Arranging to go out A’ cur air dòigh a dhol a-mach
I'm going out to a danceTha mi a' dol a-mach gu dannsa
Look out for the following pieces of vocabulary in this clip.
a bheil thu a’ dol a-mach? are you going out?
a bheil thu fhèin a’ dol a-mach? are you going out yourself?
dè tha thu a’ dèanamh a-nochd? what are you doing tonight?
a bheil thu a’ dèanamh càil a-nochd? are you doing anything tonight?
tha, tha mi a’ dol … yes, I’m going …
tha dùil agam a dhol … I intend to go …
PersonNeach
          GaelicGàidhlig
          EnglishBeurla
        | Woman | Halò a Sheònaid. | Hello Janet. | 
| Seònaid | Halò.  Dihaoine a th’ ann a-rithist.  |  Hello.  It’s Friday again.  |  
| Woman | Nach math sin?  A bheil thu a’ dol a-mach?  |  Isn’t that good?  Are you going out?  |  
| Seònaid | Tha.  Tha mi fhìn is Fionnlagh a’ dol a-mach gu biadh. An uair sin, tha dùil againn a dhol a dh’fhaicinn film. A bheil thu fhèin a’ dol a-mach?  |  Yes, Finlay and I are going out for a meal. Then, we intend to go to see a film. Are you going out yourself?  |  
| Woman | Tha.  Tha mi a’ dol a-mach gu partaidh.  |  Yes. I’m going out to a party.  |  
| Hairdresser 1 | A bheil thu fhèin a’ dol a-mach? | Are you going out yourself? | 
| Hairdresser 2 | Chan eil.  Chan eil Seonaidh gu math an-dràsta.  |  No.  Johnny isn’t well just now.  |  
| Hairdresser 1 | Tha mi duilich sin a chluinntinn. | I’m sorry to hear that. | 
| Hairdresser 2 | Sin e.  Faodaidh sibh suidhe suas a-nis.  |  That’s it.  You may sit up now.  |  
| Woman | Tapadh leibh. | Thank you. | 
| Man | Haidh, a Chaluim.  Dihaoine a th’ ann a-rithist. Dè tha dol?  |  Hi, Calum?  It’s Friday again. What’s happening?  |  
| Calum | Och, chan eil mòran. | Och, not much. | 
| Man | Dè tha thu a’ dèanamh a-nochd? | What are you doing tonight? | 
| Calum | Tha dannsa ann an Talla Phàrtaig. | There is a dance on in Partick Hall. | 
| Man | Cuin a tha e a’ tòiseachadh? | When does it start? | 
| Calum | Naoi uairean. | Nine o’ clock. | 
| Man | Ceart ma-thà.  Chì mi an uair sin thu.  |  Ok then.  I’ll see you then.  |  
| Calum | Chì. | Yes. | 
| Màiri-Anna | A mhàthair, dè tha sibhse a’ dèanamh an seo? | Mother, what are you doing here? | 
| Mother | Halò, a Mhàiri-Anna.  Feumaidh mi blobhsa ùr fhaighinn. Tha mi fhèin ’s d’ athair a’ dol a-mach a-nochd. Tha sinn a' dol gu cèilidh. Dè do bheachd?  |  Hello, Mary-Anne. I need to get a new blouse. Your father and I are going out tonight. We’re going to a ceilidh. What do you think?  |  
| Màiri-Anna | Ò, tha e snog.  Seo an dearbh rud a bha mise ag iarraidh. Tha mi fhìn agus Mairead a’ dol gu partaidh a-nochd. Mìle taing, a mhàthair. Chì mi aig an taigh sibh.  |  Oh, it’s nice.  This is the very thing that I wanted. Margaret and I are going to a party tonight. Thanks a million, mother. I’ll see you at home.  |