Making comparison A’ dèanamh coimeas
PersonNeach
          GaelicGàidhlig
          EnglishBeurla
        | Attendant | Fuirich!  Chan fhaod thu dhol suas an sin.  |  Wait!  You can’t go up there.  |  
| Boy | Carson? | Why? | 
| Attendant | Tha thu ro bheag. | You’re too small. | 
| Boy | Ach chaidh Calum suas...agus tha esan nas lugha na mise. | But Calum went up...and he is smaller than me. | 
| Attendant | Trobhad gus am faic sinn ma-thà. Seall sin.  Tha thu ro bheag.  |  Come so we see then. Look at that.  You’re too small.  |  
| Boy | Feumaidh mi a dhol suas.  Chaidh Calum suas ’s tha mise nas motha na esan.  |  I have to go up.  Calum went up and I’m bigger than he is.  |  
| Mother | Ciamar a tha an fheadhainn sin? | How are those ones? | 
| Girl | Tha iad ro mhòr. | They are too big. | 
| Mother | Ro mhòr.  Tha an fheadhainn sin nas motha. Tha an fheadhainn sin nas lugha. Feuch ort iad. A bheil iad cofhurtail?  |  Too big.  These ones are bigger. Those ones are smaller. Try them on. Are they comfortable?  |  
| Girl | Chan eil.  Tha iad ro bheag. An fheadhainn sin.  |  No.  They are too small. Those ones.  |  
| Mother | Chan eil fhios agam. | I don’t know. | 
| Girl | Tha an fheadhainn seo cofhurtail. | Those ones are comfortable. |