ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Talking about things you enjoy A’ bruidhinn mu rudan a tha a’ còrdadh riut

How is he enjoying that?Ciamar a tha sin a' còrdadh ris?

Look out for the following pieces of vocabulary in this clip.

a bheil e a’ còrdadh riut? are you enjoying it? / do you like it?

a bheil sin a’ còrdadh riut? are you enjoying that? / do you like that?

tha … a’ còrdadh rium I am enjoying …

tha seo a’ còrdadh rium I am enjoying this

tha e a’ còrdadh ris he is enjoying it

Remember that i refers to a grammatically feminine gendered object.

chan eil … a’ còrdadh rium I am not enjoying …

chan eil seo a’ còrdadh rium I am not enjoying this

ciamar a tha sin a’ còrdadh ris? how is he enjoying that? / how does he like that?

chan eil e a’ còrdadh ris idir he is not enjoying it at all / he does not like it at all

tha m’ athair air a dhreuchd a leigeil dheth my father has retired (literally: my father has given up his job)

chan eil e a’ còrdadh ri mo mhàthair nas mò my mother isn’t enjoying it either

Video is playing in pop-over.

PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
Mother A bheil an latha a’ còrdadh riut, a ghràidh? Are you enjoying the day, dear?
Daughter 1 Tha gu dearbh.
Tha e dìreach sgoinneil.
Indeed.
It’s just great.
Mother Dè tha sibh airson a dhèanamh a-nis? What do you want to do now?
Daughter 2 Tha mise airson a dhol air an Skydiver. I want to go on the Skydiver.
Daughter 1 Tha ’s mise. Me too.
Father Dè mu dheidhinn seo an toiseach? What about this first?
Stallkeeper Candy Floss? Candy Floss?
Mother A dhà, mas e ur toil e. Two, please.
Staff Siuthadaibh. On you go.
Mother Seo a-nis.
Tha mi an dòchas gun còrd sin riut.
Seo, a ghaoil.
Here you are now.
I hope that you enjoy that.
Here you are, dear.
Daughters Tapadh leibh. Thank you.
Daughter Trobhadaibh a Dhadaidh.
Tiugainnibh air an Skydiver.
Come on Daddy.
Come on the Skydiver (with us).
Parent 1 Tapadh leat.
Siuthad ma-thà.
Thalla is cluich.
Thank you.
On you go then.
Away and play.
Parent 2 Dè an aois a tha i? How old is she?
Parent 1 Tha i sia bliadhna.
Tha i ann an clas trì.
She’s six years old.
She’s in class three.
Parent 2 Nach i a tha mòr. Isn’t she big!
Parent 1 Tha. tha nighean eil’ agam ’s tha is’ ann an clas a sia. Yes. I have another daughter and she’s in class six.
Parent 2 A bheil gu dearbh? Is she indeed?
Parent 1 Tha. Yes.
Parent 2 Chan eil agam ach aon bhalach.
Seumas.
Sin e, thall an sin.
Seo a’ chiad latha aige anns an sgoil.
I only have one boy. James.
That’s him, over there.
This is his first day at school.
Parent 1 An e?
Uill, tha mi an dòchas gun còrd an sgoil ris.
Is it?
Well, I hope that he enjoys the school.
Parent 2 Tha i a’ còrdadh ris an-dràsta co-dhiù. He’e enjoying it just now anyway.
Mother Tha seanair dìreach a’ dol a dh’ iarraidh a’ pheinnsein aige. Grandad is just going to get his pension.
Woman Peinnsean?
Bha dùil agam gun robh e air saor-làithean?
Pension?
I thought that he was on holiday?
Mother Chan eil.
Tha m’ athair air a dhreuchd a leigeil dheth.
No.
My father is retired.
Woman Ciamar a tha sin a’ còrdadh ris? How is he enjoying that?
Mother Aig an taigh fad’ an latha?
Chan eil e a’ còrdadh ris idir.
Agus chan eil e a’ còrdadh ri mo mhàthair nas mò.
At home all day long?
He isn’t enjoying it at all.
And my mother isn’t enjoying it either.