ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Making comparison A’ dèanamh coimeas

BiggerNas motha

Look out for the following pieces of vocabulary in this clip.

an fheadhainn sin those ones

an fheadhainn seo these ones

Video is playing in pop-over.

PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
Attendant Fuirich!
Chan fhaod thu dhol suas an sin.
Wait!
You can’t go up there.
Boy Carson? Why?
Attendant Tha thu ro bheag. You’re too small.
Boy Ach chaidh Calum suas...agus tha esan nas lugha na mise. But Calum went up...and he is smaller than me.
Attendant Trobhad gus am faic sinn ma-thà. Seall sin.
Tha thu ro bheag.
Come so we see then. Look at that.
You’re too small.
Boy Feumaidh mi a dhol suas.
Chaidh Calum suas ’s tha mise nas motha na esan.
I have to go up.
Calum went up and I’m bigger than he is.
Mother Ciamar a tha an fheadhainn sin? How are those ones?
Girl Tha iad ro mhòr. They are too big.
Mother Ro mhòr.
Tha an fheadhainn sin nas motha.
Tha an fheadhainn sin nas lugha.
Feuch ort iad.
A bheil iad cofhurtail?
Too big.
These ones are bigger.
Those ones are smaller.
Try them on.
Are they comfortable?
Girl Chan eil.
Tha iad ro bheag.
An fheadhainn sin.
No.
They are too small.
Those ones.
Mother Chan eil fhios agam. I don’t know.
Girl Tha an fheadhainn seo cofhurtail. Those ones are comfortable.