we are returning to the word bùrn. Is duilich bùrn glan a thoirt à tobar salach. That’s true, isn’t it? It’s difficult to draw clean water from a dirty well. Is duilich bùrn glan a thoirt à tobar salach.

Abairtean is seanfhaclan ceangailte ri uisge

Gaelic Gàidhlig

Anns an Litir mu dheireadh bha mi a’ toirt sùil air bùrn agus uisge, dà fhacal airson water ann an Gàidhlig. An t-seachdain seo, tha mi a’ dol a thoirt sùil air abairtean is seanfhaclan co-cheangailte ri uisge. Seo fear dhuibh: Bha rudeigin de dh’uisge far na bhàthadh an gamhainn. Tha e co-ionann ris an t-seanfhacal ann an Albais – there’s aye some water whaur the stirkie drowns. Tha bàthadh a’ ghamhna a’ dearbhadh gu bheil uisge domhainn anns an àite sin.

Uaireannan, tha uisge a’ seasamh airson ‘rain’ mar anns an abairt: Tha currac air a’ bheinn, siud an t-uisg’ a’ tighinn ‘the mountain has a cap on it, there’s the rain coming.’ Tha currac air a’ bheinn, siud an t-uisg’ a’ tighinn. ʼS e ceò no sgòth a th’ anns a’ churrac.

Seo fear eile: Cadal a’ mhuilleir ’s an t-uisg’ a’ dol seachad. The miller asleep and the water running past. Cadal a’ mhuilleir ’s an t-uisg’ a’ dol seachad. Tha sin a’ buntainn ri muileann-uisge ri taobh allt a bhios a’ sruthadh fad na h-ùine.

Tha abairt eile car coltach ri sin: Cha b’ e ’m muileann nach meileadh ach an t-uisge nach ruitheadh. It wasn’t the mill that wouldn’t grind but the water that wouldn’t run. Bha sinne comasach air an gnothach a choileanadh, ach bha an dealan dheth, mar eisimpleir. Cha robh cothrom air. Cha b’ e ’m muileann nach meileadh ach an t-uisge nach ruitheadh.

Agus dè ur beachdan air an t-seanfhacal seo? Cha do rinn uisge glan riamh leann math. Clean water never made good ale. Tha amharas agam nach biodh an fheadhainn a tha a’ dèanamh leann ag aontachadh ris! Ach tha e a-mach air daoine, nach eil? Eadhon ged nach eil thu fìor-ghlan, dh’fhaodadh tu a bhith math air rudeigin. Cha do rinn uisge glan riamh leann math.

Leis an t-seanfhacal mu dheireadh, tha sinn a’ tilleadh don fhacal bùrn. Is duilich bùrn glan a thoirt à tobar salach. Tha sin fìor, nach eil? It’s difficult to draw clean water from a dirty well. Is duilich bùrn glan a thoirt à tobar salach.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 1203

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile