ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Making comparison A’ dèanamh coimeas

ShorterNas giorra

Look out for the following pieces of vocabulary in this clip.

nas fhaide longer

nas giorra shorter

tha … nas fhaide na … ... is longer than …

tha … nas giorra na … ... is shorter than …

a bheil … nas fhaide na …? is … longer than …?

a bheil … nas giorra na …? is... shorter than …?

Video is playing in pop-over.

PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
Rhoda MacDonald Nas giorra. Shorter.
Woman 1 A bheil thu ga iarraidh nas fhaide na sin? Do you want it longer than that?
Woman 2 Chan eil fhios agam.
Tha i s' coimhead fada gu leòr.
I don’t know.
It looks long enough.
Woman 1 Cuir ort do bhrògan gus am faic mi. Put your shoes on till I see.
Woman 2 Ciamar a tha sin? How is that?
Woman 1 Chan eil thu ga iarraidh nas fhaide co-dhiù. You don’t want it longer anyway.
Mother Tha sin math. That’s good.
Hairdresser A bheil e goirid gu leòr? Is it short enough?
Mother Tha. Yes.
Hairdresser Agus dè cho fad ’s a tha sibh ga iarraidh aig a’ chùlaibh?
Sìos chun a’ choileir?
And how long do you want it at the back?
Down to the collar?
Mother Nas giorra na sin. Shorter than that.
Woman Thig air ais agus feuch ort an tè ghorm seo.
Tha i ro fhada, seall.
Tha an tè seo nas giorra.
Siuthad. Greas ort.
Come back and try on this blue one.
It’s too long, look.
This one is shorter.
Go on.
Hurry up.
Wife Iain? John?
Iain Dè? What?
Wife Cha tig am fòn a-steach dhan chidsin.
Am faod sinn uèir nas fhaide fhaighinn?
The phone won’t come into the kitchen.
May we get a longer wire?
Iain Faodaidh.
Gheibh mi uèir ùr nuair a thèid mi sios am baile feasgar.
Yes.
I’ll get a new wire when I go down town in the afternoon.
Wife Ò, tha sin mòran nas fhaide. Oh, that’s much longer.
Iain A bheil e fada gu leòr? Is it long enough?
Wife Ò, tha gu dearbh. Oh, definitely.