Chan fhada gus am bi clachan-meallain a’ tuiteam oirnn a-rithist, mura h-eil frasan dhiubh air a bhith ann mu thràth. Faodaidh iad a bhith gu math
guineach, piantail nuair a bhualas iad air do chraiceann ach, mar as trice, ann an Alba cha bhi iad a’ dèanamh cron mòr – air càraichean no togalaichean no
daoine.
Chan ionann e ann an àiteachan eile, ge-tà. Tha cuimhn’ a’m air turas a bha mi ann an Sydney ann an Astràilia. An oidhche roimhe, bha stoirm mhòr ann agus
bha frasan de chlachan-meallain a bha cho mòr ri buill-ghoilf. Chaidh mi tro sgìre far a bheil mòran taighean-gloinne, agus bha na clachan-meallain air
sgrios mhòr mhòr a dhèanamh orra. Tha caraid agam a tha a’ fuireach ann an Sydney agus bha e ag innse dhomh mu dheidhinn stoirm eile nuair a chaidh na
càraichean gu lèir anns an t-sràid aige a mhilleadh le clachan-meallain ach, anns an ath-shràid, nach robh cron sam bith air a dhèanamh.
Tha mi cinnteach gun cuala sibh fhèin naidheachdan annasach mu chnapan mòra deighe a’ tuiteam às an adhar. Uaireannan tha iad a’ tighinn far thogalaichean
àrda. Uaireannan, tha amharas ann gu bheil iad a’ tighinn bho itealain. Ach ciamar a mhìnicheas sinn mar a thuit pìos mòr deighe fad air falbh o bhaile sam
bith nuair nach robh plèanaichean ann am bith? Oir thachair an dearbh rud air a’ Ghàidhealtachd ann am meadhan an naoidheadh linn deug.
Tha Bail’ a’ Mhullaich na bhaile beag gu siar air a’ Bhlàr Dhubh ann an Ros an Ear. Cha chreid mi gun do thachair an t-uamhas ann a sin na eachdraidh a
dhèanadh ainmeil e – ach ’s dòcha aon rud. Air an treas là deug dhen Lùnastal, ann an ochd deug, ceathrad ’s a naoi (1849), thuit pìos mòr deighe don
talamh ann a sin. Bha e mu shia meatairean, no fichead tròigh, bho cheann gu ceann – rudeigin nas mò na clach-mheallain àbhaisteach ann an Alba! Gu
fortanach, cha tàinig e sìos air taigh no bàthach no bò, ged a bha e meadhanach faisg air a’ bhaile-fearainn fhèin.
Chaidh a’ chùis aithris anns a’ phàipear-naidheachd, an Times, a dh’innis don luchd-leughaidh gu robh am pìos deighe brèagha, gu robh e trìd-shoilleir, a’ ciallachadh gum b’ urrainn do dhuine fhaicinn troimhe, agus gu robh e air a dhèanamh de chriostalan daoimeanach a bh’ air an
cur còmhla. Dh’aithris an Times cuideachd nach tàinig e às an adhar buileach gun rabhadh, oir goirid mus do nochd e, chualas brag mòr tàirneanaich
anns na speuran.
Tha mi cinnteach gu bheil sibh air cluinntinn mu dheidhinn frasan èisg is frasan losgann is gnothaichean mar sin, far a bheil beathaichean beaga a’ tuiteam
às an adhar. Tha iad sin cumanta gu leòr ann am mòran àiteachan agus chan eil càil as ùr ann mun deidhinn. Gu dearbh, sgrìobh Pliny (am fear nas sìne) mu
dheidhinn fras de losgannan anns a’ bhliadhna seachdad ’s a seachd (77) A.C.
Ach is annasaiche leam na h-aithrisean a chuala mi mu dheidhinn mar a bhios beathaichean beagan nas motha na sin a’ tuiteam gu talamh, chan ann beò, ach
marbh, agus iad air an cuairteachadh le deigh. O chionn còrr is ceud bliadhna, thuit turtair a-mach às an adhar ann am Mississippi anns na Stàitean
Aonaichte, agus e ann am broinn deighe. Agus dìreach ceithir bliadhna fichead air ais, bha aithris ann am pàipearan-naidheachd gu robh lachan reòite air
tuiteam gu talamh ann an Arkansas. Agus bha sin anns an Dùbhlachd. Bha iad deiseil, tha e coltach, airson dìnnear na Nollaig, ged a bha na h-itean fhathast
orra!