Bha mi ag innse dhuibh mu Uilleam Speirs Brus – an t-Albannach a bha
ainmeil airson a bhith a’ rannsachadh na h-Antartaig. Chaidh e don Chuan a
Deas an toiseach ann an cabhlach de cheithir longan à Dùn Dè. Bha iad a’
coimhead airson fianais air cho pailt ʼs a bha mucan-mara – a ghabhadh
sealg – anns a’ chuan sin.
Am measg nan soithichean a chaidh ann, bha am Balaena. Chaidh òran
a sgrìobhadh mu a deidhinn:
A noble fleet of whalers went sailing frae Dundee, all manned by
British sailors to sail the ocean sea; on the west Atlantic passage
none with her can compare, she’s the finest ship to make the trip, the
Balaena, I declare.
Bhon òran, tuigidh sibh nach ann sa chuan a deas a bha am Balaena
ag obair, co-dhiù aig toiseach gnothaich. Tha an t-sèist ag innse dhuinn
ca’ robh i a’ dol:
With the wind upon her quarter, her engines running free, there's nae
another whaler a-sailing frae Dundee, can beat the old
Balaena
, there’s nae need to try her on, we will challenge a’ baith large an’
sma’ frae Dundee tae St John.
ʼS e St John rubha – Cape St John – ann an Talamh an
Èisg, a tha a-nise mar phàirt de Chanada.
Anns na seachdadan dhen naoidheamh linn deug, bha mu dheich soithichean ag
obair a-mach à Dùn Dè, a’ sealg mhucan-mara anns na cuantan mu thuath.
Bhiodh iad a’ fàgail a’ phuirt anns a’ Chèitean, agus a’ dèanamh air St
John. Às a sin, bhiodh iad a’ seòladh gu tuath – gu Graonlainn agus ceann a
tuath Chanada. Bhiodh iad a’ tilleadh a Dhùn Dè mu thoiseach na Samhna.
Tha aon rann dhen òran gu math inntinneach, oir tha e ag ainmeachadh
soitheach eile a bha gu bhith ainmeil:
Bold Jackman cut his canvas and fairly raised his steam, and Captain
Guy on Erin Boy was ploughing through the stream, and the noble Terra
Nova, her boilers nearly burst, and still at the old whaling grounds,
Balaena got there first.
An Terra Nova. B’ e sin an soitheach a thug Raibeart Falcon Scott
leis don Antartaig ann an naoi ceud deug ʼs a deich (1910), nuair a
chaochail e fhèin is feadhainn eile dhen phàrtaidh aige. B’ e sin an triall
Breatannach dhan tug Comann Rìoghail a’ Chruinn-eòlais taic, seach a bhith
a’ toirt taic do dh’Uilleam Speirs Brus agus an triall Albannach aige.
Ro dheireadh an naoidheamh linn deug, bha na sealgairean a’ mothachadh nach
robh na mucan-mara cho pailt ʼs a b’ àbhaist. ʼS e sin a bu choireach gun
do sheòl an cabhlach, anns an robh am Balaena, don Chuan a Deas
ann an ochd ceud deug, naochad ʼs a dhà (1892), le Uilleam Speirs Brus air
bòrd.
Ged nach robh iad uabhasach soirbheachail, lean feadhainn eile orra. Mu
dheireadh thall, tràth anns an fhicheadamh linn, bha daoine dhen bheachd
gun gabhadh gnìomhachas a stèidheachadh. Thog iad puirt ann an South
Georgia. ʼS iomadh Gàidheal a bha an sàs ann an sealg nam
mucan-mara ann an South Georgia. Bheir sinn sùil air òran Gàidhlig a tha a’
cuimhneachadh nan làithean sin anns an ath Litir.