FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Òran mu Shealg nam Mucan-mara

?S truagh nach do dh’fhuirich mi tioram air tìr, ?N fhìrinn a th’ agam nach maraiche mi,

Audio is playing in pop-over.

Òran mu Shealg nam Mucan-mara

ʼS truagh nach do dh’fhuirich mi tioram air tìr,
ʼN fhìrinn a th’ agam nach maraiche mi,
ʼS truagh nach do dh’fhuirich mi tioram air tìr,
Rim mhaireann cha till mise sheòladh.

Tha mi cinnteach gum bi gu leòr agaibh eòlach air na briathran sin. ʼS e ʼS truagh nach do dh'fhuirich mi tioram air tìr fear de na h-òrain as aithnichte aig na Gàidheil, chanainn. Ach cò mu dheidhinn a tha e?

Uill, tha e follaiseach gu bheil e mu dheidhinn seòladh na mara. Tha an seòladair – am maraiche – a’ gabhail dàrna beachd air co-dhiù bu chòir dha a bhith air druim a’ chuain. Cha toigh leis a bhith na mharaiche. ʼN fhìrinn a th’ agam nach maraiche mi, tha e ag ràdh.

An t-seachdain sa chaidh, bha mi ag innse dhuibh mu shealg nam mucan-mara. Bha gnìomhachas glè mhòr stèidhichte ann an Dùn Dè anns an naoidheamh linn deug. Bhathar a’ cleachdadh ola nam mucan-mara ann an gnìomhachas an diut – a bha mòr ann an Dùn Dè aig an àm sin.

An toiseach bhathar a’ sealg nam mucan anns na cuantan anns a’ cheann a tuath, faisg air Graonlainn. Nuair nach robh gu leòr dhiubh air fhàgail, thug na companaidhean seilg an aire don chuan a deas, timcheall South Georgia. Seo an dàrna rann dhen òran:

Ruith na muic-mhara ri gailleann sa chuan,
Mo mheòirean air reothadh a dh’aindeoin bhith cruaidh,
B’ fheàrr a bhith ʼn-ceartuair air acair air Chluaidh,
Na bhith dìreadh nan crann an South Georgia.

Bha am fear a sgrìobh an t-òran seo na shealgair de na mucan-mara ann an South Georgia tràth anns an fhicheadamh linn. Tha e coltach gun robh an soitheach aige stèidhichte air Abhainn Chluaidh, seach ann an Dùn Dè.

B’ e ùghdar an òrain Dòmhnall Iain Mac a’ Mhaoilein, Dòmhnall Iain Thormoid Ruaidh. Bhuineadh e do Chille Pheadair ann an Uibhist a Deas. Cha robh fearann gu leòr aig a theaghlach airson an cumail a dol. Agus, cleas mòran eile, chaidh Dòmhnall Iain gu muir airson a bheòshlaint a dhèanamh.

Ma tha sinn a’ creidsinn nam faclan aige, cha do chòrd e ris. Bha e gu math fuar is garbh air bòrd soitheach shìos timcheall South Georgia. Seo an treas rann dhen òran:

Dìle bhon t-sneachd ʼs tu gun fhasgadh on fhuachd,
D’ aodann ga sgailceadh le fras bho gach stuagh,
ʼN t-airgead am pailteas ʼs gun dòigh a chur bhuat,
ʼS e sìor losgadh toll ann ad phòca.

Tha e inntinneach mar a tha Dòmhnall Iain a’ cleachdadh an fhacail òinseach anns an rann mu dheireadh. Ann an grunn dualchainntean, tha e a’ buntainn a-mhàin ri boireannaich; tha e a’ ciallachadh boireannach faoin no gòrach. Ach tha an t-ùghdar a’ gabhail ‘òinseach’ air fhèin.

Nuair gheibh sinn fòrladh ʼs nuair ruigeas sinn tràigh,
Falbhaidh an òinseach sa còmhla ri càch,
Chosg mi de dh’airgead air cunntair a’ bhàir,
A cheannaicheadh trì taighean-òsta.

Fhad ʼs as aithne dhomh, cha do cheannaich Dòmhnall Iain taigh-òsta sam bith. Ach, mar a gheall e anns an òran, dh’fhàg e seòladh nan cuantan agus sealg nam mucan-mara, agus fhuair e obair mar phoileas ann an Lunnainn.

Litir 1026 Litir 1026 Litir 1028 Litir 1028

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!