Asking permission Ag iarraidh cead
PersonNeach
          GaelicGàidhlig
          EnglishBeurla
        | Barman 1 | Tha mi deiseil dheth. | I’m finished. | 
| Barman 2 | Ò, tapadh leat. | Oh, thank you. | 
| Barman 1 | Am faod mi a dhol dhachaigh a-nis? | Can I go home now? | 
| Barman 2 | Faodaidh gu dearbh. | You can indeed. | 
| Barman 1 | Tapadh leibh. | Thank you. | 
| Barman 2 | Feasgar math. | Good evening. | 
| Barman 1 | Feasgar math. | Good evening. | 
| Girl | Am faod sinn falbh a-nis? | Can we go now? | 
| Teacher | A bheil sibh deiseil? | Are you finished? | 
| Girls | Tha. | Yes. | 
| Teacher | Tapadh leibh. Ceart, faodaidh sibh falbh.  |  Thank you. Ok, you can go.  |  
| Girls | Tapadh leibh. | Thank you. | 
| Teacher | È, chì mi a-màireach sibh. | Eh, I’ll see you tomorrow. | 
| Daughter | Tha dannsa anns a’ bhaile a-nochd. | There’s a dance in town tonight. | 
| Dad | Tapadh leat a ghraidh. Dè thuirt thu?  |  Thank you dear. What did you say?  |  
| Daughter | Tha dannsa anns a’ bhaile a-nochd. | There’s a dance in town tonight. | 
| Dad | A bheil gu dearbh? Mmm, tha seo math.  |  Is there really? Mmm, this is good.  |  
| Daughter | A dhadaidh, am faod mi a dhol chun an dannsa? | Dad, can I go to the dance? | 
| Dad | Faodaidh a ghraidh, faodaidh. | Yes dear, yes. | 
| Mother | Càit a bheil thu Alasdair? | Where are you Alasdair? | 
| Son | Tha mi anns an rùm agam. | I’m in my room. | 
| Mother | Am faod mi tighinn a-steach? | Can I come in? | 
| Son | Faodaidh. | Yes. |