ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Asking about transport A’ faighneachd mu dhòighean siubhail

Has... left?An do dh'fhalbh...?

Look out for the following pieces of vocabulary in this clip.

an tàinig am bus? did the bus come?

an do dh’fhalbh am bus? did the bus leave?

an tàinig an trèan fhathast? did the train come yet?

an tàinig …? did … come?

Replies to questions beginning with an tàinig …?

thàinig yes

cha tàinig no

an do dh’fhalbh am plèan? did the plane leave?

an do dh’fhalbh …? did … leave?

Replies to questions beginning with an do dh’fhalbh …?

dh’fhalbh yes

cha do dh’fhalbh no

Video is playing in pop-over.

PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
Woman Gabhaibh mo leisgeul.
An tàinig trèan Bishopbriggs fhathast?
Tha am balach agam a’ tighinn air an trèan.
Excuse me.
Did the Bishopbriggs' train come yet?
My son is coming by train.
Train attendant Thàinig trèan à Bishopbriggs, ach bha sin aig ceithir uairean.
Chan eil càil ann an-dràsta.
A train from Bishopbriggs came, but that was at four o’ clock.
There isn’t anything just now.
Woman Tapadh leibh.
Murt mhòr!
Thank you.
Oh heck!
Traveller An do dh’fhalbh am plèan gu Steòrnabhagh fhathast? Did the plane to Stornoway leave yet?
Airport attendant Chan eil fhios agamsa. Feumaidh sibh a dhol a-null an sin. I don’t know. You need to go over there.
Traveller Tapadh leibh. Thank you.
Man An do dh’fhalbh am plèan gu Steòrnabhagh fhathast? Has the plane to Stornoway left yet?
Male staff Dh’fhalbh. Yes.
Man Och, daingit!
Dè tha mi a' dol a dhèanamh a-nis?
Och, dangit!
What am I going to do now?
Father Feasgar math. Good afternoon.
Male staff Feasgar math.
Tha mi duilich.
Tha sibh ro anmoch.
Good afternoon.
I’m sorry.
You are too late.
Father An do dh’fhalbh am plèan? Did the plane leave?
Male staff Dh’fhalbh. Yes.
Father Ach chan eil e a’ falbh gu sia uairean. But it doesn’t leave till six o’ clock.
Male staff Sia uairean deug. Sixteen hundred hours.
Daughter A dhadaidh, chan e sia uairean, ach ceithir uairean. Daddy, not six o’ clock, but four o’ clock.