FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Using 'bho' with personal pronouns U' cleachdadh 'bho' le riochdairean pearsanta

Bho: From

We often use the preposition bho with a pronoun (e.g. I, you, it), to give us phrases such as “from me” and “from you”. In Gaelic this sentence structure is different as prepositions can join with pronouns to give us a new word. They are called prepositional pronouns. ’S tric a chleachdas sinn roimhearan (me bho) còmhla ri riochdairean (mi, thu, e/i) airson abairtean leithid “bhuam” agus “bhuat” a thoirt dhuinn. Chan ionnan an structar seo ri seantansan anns a’ Bheurla a chionn ’s gum faighear facal ùr Gàidhlig nuair a thig roimhear agus riochdair ri chèile. ’S e roimhearan riochdail a chanar riutha seo.

English Gàidhlig Audio
from bho <))

A few examples Mar eisimpleir

BHO (from) + MI (I/me) = BHUAM, = “from me”

BHO (from) + THU (you) = BHUAT, = “from you”

For most prepositions there is a list of seven prepositional pronouns. Don’t worry - this sounds scarier than it actually is! Why not learn the lists like a times table? They’re used so often in conversation that you’ll have them sussed in no time. Here's the table for bho (from). Anns a’ chumantas tha liosta de sheachd roimhearan riochdail aig roimhearan. Na gabh dragh – chan eil a’ chùis idir cho eagalach ’s a shaoileadh tu! Nach ionnsaich tu na liostaichean mar chlàr nan uireadan? Bithear gan cleachdadh tric ’s minig ann an còmhradh ’s gum bi iad air do theangaidh an ceartair. Seo an clàr airson bho.

AudioÈist
from + I / me bho + mi bhuam <))
from + you bho + thu bhuat <))
from + him / it bho + e bhuaithe <))
from + her / it bho + i bhuaipe <))
from + us bho + sinn bhuainn <))
from + you (plural/polite) bho + sibh bhuaibh <))
from + them bho + iad bhuapa <))

ExamplesEisimpleirean

English Gàidhlig Audio
here is a letter from us seo litir bhuainn <))
it smells tha fàileadh bhuaithe <))

If you wish to use a person’s name: Ma bhios tu airson ainm duine a chleachdadh:

English Gàidhlig Audio
here is a letter from Rachel seo litir bho Raonaid <))
Iain smells tha fàileadh bho Iain <))

bho and o will lenite the following noun: Sèimhichidh bho agus o an t-ainmear a thig na dhèidh:

English Gàidhlig Audio
from a teacher bho thidsear <))