Bha mi a’ bruidhinn mu dheidhinn nan carbadan Argyll, a bh’ air an togail
ann an Alba o chionn còrr is ceud bliadhna. Cha b’ e sin an aon chompanaidh
Albannach a bha a’ togail chàraichean mun àm sin. Mar eisimpleir, bha an
Arrol-Johnston ann. Bha sin air a thogail le Seòras MacIain ann an Glaschu.
Ann an ochd ceud deug, naochad ʼs a sia (1896), chaidh càin a chur air
Seòras airson a bhith a’ dràibheadh carbad ann am meadhan Ghlaschu. Bha e
an aghaidh an lagh an uair sin!
Tha mi airson innse dhuibh mu aon charbad a thog Arrol-Johnston. B’ e sin
am fear a thug Ernest Shackleton leis don Antartaig ann an naoi ceud deug
ʼs a seachd (1907) air ‘Triall an Nimrod’. B’ e an Nimrod an soitheach-mara
aca. ʼS e mo thuigse gum b’ e càr Albannach a’ chiad chàr riamh a chuir a
chuibhlichean air sneachd na h-Antartaig. Ma tha sibh airson dealbhan
fhaicinn dheth, gheibh sibh sin air an eadar-lìon.
Chan e càr àbhaisteach a bh’ ann. Bha einnsean ceithir-siolandair aige, a
bha a’ dèanamh suas ri còig horsepower deug. Ach, eucoltach ris a’
chuid as motha de charbadan, bha an t-einnsean air fhionnarachadh le
èadhar, seach uisge. Bha e air a bhith do-dhèanta
rèididheatar làn uisge a chumail bho bhith a’ reothadh ann am fuachd na
h-Antartaig.
Chaidh seacaid a thogail timcheall a’ chàrbradair. Chaidh na gasaichean
traoghaidh à aon siolandair a chur tron t-seacaid airson an càrbradair a
bhlàthachadh. Chaidh na gasaichean bho na siolandairean eile a chur tro
chiùineadair-fuaim a bha cuideachd na theasadair-coise don dràibhear.
Thug an sgioba aig Shackleton ola shònraichte leotha nach biodh a’
reothadh. Thug iad tòrr phàirtean spèir aca, agus grunn seòrsaichean
chuibhlichean.
Ach saoil an robh an carbad soirbheachail? Airson an fhìrinn innse, cha
robh. Anns a’ chiad dol a-mach, bha e ro throm. Thug iad a
h-uile rud dheth ach a-mhàin a chassis agus aon suidheachan airson
an dràibheir. Bha iad ag iarraidh a chur gu feum dìreach airson slaodan a
bha làn bathair a tharraing air an deigh. Ach, eadhon airson sin, cho luath
ʼs a bha sneachd bog ann, bhiodh na cuibhlichean a’ dol an sàs ann.
Bha pàirtean dhen charbad a’ reothadh agus bha na daoine a’ cur seachad
mòran ùine ag obair air. A bharrachd air sin, agus a dh’aindeoin fuachd na
h-àrainneachd, bhiodh einnsean a’ chàir uaireannan a’ fàs ro theth!
Ach dh’ionnsaich daoine gu leòr bhon Arrol-Johnston sin. Thuig iad gum
biodh tragaichean, seach cuibhlichean, riatanach air carbadan dhen t-seòrsa
sin anns an Antartaig. Agus bha tragaichean air na carbadan a thug Raibeart
F Scott leis air a thriall Antartaigeach ann an naoi ceud deug ʼs a deich
(1910).
Cha robh Shackleton soirbheachail ann a bhith a’ ruigsinn a’ Phòla a Deas.
Ach chuir e buidheann gu mullach Beinn Erebus – a’ chiad fheadhainn a bha
riamh an sin. Agus chaidh feadhainn na b’ fhaide deas na buidheann sam bith
romhpa – taobh a-staigh ceud mìle bhon Phòla.
Ràinig buidheann eile aige am Pòla Magnaiteach a Deas cuideachd. Mar sin,
bha an triall soirbheachail ann an iomadach dòigh. Nuair a dh’fhalbh an
Nimrod airson tilleadh gu Sealainn Nuadh aig deireadh gnothaich, bha an
Arrol-Johnston air bòrd. Dè thachair dha? Gu mì-fhortanach, chan eil càil a
dh’fhios a’m.