FaclairDictionary EnglishGàidhlig

A’ Chuthag ann an Hiort

Bha mi a’ bruidhinn an t-seachdain sa chaidh mun chuthaig.

Audio is playing in pop-over.

A’ Chuthag ann an Hiort

Bha mi a’ bruidhinn an t-seachdain sa chaidh mun chuthaig. Bidh an t-eun sin a’ tighinn a dh’Alba gach bliadhna. Anns an t-seann aimsir, ʼs ann ainneamh a bhiodh i a’ nochdadh ann an Hiort, ge-tà. Nise, chan urrainn dhomh a ràdh a bheil i a’ dol a Hiort gu tric anns an latha a th’ ann. Ach tha cunntas aig Màrtainn MacIlleMhàrtainn dhen chuthaig ann an Hiort o chionn còrr is trì cheud bliadhna.

‘ʼS ann ainneamh a bhios a’ chuthag ri a faicinn an seo,’ sgrìobh MacIlleMhàrtainn ann an A Late Voyage to St Kilda, ‘agus sin ann an co-cheangal ri tachartasan àraidh, mar eisimpleir bàs an uachdarain, MacLeòid [Dhùn Bheagain], no nuair a nochdas coigreach a tha cliùmhor.’ Dh’aidich MacIlleMhàrtainn gun do rinn e gàire nuair a chuala e sin. Thuirt e ri muinntir an àite nach robh e stèidhichte air reusan.

Saoilidh mi gun do ghabh na Hiortaich a bheachd air an t-sròin. Thuirt iad gun robh fios aig an sinnsirean air an dearbh rud, agus dh’iarr iad beachd a’ bhàillidh air co-dhiù bha an fhìrinn aca. Dhearbh am bàillidh gun robh iad ceart. Ri a linn fhèin agus ri linn athar, bha e fìor. Bha grunnan de mhuinntir an eilein air a’ chuthag fhaicinn an dèidh bàs na dithis uachdaran mu dheireadh, agus bàs na dithis bhàillidhean mu dheireadh, agus goirid mus do nochd coigrich ann an Hiort.

Tha fhios gu bheil ceist agaibh. An do nochd a’ chuthag ann an Hiort goirid mus do nochd MacIlleMhàrtainn fhèin ann? Uill, nochd, a rèir muinntir an àite. Bha na Hiortaich deimhinne gur e an Sgitheanach fhèin a bu choireach ris, oir bha am ministear a bha cuide ris air a bhith ann an Hiort roimhe. Mar sin, chan e coigreach a bh’ ann.

Tha beul-aithris anns an Eilean Sgitheanach a tha a’ cur ris an sgeul seo. Bhathar ag ràdh, anns an t-seann aimsir, nuair a bha sluagh dùthchasach a’ fuireach ann an Hiort, gun tachradh rudeigin annasach nuair a gheibheadh ceann-cinnidh nan Leòdach bàs. Nan tachradh e as t-samhradh, nuair a bhiodh cuthagan gu leòr beò anns na coilltean timcheall Caisteal Dhùn Bheagain, cha bhite a’ cluinntinn na cuthaig tuilleadh. Bhiodh na h-eòin gu lèir a’ trèigsinn Dhùn Bheagain agus a’ falbh a Hiort.

Bha iad nan teachdairean. Chaidh iad a Hiort airson innse do mhuinntir an àite gun robh an uachdaran marbh. Agus thathar ag ràdh, bliadhna a bha seo o chionn fhada, gun deach bàta à Dùn Bheagain gu ruige Hiort airson innse do na daoine gun robh an ceann-cinnidh marbh. Ach bha na Hiortaich a’ caoidh a bhàis mu-thràth. Bha fios aca mu dheidhinn. Bha na cuthagan air innse dhaibh!

Co-dhiù no co-dheth, tha an cunntas aig MacIlleMhàrtainn de Hiort gu math inntinneach. Tha naidheachd bheag aige de long a chuir eathar a-mach air latha ciùin gu Sòthaigh. Bha iad a’ faighinn uisge. Chunnaic na seòladairean uighean air leacan neadachaidh anns an eilean. Shreap fear dhiubh suas. Thug e a bhriogais dheth. Rinn e nàdar de phoca dhith agus lìon e le uighean i.

Bha Hiortaich ann an Sòthaigh an latha sin. Chunnaic iad a’ ‘mhèirle’ a’ tachairt. Chaidh iad os cionn an duine agus leig iad clachan sìos air. B’ fheudar dha teicheadh, a’ fàgail a bhriogais, làn uighean, anns an eilean!

Litir 1028 Litir 1028 Litir 1030 Litir 1030

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!