Buying clothes A’ ceannach aodach
How about this?Dè mu dheidhinn seo?
Look out for the following pieces of vocabulary in this clip.
cha toigh leam putain air a’ choilear I don’t like buttons on the collar
tha pòcaidean mòra oirre it has big pockets on it
Note this (oirre) would be for a feminine noun. Use air for a grammatically masculine noun.
PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
| Girl | Dè mu dheidhinn seo? | What about this? |
| Girl 2 | Cha toigh leam an stoidhle sin. Cha toigh leam an coilear. | I don’t like that style. I don’t like the collar. |
| Girl | Tha thu ceart. Tha seo nas fheàrr. Dè do bheachd air seo? | You’re right. This is better. What do you think of this? |
| Girl 2 | Tha siud sgoinneil, ’s tha pòcaidean mòra oirre cuideachd. | That’s great, and it has large pockets too. |
| Norman | An toigh leat sin? | Do you like that? |
| Iain | Cha toigh l'. Cha toigh leam putain air a’ choilear. Tha seo nas fheàrr. An toigh leat seo? | No. I don’t like buttons on the collar. This is better. Do you like this? |
| Norman | Cha toigh l'. Cha toigh leam an dath sin idir. | No. I don’t like that colour at all. |
| Iain | Dè mu dheidhinn seo? Tha seo snog, nach eil? | What about this? This is nice, isn’t it? |
| Norman | Chan eil. Chan eil càil aca. | No. They don't have anything. |
| Seonag | Madainn mhath, a Bharabal. Dè do chor an-diugh? | Good morning, Barbara. How’s your form today? |
| Barabal | Tha mi gu dòigheil. Dè do chor fhèin? | I’m fine. How’s your own form? |
| Seonag | Cor math. | Good. |
| Barabal | Tha i fliuch. | It’s wet. |
| Seonag | Tha i fliuch ’s tha i mosach gu dearbh. | It’s wet and nasty indeed. |
| Barabal | Abair ad! | What a hat! |
| Seonag | Abair ad gu dearbh! | What a hat indeed! |
| Ceitidh-Anna | Madainn mhath, a Sheònag. Madainn mhath, a Bharabal. | Good morning, Joan. Good morning, Barbara. |
| Barabal | Madainn mhath, a Cheitidh-Anna. Ciamar a tha sibh an-diugh? | Good morning, Katie-Anne. How are you today? |
| Ceitidh-Anna | Chan eil adhbhar a bhith a’ gearan. | No cause for complain. |
| Barabal | Abair ad! Càit an d’ fhuair sibh i? | What a hat! Where did you get it? |
| Ceitidh-Anna | Fhuair ann am Frasers. Mar sin leibh an-dràsta. | In Frasers. Bye for now. |
| Seonag | Mar sin leibh fhèin. Abair ad! | Bye to you too. What a hat! |