ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Telling people things Ag innse rudan do dhaoine

I'm not going to tell youChan eil mi a' dol a dh'innse dhut

Look out for the following pieces of vocabulary in this clip.

a bheil thu a’ dol a dh’innse dha? are you going to tell him?

chan eil mi a’ dol a dh'innse dhut I’m not going to tell you

tha mi a’ dol a dh’innse dhi I’m going to tell her

a-riamh ever

a bheil thu a’ dol a dh’innse dhomh …? are you going to tell me …?

… far a bheil e … where it is

… cò bh’ ann … who was there

Video is playing in pop-over.

PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
Norman Oidhche mhath, m’ eudail.
Chì mi a-màireach thu.
Good night, darling.
I will see you tomorrow.
FeIain B’ fheàrr leam gun robh thu a’ tighinn dhachaigh còmhla rium a-nochd. I would prefer that you were coming home with me tonight.
Norman Ò, cha bhi e fadadh’innse , m’ eudail. Oh, it won’t be long, darling.
Seònag A bheil thu a’ dol a dh’innse dha? Are you going to tell him?
Norman Ò tha, m’ eudail.
Tha.
Oh yes, darling.
Yes.
Seònag Tha thu ag ràdh sin a h-uile h-oidhche.
Cuin a tha thu a' dol a dh’innse dha?
You say that every night.
When are you going to tell him?
Norman A-màireach, m’ eudail.
A-màireach.
Oidhche mhath, a-nis.
Tomorrow darling.
Tomorrow.
Good night, now.
Iain Uill, dè tha thu a' dol a dh’innse dhomh? Well, what are you going to tell me?
Norman Tha mi a' dol a dh’innse dhut mu dheidhinn Oisean am Bàrd Èireannach agus sgrìob a thug e gu Tìr nan Òg. I’m going to tell you about Ossian the Irish Poet and the trip he took to The Island of the Young.
Interviewer Agus càit an deach sibh air saor-làithean an-uiridh? And where did you go on holiday last year?
Woman Cha robh mi air falbh idir.
Dh’fhuirich mi aig an taigh.
I wasn't away at all.
I stayed at home.
Interviewer Càit am bu toigh leibh a dhol am-bliadhna? Where would you like to go this year?
Woman Chan eil fhios agam.
Scarborough no Blackpool.
I don’t know.
Scarborough or Blackpool.
Interviewer An robh sibh a-riamh thall thairis?
Anns an Fhraing, no...?
Were you ever abroad?
In France, or...?
Woman Mise?
Cha robh.
Me?
No.
Interviewer Agus dè an aois a tha sibh? And how old are you?
Woman Dè an aois a tha mi?
Chan eil mi a’ dol a dh’innse sin dhut, a bhalaich!
How old am I?
I’m not going to tell you that, boyo!
Brother 1 A bheil thu ag iarraidh reòiteag? Do you want an ice cream?
Brother 2 Tha, ach chan eil airgead agam. Yes, but I don’t have money.
Brother 1 Tha airgead aig granaidh. Granny has money.
Brother 2 Tha granaidh na cadal. Granny is asleep.
Brother 1 Tha mi a' dol a dh’innse dhi. I’m going to tell her.
Granny Chan eil càil ann co-dhiù. There isn’t anything in it anyway.