ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Talking about what you ought A’ bruidhinn mu dè bu chòir dhut a dhèanamh

Càirdeas (Friendship)Càirdeas

Consolidate what you have learnt in this episode of Càirdeas.

Video is playing in pop-over.

PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
Tormod A Shìne, dè tha thu a’ dèanamh? Jean, what are you doing?
Sìne Tha mi a’ falbh. I’m leaving.
Tormod Tha mi a’ faicinn sin ach càit a bheil thu a’ dol? I see that but where are you going?
Sìne A-nochd, tha mi a’ dol gu taigh mo mhàthar.
Agus a-màireach sa mhadainn, tha mi a’ dol a bhruidhinn ri fear-lagha.
Tonight, I’m going to my mother’s house.
And tomorrow in the morning, I am going to speak to a lawyer.
Tormod A bheil thu ceart gu leòr? Are you alright?
Sìne Tha, tapadh leat. Yes, thank you.
Tormod Agus dè mu dheidhinn Fionnlagh agus Deirdre? And what about Finlay and Deirdre?
Sìne Bidh iad ceart gu leòr còmhla ri mo mhàthair airson latha no dhà.
Gabh mo leisgeul.
Feumaidh tu an càr agad a thoirt a-mach.
They will be alright with my mother for a day or two.
Excuse me.
You need to take your car out.
Tormod Chan eil an cù a’ falbh! The dog isn’t leaving!
Sìne Tha.
Bidh Fionnlagh agus Deirdre ga iarraidh.
Uill, mar sin leat, a Thormoid.
Yes.
Finlay and Deirdre will want him.
Well, see you, Norman.
Tormod A Shìne! Jean!
Ceit Cò th’ ann? Who’s there?
Iain Mise, Iain.
Chan eil e gu diofar.
Thig mi air ais feasgar.
Seo an iuchair.
Iuchair an talla.
Me, John.
It doesn’t matter.
I’ll come back in the afternoon.
Here’s the key.
The hall key.
Ceit Trobhad a-steach.
A bheil thu ag iarraidh cofaidh?
Come in.
Do you want a coffee?
Iain Chan eil, tapadh leat.
Tha thu trang.
No, thank you.
You’re busy.
Ceit Trang?
Chan eil Tormod an seo.
Cha robh, agus cha bhi.
Tha e seachad, sin e, seachad.
Nach gabh thu cupa cofaidh a-nis, mas e do thoil e?
Busy?
Norman isn’t here.
He hasn’t been, and he won’t be.
It’s over, that’s it, over.
Won’t you have a cup of coffee now, please?
Iain Cupa beag, ma-thà. A small cup, then.
Norman Seadh.
Deirdre!
Halò, m’ eudail.
Agus ciamar a tha a’ phiseag bheag aig dadaidh an-diugh?
Ò, m’ eudail, tha mi duilich.
Ach, a ghaoil, tha mamaidh ceart.
Bu chòir dhut a dhol dhan sgoil.
Chan eil.
Tha mamaidh ceart.
Nis, a Dheirdre, thalla is cuir ort d’ aodach no bi dadaidh crosta.
Am faod mi bruidhinn ri mamaidh, a Dheirdre?
Yes.
Deirdre!
Hello, darling.
And how is daddy’s little kitten today?
Oh, darling, I’m sorry.
But, love, mummy is right. You should go to school.
No.
Mummy is right.
Now, Deirdre, go and get dressed or daddy will be angry.
Can I speak to mummy, Deirdre?
Iain An do chuir thu siùcar ann? Did you put sugar in it?
Ceit Cha bu chòir dhut a bhith a' gabhail siùcar. You shouldn’t be taking sugar.
Iain Nis, a Cheit.
Nach eil thu a’ dol a dh’obair?
Seall an uair.
Tha an sgoil a’ dol a-steach ann an leth-uair eile.
Now, Kate.
Aren’t you going to work?
Look at the time.
The school goes in in another half an hour.
Ceit Chan eil.
Chan urrainn dhomh a bhith ag obair còmhla ri Tormod.
No.
I can’t work with Norman.
Iain A bheil thu airson bruidhinn mu dheidhinn? Do you want to talk about it?
Ceit Chan eil an-dràsta.
A bheil fhios agad dè tha mi a' dol a dhèanamh an-diugh?
Tha mi a' dol suas dhan ospadal.
Tha seann bhoireannach às an Eilean Sgitheanach air a bhith san Western airson seachdain is chan fhaca mi fhathast i.
Tha mi air a bhith cho trang.
Ceart?
Not just now.
Do you know what I’m going to do today?
I’m going up to the hospital.
There’s an old woman from the Isle of Skye who’s been in the Western for a week and I haven’t seen her yet.
I have been so busy.
Right?
Iain Ceart.
Ach bu chòir dhut fònadh dhan sgoil an toiseach.
Right.
But you should phone the school first.
Ceit Tìoraidh Iain.
Agus tapadh leat.
’S e caraid math a th’ annad.
Cheerio Iain.
And thank you.
You are a good friend.
Iain Tìoraidh. Cheerio.