FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Asking about transport A’ faighneachd mu dhòighean siubhail

Càirdeas (Friendship)Càirdeas

Consolidate what you have learnt in this episode of Càirdeas.

Video is playing in pop-over.

PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
Staff Halò.
Queen’s garage.
Cuin a thig sibh a-steach ma-thà.
Dihaoine.
Trì uairean.
Tha sin glè mhath.
Tapadh leibh ma-thà.
Chì sinn sibh.
Anna!
Dè tha thu a’ dèanamh?
Chan fhaod tu am postair a tha sin a chur air an uinneig.
Seall.
Tog am baidhsagal a-mach à seo.
Hello.
Queen’s garage.
When can you come in then?
Three o’ clock.
That’s very good.
Thank you then.
We’ll see you.
Anne!
What are you doing?
You can’t put that poster on the window.
Look.
Get the bicycle out of here.
Anna Am faod mi am fòn agad a chleachdadh?
Miss Mackay, mas e ur toil e.
Halò, a Cheit.
Chuir mi suas na postairean uile.
Agus chuir Seumas postair anns an uinneig mhòir.
Seadh, anns a’ bhùth.
Ceart.
Tìoraidh an-dràsta.
Halò, a Sheumais.
May I use your phone?
Miss Mackay, please.
Hello, Kate.
I’ve put all the posters up.
And James put a poster in the big window.
Yes, in the shop.
Ok.
Cheerio for now.
Hello, James.
Seumas Feumaidh tu sin a thoirt sìos.
Agus am baidhsagal...
You have to take that down.
And the bicycle...
Anna Carson nach robh thu aig coinneamh na dràma? Why weren’t you at the drama meeting?
Seumas Coinneamh na dràma.
Bha mise ann.
Ach cha d’ fhuair mi steach, bha an doras dùinte.
The drama meeting.
I was there.
But I couldn’t get in, the door was shut.
Anna An robh thu ann aig an uair cheart? Were you there at the right time?
Seumas Bha gu dearbh fhèin.
Bha mi ann aig seachd uairean ’s dh’fhàg mi litir aig Ceit.
Yes, definitely.
I was there at seven o’ clock and I left a letter for Kate.
Anna Ò uill.
Tha coinneamh eile ann Diardaoin.
Am bi thu a’ tighinn?
Oh well.
There’s another meeting on Thursday.
Will you be coming?
Iseabail A Chailein!
A Chailein!
Colin!
Colin!
Cailean Och, seall, a mhamaidh. Och, look, mum.
Iseabail Feuch an lioft eile, a Chailein. Try the other lift, Colin.
Iseabail Oich, oich, tha mi sgìth.
Och, a Chailein.
An tàinig an lioft fhathast, a Chailein?
Ach, a Chailein.
Oh, I’m tired.
Och, Colin.
Did the lift come yet, Colin?
But, Colin.
Removal Man Màiri Banrigh na h-Alba.
Ò tha, tha Gàidhlig gu leòr agamsa.
Mary Queen of Scots.
Oh yes, I have plenty Gaelic.
Seumas Seumas Dòmhnallach. James MacDonald.
Removal man Iain Stiùbhart.
Càit a bheil an talla sin?
Talla Taobh na h-Aibhne.
Chan eil mise eòlach air Glaschu idir.
John Stewart.
Where’s that hall?
Riverside Hall.
I don’t know Glasgow at all.
Seumas Ann am Baile a’ Ghobhainn.
Chan eil e fada air falbh.
Gheibh thu bus a-muigh an sin.
In Govan.
It isn’t far away.
You can get a bus outside there.
Iain Dè cho fada ’s a tha am bus a’ toirt? How long does the bus take?
Seumas Deich mionaidean.
Fichead mionaid.
A bheil thu airson a dhol chun na coinneimh?
Ten minutes.
Twenty minutes.
Do you want to go to the meeting?
Iain ’S dòcha.
Am bi thu fhèin a’ dol ann?
Maybe.
Will you be going yourself?
Seumas Chan eil fhios a’m.
A bheil thusa a' dol a cheannach càr?
I don’t know.
Are you going to buy a car?
Iseabail Seall, a Cheit.
Duine ùr.
Look, Kate.
A new person.
Anna Chunnaic mise an duine ud.
Ach càite?
I saw that man.
But where?
Ceit Trobhad a-steach.
Gluais gu àite ùr.
Mr Stewart?
Oh, I’m awfully sorry, I didn’t recognise you.
I didn’t think you would be interested...em, this is a Gaelic drama group.
Come in.
Move to a new position.
Mr Stewart?
Oh, I’m awfully sorry, I didn’t recognise you.
I didn’t think you would be interested...em, this is a Gaelic drama group.
Iain Tha fios agam. I know.
Ceit Tha Gàidhlig agad?
Ò mo chreach!
Ò mo chreach!
Siuthad!
You speak Gaelic?
Oh my goodness!
Oh my goodness!
Go on!
Anna Gabh mo leisgeul. Excuse me.
Seumas Nach tèid sinn a ghabhail glainne làgair ma-thà? Let’s go and have a glass of lager then?
Ceit Iain, tha an càr agam, a bheil thu airson tighinn...? John, I have the car, do you want to come?
Seumas Tha Iain a’ dol còmhla rium fhìn gus am faic e an càr spaideal agamsa.
Chì sinn a-rithist thu.
John is going with me so he can see my slick car.
We’ll see you again.