Halò, a chàirdean. Bidh sibh a’ cluinntinn seo, air a’ chiad chraoladh
co-dhiù, air an latha mu dheireadh dhen Mhàrt. Aig an àm seo dhen
bhliadhna, bidh eun ainmeil Albannach a’ siubhal gu tuath tro thaobh an iar
Afraga. Tha mi a’ ciallachadh na cuthaig.
ʼS dòcha nach eil e buileach ceart a bhith ag ràdh gur e eun ‘Albannach’ a
th’ anns a’ chuthaig, oir bidh i a’ cur seachad a’ gheamhraidh ann am
meadhan no taobh an iar Afraga. Agus bidh i a’ dol don Roinn Eòrpa air fad
as t-samhradh – agus Àisia, a bharrachd. Tha e a’ toirt mu dhà mhìos dhi
siubhal eadar a h-àiteachan geamhrachaidh ann an Afraga agus ceann a tuath
na Roinn Eòrpa. Mar sin, faodaidh sinn a bhith cinnteach gu bheil a’
chuthag air an rathad thugainn an-dràsta fhèin.
Dè cho tric ʼs a bhios a’ chuthag a’ fulang droch shìde? Glè ainneamh,
chanainn. Oir bidh i a’ teicheadh o Alba ann am meadhan an t-samhraidh
airson tilleadh a dh’Afraga, mus till am fuachd.
Tha rann snog againn ann an Gàidhlig a tha mu dheidhinn sin. Seo e:
A chuthag ghorm, a chuthag ghorm, Tha iongnadh orm, gu dearbh, Mur eil thu subhach air gach àm, ʼS an Samhradh leat
a’ falbh. Chan aithne dhuts’ droch shìd’ gu beachd, No sneachd no
Geamhradh garbh, Gur tha thu ʼn Cèitean ciùin do ghnàth, ʼS air
àghmhorachd an sealbh.
An aithne dhuibh am facal subhach – merry, cheerful, joyful? Mur eil thu subhach air gàch àm – mura h-eil thu toilichte, sona fad na h-ùine. Chan aithne dhut droch shìde, no sneachd – cha bhi fuachd a’ gheamhraidh a’ tighinn oirbh uair sam bith. Gur tha thu ʼn Cèitean ciùin do ghnàth – tha thu cleachdte ri làithean ciùin, brèagha a’ Chèitein.
Canaidh mi ann rann a-rithist, gus an tog sibh na faclan: A chuthag ghorm, a chuthag ghorm, Tha iongnadh orm, gu dearbh, Mur eil thu subhach air gach àm, ʼS an Samhradh leat a’ falbh. Chan aithne dhuts’ droch shìd’ gu beachd, No sneachd no Geamhradh garbh, Gur tha thu ʼn Cèitean ciùin do ghnàth, ʼS air àghmhorachd an sealbh.
As t-samhradh sa chaidh, chuala mi a’ chuthag mar nach cuala mi riamh
roimhe i. Bha mi fhìn ʼs mo bhean a’ seòladh a-mach gu eileanan air taobh
an iar na Gàidhealtachd air latha blàth, grianach. Tha caolas cumhang eadar
na h-eileanan far a bheil acarsaid bheag, agus chuir sinn an acair sìos an
sin. Bha e iongantach fhèin brèagha, mar gun robh sinn air a dhol a
phàrras!
Faisg air làimh, air an eilean siar, tha creag a’ stobadh an-àirde. Ma
dh’èigheas sibh thar a’ chaolais bhon eilean air an taobh sear, gheibh sibh
mac-talla a tha fìor mhath.
An ath mhadainn, bha na cuthagan a’ seinn – no, mar a chanas sinn, a’
goirsinn. Gug-gùg, gug-gùg. Bha iad air gach eilean, agus
chanainn gun robh còig no sia de dh’eòin ann. Thòisich am mac-talla
cuideachd. Agus bha e mar gun robh na ficheadan de chuthagan ann, agus iad
a’ goirsinn fad na h-ùine, gun bheàrn de shàmhchair eatarra. Gug-gùg.
Gug-gùg. Gug-gùg. Gug-gùg. Bha e mar gun robh còisir ann. Tha mi an dòchas
nach bi e ro fhada gus an cluinn sinn uile cuthag na bliadhna sa. Gum bi
turas math, sgiobalta, sàbhailte aice!