ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Talking about what you ought A’ bruidhinn mu dè bu chòir dhut a dhèanamh

He was injured badlyChaidh a ghoirteachadh gu dona

Look out for the following pieces of vocabulary in this clip.

chaidh a lorg gu furasta she was found easily

Video is playing in pop-over.

PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
News reader Chaidh fireannach a mharbhadh agus fear eile a ghoirteachadh gu dona faisg air an M74 an-diugh anns a’ mhadainn.
Chaidh trì càraichean far an rathaid faisg air Motherwell.
A man was killed and another badly injured near the M74 today in the morning.
Three cars went off the road near Motherwell.
Husband Tubaist eile air an M74. Another accident on the M74.
Wife Mo chreach ’s a thàinig.
Bu chòir dhut a bhith gu math faiceallach nuair a thig thu sìos a Charlisle a-nochd.
Oh my goodness me.
You should be careful when you come down to Carlisle tonight.
Husband Bu chòir. Yes.
Newsreader Tha an aimsir a th’ againn an-dràsta a’ dèanamh nan rathaidean glè chunnartach, agus gum bu chòir do dhràibhearan a bhith gu math faiceallach.
Chaidh an duine a chaidh a ghoirteachadh a thoirt gu Ospadal Hairmyres ann an Cille Bhrìghde an Ear.
Chaidh boireannach a shàbhaladh an-dè ann an Gleann Comhann.
Chaidh Anna NicLeòid à Dùn Dè a ghoirteachadh nuair a thuit i ann a bhith a’ dol suas Bidean nam Beann.
The weather we have just now is making the roads very dangerous, and that drivers should be very careful.
The injured man was taken to Hairmyres Hospital in East Kilbride.
A woman was rescued yesterday in Glencoe.
Anna MacLeod from Dundee was injured when she fell going up Bidean nam Beann.
Wife A thì, cha bu chòir daoine a bhith a’ dol suas an sin nuair a bhios droch aimsir ann. My god, people shouldn’t go up there when there’s bad weather.
Husband Fuirich. Hold on.
News reader Gu fortanach, dh’fhàg a’ Bhean NicLeòid fios càit an robh dùil aic’ a dhol, agus chaidh a lorg gu furasta. Fortunately, Mrs MacLeod left information of where she was planning to go, and she was found easily.