ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Talking about what you ought A’ bruidhinn mu dè bu chòir dhut a dhèanamh

You'd be better to...'S fheàrr dhut...

Look out for the following pieces of vocabulary in this clip.

’s fheàrr dhomh … I’d better…

’s fheàrr dhut … you’d better…

’s fheàrr dhuibh … you’d better… (plural/polite)

’s fheàrr dhuibh a dhol dhachaigh you’d better go home (plural/polite)

’s fheàrr dhomh a dhol a dh’fhaighinn cuideachadh I’d better go and get help

’s fheàrr dhut do shùil a chumail air an aimsir you’d better keep your eye on the weather

sùil a chumail keep an eye

Video is playing in pop-over.

PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
Manager Thig a-steach. Come in.
Màiri Siuthadaibh.
Òlaibh seo.
On you go.
Drink this.
Manager Tapadh leat, a Mhàiri. Thank you, Mary.
Màiri Mo chreach.
Tha sin uabhasach.
Bu chòir dhuibh a bhith anns an leabaidh.
My goodness.
That’s awful.
You should be in bed.
Manager Tha mi ceart gu leòr. I’m alright.
Màiri Chan eil idir.
’S fheàrr dhuibh a dhol dhachaigh.
Not at all.
You’d better go home.
Manager Chan urrainn dhomh a dhol dhachaigh.
Tha mi fada ro thrang.
I can’t go home.
I am far too busy.
Màiri ’S urrainn dhomh fhèin sin a dhèanamh.
Siuthadaibh.
’S fheàrr dhuibh a dhol dhachaigh.
I can do that myself.
On you go.
You’d better go home.
Man 1 A bheil sin goirt? Is that painful?
Man 2 Daingead!
Tha.
Dangit!
Yes.
Man 1 Tha mi a' smaoineachadh gu bheil i briste.
Cha bu chòir dhuibh gluasad.
Cuiribh siud timcheall oirbh is cumaibh sibh fhèin blàth.
I think that it is broken.
You shouldn’t move.
Put this around yourself and keep yourself warm.
Man 2 Tha i goirt. It’s sore.
Man 1 ’S fheàrr dhomh dhol a dh’fhaighinn cuideachadh. I’d better go and get help.
Man 2 Na bithibh fada. Don’t be long.
Man 1 Cha bhi. I won’t.
Radio Gale force 9 expected at 15:00 BST in sea area Hebrides.
That is the end of the gale warning.
Gale force 9 expected at 15:00 BST in sea area Hebrides.
That is the end of the gale warning.
Man 1 ’S fheàrr dhut do shùil a chumail air an aimsir.
Tha iad ag ràdh gum bi gèile ann feasgar.
You’d better keep an eye on the weather.
They say that there will be a gale in the afternoon.
Man 2 Chuala mi sin. I heard that.
Man 1 Fàg an rèidio agad air. Leave your radio on.
Man 2 Fàgaidh.
’S fheàrr dhomh falbh ma-thà.
I will.
I’d better go then.