Buying clothes A’ ceannach aodach
PersonNeach
          GaelicGàidhlig
          EnglishBeurla
        | Seumas | Trobhad.  Còrdaidh e ribh. Seachd uairean. Deich mionaidean an dèidh seachd. Càit a bheil iad? Dràma Gàidhlig! Abair dràma Gàidhlig!  |  Come on.  You’ll enjoy it. Seven o’ clock. Ten minutes past seven. Where are they? Gaelic drama! So much for Gaelic drama!  |  
| Driver | Nach i a bha fiadhaich! | Wasn’t she furious! | 
| Colleague | Nach i a bha brèagha! | Wasn’t she beautiful! | 
| Woman | Ò a Cheit.  Chan eil duine ann ach thu fhèin. Bha dùil agamsa gum biodh an t-àite làn de dhaoine.  |  Oh Kate.  There’s no one but yourself. I expected that the place would be full of people.  |  
| Ceit | Bha agus agamsa, Iseabail!  Chan eil duine an seo agus chan eil fhios agam carson. Bha mi dìreach a’ dol dhachaigh.  |  So did I, Ishbel!  There’s no one here and I don’t know why. I was just going home.  |  
| Iseabail | Bidh thu sgìth.  An robh latha doirbh agad an-diugh anns an sgoil?  |  You’ll be tired.  Did you have a difficult day today at school?  |  
| Ceit | Bha.  Latha doirbh ceart gu leòr.  |  Yes.  A difficult day right enough.  |  
| Iseabail | Ach bidh seo math. ’S toigh leam fhìn dràma.  Howdie. An tusa Clint Eastwood? Trobhad, a Chlint. Trobhad dhachaigh còmhla rium.  |  But this will be good. I like drama myself. Howdie. Are you Clint Eastwood? Come on, Clint. Come home with me.  |  
| Ceit | Iseabail, tha thu math! | Ishbel, you’re good! | 
| Iseabail | Ach càit a bheil a h-uile duine eile? | But where is everyone else? | 
| Anna | Haidh Iseabail.  Ò a Cheit, tha mi duilich ach...  |  Hi Ishbel.  Oh Kate, I’m sorry but...  |  
| Iseabail | Anna, càit an robh thu? | Anne, where were you? | 
| Anna | Bha mi aig film. Bha e math. Ach bha e air gu cairteal an dèidh seachd agus thuit mi nuair a thàining mi a-mach às a’ bhus. Seall mo sgiort ùr agus mo bhrògan. Chan eil ann ach an dithis agaibh?  |  I was at a film.  It was good. But it was on till quarter past seven and I fell when I came off the bus. Look at my new skirt and my shoes. There’sjust the two of you here?  |  
| Ceit | Chan eil.  Chan eil duine eile a’ tighinn a-nis.  |  No.  No one else is coming now.  |  
| Man | Nise chunnaic mi àite coiridh nuair a bha sinn a’ tighinn.  Gheibh sinn rudeigin an sin. Chan eil an càr a bha siud air ais fhathast.  |  Now I saw a curry place when we were coming.  We can get something there. That car isn’t back yet.  |  
| Driver | Bha i fiadhaich. | She was furious. | 
| Man | Move that van will you! | Move that van will you! | 
| Iseabail | Tha mi duilich nach robh daoine gu leòr ann. | I’m sorry that there weren’t enough people. | 
| Ceit | Bidh coinneamh eile againn an ath-sheachdain.  Feumaidh sinn daoine.  |  We’ll have another meeting next week.  We need people.  |  
| Anna | Càit a bheil Maighstir Mac a’ Phì?  Tormod? An robh thu bruidhinn ris mu dheidhinn? An robh fhios aige gu bheil coinneamh ann a-nochd?  |  Where’s Mr MacPhee? Norman? Did you speak to him about it? Did he know that there is a meeting tonight?  |  
| Ceit | Bha. | Yes. | 
| Anna | Agus cha b’ urrainn dha tighinn ann? | And he couldn’t come? | 
| Ceit | Cha b’ urrainn. | No. | 
| Iseabail | Bha Tormod aig a h-uile coinneamh bho thòisich sinn. | Norman was at every meeting since we started. | 
| Anna | Bha, agus ’s e Tormod a sgrìobh an dealbh-chluich ùr. | Yes, and it was Norman who wrote the new play. | 
| Iseabail | Sgrìobh. Màiri Banrigh na h-Alba. Mary Queen of Scots. Aidh aidh. Màiri bhochd.  |  Yes.  Màiri Banrigh na h-Alba. Mary Queen of Scots. Aye, aye. Poor Mary.  |  
| Anna | An robh coinneamh eile aige a-nochd neo...? | Did he have another meeting tonight or...? | 
| Ceit | Chan eil fhios a’m.  Ach trobhadaibh an-dràsta. Nach tèid sibh a ghabhail cofaidh còmhla rium fhìn?  |  I don’t know.  But come now. Won’t you come and have a coffee with me?  |  
| Iseabail | Cha tèid mise.  Feumaidh mi a dhol air ais dhachaigh. Tha mòran rudan agam ri dhèanamh a-nochd fhathast.  |  I won’t. I have to go back home. I still have many things to do tonight.  |  
| Ceit | Cuiridh mi fhìn dhachaigh thu leis a’ chàr ma-thà. | I’ll take you home in the car then. | 
| Iseabail | Cha chuir idir! Gabhaidh mi am bus, a Cheit!  |  No you won’t.  I’ll take the bus, Kate!  |  
| Man | Ist!  Seo iad a’ tighinn!  |  Ssh!  Here they are coming!  |  
| Anna | Siud iad.  Seall orra! Dè do bheachd, a Cheit?  |  There they are. Look at them! What do you think, Kate?  |  
| Ceit | Cha toigh leam am fear bàn idir. Tha am fear eile snog ceart gu leòr. Am fear dubh.  |  I don’t like the fair-haired one at all.  The other man is nice enough. The dark-haired one.  |  
| Man | Ceit, an tè a bha cho fiadhaich, cha toigh leatha mise! | Kate, the girl who was so furious, she doesn’t like me! | 
| Anna | Ceart.  Tha mise a' dol a dhèanamh phostairean ùra le dealbhan agus sgrìobhadh mòr.  |  Ok.  I’m going to make new posters with pictures and big writing.  |  
| Ceit | Bidh sin math. ’S toigh leam na dathan sin. Tha iad brèagha. An robh sin daor?  |  That’ll be good. I like those colours. They’re lovely. Was that dear?  |  
| Anna | Daor? Ist! Chan eil an t-aodach agamsa daor idir. Tha mise gun obair, cuimhnich.  |  Dear?  Wheesht! My clothes aren’t dear at all. I don’t have a job, remember.  |  
| Ceit | A bheil thu ag iarraidh sin? | Do you want that? | 
| Anna | Chan eil. Cuiridh mi fòn thugad a-màireach...... Tha mi a' dol dhachaigh.  |  No. I’ll phone you tomorrow... I’m going home.  |  
| Ceit | Uill, oidhche mhath. | Well, good night. | 
| Anna | Oidhche mhath, a Cheit. Agus cuimhnich, can ri Tormod Mac a’ Phì gum feum e a bhith aig a’ choinneimh an ath-sheachdain.  |  Good night, Kate.  And remember, tell Norman MacPhee that he needs to be at the meeting next week.  |  
| Ceit | Canaidh.  Good night.  |  I will.  Good night.  |  
| Man | Good night. | Good night. | 
| Tormod | Halò, a Cheit. Feasgar math. Tormod an seo. A Cheit, tha mi uabhasach duilich ach, uill, chan urrainn dhomh tighinn gu coinneamh na dràma. Agus, chan urrainn dhomh tighinn a chèilidh ort a-nochd. Tha mi an dòchas gu bheil thu a’ tuigsinn. Feumaidh mi an aire a th’ ort dè tha mi a' dèanamh...  |  Hello, Kate.  Good evening. Norman here. Kate, I’m awfully sorry but, well, I can’t come to the drama meeting. And, I can’t come to visit you tonight. I hope that you understand. I have to be careful of what I am doing...  |