Bha mi ag innse dhuibh an t-seachdain sa chaidh mun chiad charbad Albannach
a bha riamh anns an Antartaig. An t-seachdain seo tha mi airson innse
dhuibh mu fhear Albannach a tha cliùiteach airson a bhith an sàs ann an
rannsachadh na h-Antartaig. B’ esan Uilleam Speirs Brus, agus tha
eachdraidh gu math inntinneach.
Bha athair Bhruis na Albannach ach rugadh Uilleam fhèin ann an Lunnainn,
agus chaidh e gu sgoil ann an Sasainn. Aig aois fichead, ann an ochd ceud
deug, ochdad ʼs a seachd (1887), chaidh e a dh’Alba airson cùrsaichean
foghlaim a dhèanamh ann an saidheans nàdarrach. Agus dh’fhuirich e ann. Ghabh e ùidh mhòr ann an saidheans na mara.
Ann an ochd ceud deug, naochad ʼs a dhà (1892), chaidh am Brusach gu ruige
Na h-Eileanan Fàclannach. Bha e ann an cabhlach de cheithir soithichean a
dh’fhàg Dùn Dè. Bha iad airson rannsachadh a dhèanamh air mar a ghabhadh
gnìomhachas sealg nam mucan-mara a chur air dòigh anns a’ Chuan a Deas. Cha
robh iad soirbheachail. Cha do lorg iad mucan-mara gu leòr. Ach chòrd an
t-àite gu mòr ri Brus.
ʼS e Comann Rìoghail a’ Chruinn-eòlais a chuir ann e, agus dh’iarr Brus
orra taic a thoirt dha airson triall saidheansail gu South Georgia. Ach
dhiùlt iad taic a thoirt dha.
Thairis air a’ gheamhradh is earrach ann an ochd ceud deug, naochad ʼs a
còig gu sia (1895-6), bha Brus ann an àite fuar sneachdach. Ge-tà, cha robh
e anns an Antartaig. Chuir e seachad an ùine sin air mullach Beinn Nibheis
far an robh stèisean airson an aimsir a thomhas. An dèidh sin, bha e ann am Franz Josef Land anns an Artaig, far an d’ fhuair e eòlas air an
rannsaiche phòlach Nirribheach, Fridtjof Nansen. Chaidh rubha air fear de
na h-eileanan ainmeachadh airson a’ Bhrusaich – mar Cape Bruce.
An dèidh sin, bha e air ais ann an Dùn Èideann agus air cuairt-mhara eile
anns an Artaig. Anns a’ bhliadhna naoi ceud (1900), leig e seachad an
cothrom a dhol don Antartaig mar eòlaiche-nàdair cuide ri Raibeart Scott.
Bha dà adhbhar aige airson sin. Bha e airson a bhith os cionn buidheann e
fhèin. Agus cha robh ùidh sam bith aige ann a bhith a’ faighinn chun a’
Phòla a Deas. ʼS e rannsachadh saidheansail a bha fa-near dha.
Phòs e tè Seasaidh NicCoinnich, agus tha e coltach gun robh a’ bhanais ann
an Ros an Ear, ach chaidh iad a dh’fhuireach ann an Joppa, faisg air Dùn
Èideann. Anns na bliadhnaichean sin, chuir Brus air chois Club Sgithidh na
h-Alba, agus Sutha Dhùn Èideann.
Dhiùlt Comann Rìoghail a’ Chruinn-eòlais taic airgid do Bhrus airson triall
Antartaigeach a chur air dòigh. Mar sin, thog e airgead dha fhèin, ann an
Alba, le tòrr dheth a’ tighinn bho na bràithrean Coats, aig an robh
gnìomhachas cotain. Cheannaich iad long Nirribheach agus rinn iad obair
oirre gus an robh i deiseil gus seòladh chun na h-Antartaig. Chuir iad ainm
ùr oirre – an Scotia. Bha iad moiteil asta fhèin gun robh gnothach
uile-gu-lèir Albannach aca. Bha a h-uile duine air bòrd Albannach, agus b’
e ainm oifigeil an triall The Scottish National Antarctic Expedition.
Dh’fhàg iad An t-Sròn san t-Samhain, naoi ceud deug ʼs a dhà (1902). Agus
innsidh mi dhuibh mar a chaidh dhaibh an-ath-sheachdain.