FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Talking about job prospects A’ bruidhinn mu chothroman cosnaidh

Càirdeas (Friendship)Càirdeas

Consolidate what you have learnt in this episode of Càirdeas.

Video is playing in pop-over.

PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
Iain A bheil thu cinnteach gur e seo an seòrsa àite a tha thu a’ lorg? Are you sure that this is the sort of place that you are looking for?
Anna Tha mi cinnteach.
Thugainn a-steach.
Tha mi airson na rudan seo a reic.
I’m sure.
Let’s go in.
I want to sell these things.
Man An e thu fhèin a rinn iad? Did you make them yourself?
Anna ’S e. Yes.
Man Tha iad air an dèanamh gu math.
An d’ fhuair thu trèanadh sam bith?
They are well made.
Did you receive any training?
Anna Fhuair.
Rinn mi ealain anns a’ cholaiste ann an Dùn Dè.
Yes.
I did art in the college in Dundee.
Man B’ urrainn dhomh rudan mar seo a reic gun dragh sam bith.
Dè a’ phrìs a tha iad?
Agus dè cho luath ’s a b’ urrainn dhut feadhainn eile a dhèanamh?
I could sell things like these without any trouble.
What price are they?
And how soon could you make some others?
Iain Gabh mo leisgeul, Anna?
Am b’ urrainn dhut fàinne mar seo a dhèanamh?
Excuse me, Anne?
Could you make a ring like this?
Anna Cha b’ urrainn. No, I couldn’t.
Iain Uill, feumaidh mi a cheannach dhut, ma-thà.
Am pòs thu mi?
Well, I must buy it for you then.
Will you marry me?
Anna A bheil thu beairteach?
Bha mi ag iarraidh fear beairteach.
Are you rich?
I wanted a wealthy man.
Iain Tha mi beairteach. I am wealthy.
Anna Ceart ma-thà.
Pòsaidh mi thu.
Ach tha mi trang an-dràsta.
Right then.
I’ll marry you.
But I’m busy just now.
Iseabail Ò tha, a Cheit.
Tha an obair seo a’ còrdadh rium glè mhath.
’S e cothrom uabhasach math a bh’ ann dhomh.
A-nise, oidhche Haoine.
Tha an talla saor oidhche Haoine airson Seumas.
Bidh sin dìreach sgoinneil.
Seachd uairean.
Glè mhath.
Tìoraidh ma-thà, a Cheit.
Tha partaidh gu bhith aig Comann na Dràma oidhche Haoine.
partaidh airson Seumas.
Oh yes, Kate.
I’m enjoying this job very much.
It was a brilliant opportunity for me.
Now, Friday night.
The hall is free on Friday night for James.
That will be just great. Seven o’ clock.
Very good.
Cheerio then, Kate.
The Drama Society is going to have a party on Friday night.
A party for James.
Ceit Nach bi sibh sàmhach airson mionaid.
Tha rud no dhà agam ri ràdh.
’S e a’ chiad rud, cho toilichte ’s a tha sinn gu bheil Seumas air ais còmhla rinn.
Tha Iain agus Anna a’ dol a phòsadh. Iain, a ghràidh, a bheil thu glic?
Agus tha sinn airson fàilte a chur air Catrìona NicGobha, a tha a’ tighinn dhan dràma airson a’ chiad uair.
Tha Catrìona à Ìle.
Agus fàilte cuideachd air Murchadh MacPhàil à Tiriodh.
Tha sinn uile toilichte d’ fhaicinn, a Mhurchaidh.
Agus meal do naidheachd-sa, Iseabail.
Fhuair Iseabail obair mar rùnaire anns an talla seo.
A bheil sin a’ ciallachadh gun cùm thusa am buidheann dràma a’ dol, Iseabail?
Can you all be quiet for a minute.
I have one or two things to say.
The first thing, is how happy we are that James is back with us.
John and Anne are going to marry.
John, dear, are you wise?
And we want to welcome Katrina MacGovern, who is coming to the drama for the first time.
Katrina’s from Islay.
And welcome also to Murdo MacPhail from Tiree.
We are all happy to see you, Murdo.
And congratulations, Ishbel.
Ishbel got a job as secretary for this hall.
Does that mean that you will keep the drama group going, Ishbel?
Iseabil Ò, cumaidh, gu dearbh, a Cheit.
Ach nach eil deagh naidheachd agad fhèin?
Nach d’ fhuair thusa obair ùr cuideachd?
Oh, yes, indeed, Kate.
But don’t you have good news yourself?
Didn’t you get a new job too?
Ceit Fhuair mi obair ann an Tiriodh.
’S e cothrom math a th’ ann.
Ach, chan eil mi cinnteach fhathast.
Chan eil mi cinnteach idir.
I got a job in Tiree.
It’ s a good opportunity.
But, I’m not sure yet.
I’m not sure at all.
Phone female voice Halò, Càirdeas. Hello, Càirdeas.
Iain Bha mi airson a' faighinn a-mach mu dheidhinn Càirdeas.
Dè an seòrsa dhaoine a tha sibh a’ lorg?
Dè an trèanadh a bhiodh ann?
Bu toigh leam a bhith ag obair dhuibh nam biodh sibhse gam iarraidh.
I was wanting to find out about Càirdeas.
What sort of people are you looking for?
What training would there be?
I would like to work for you if you want me.
Phone female voice Glè mhath.
Cò às a tha thu?
Very well.
Where are you from?
Iain Uill, tha mi à Uibhist.
Thàinig mi a Ghlaschu bho chionn sia mìosan.
Agus an toiseach, cha robh mi eòlach air duine sam bith.
Gu fortanach, rinn mi deagh charaidean an seo.
Ach tha tòrr dhaoine eile nach eil cho fortanach.
Chòrdadh e rium a bhith faighinn cothrom gus daoine mar sin a chuideachadh.
Well, I’m from Uist.
I came to Glasgow six months ago.
And at first, I didn’t know anyone.
Fortunately, I made good friends here.
But there are many oher people who are not so fortunate.
I would enjoy getting a chance to help people like that.